10 Urnuigh Mhaidne, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:45

Morning Family Prayer

O Dhia ghlòrmhoir, shiorruidh agus bheannaichte ! o bheil na h-uile shonas agus bheannachd a sruthadh a nuas, tha sinne do chreutairean ag iarraidh sinn fèin a thaisbeanadh ann ad làthair, leis gach uile urram agus irisleachd, trìd Iosa CRIOSD ar n-Eadar-mheadhonar. O! seall òirnn ann an iochd, mar is gnàth leat a dheanamh air a mhuinntir sin aig a bheil gràdh do t ainm, is leis an àill do thoileachadh.

Leis an dùrachd is leis an taing as mò, tha sinne, le aon ghuth agus le aon chridhe, a toirt cliù do t ainm àrd agus urramach, air son tròcair agus tearuinnteachd na h-oidhche chaidh thàiris, is air son comas a bhith againn air a mhaduinn so cathair nan gràs a chuartachadh.-Nuair a smaointicheas sinn air cia-lion cunnart dam bheil sinn buailteach feadh na h- oidhche, air cia-lion ni tha feumail gu aon oidhche fhàgail foistinneach is air cho cosmhail is a tha an cadal as sèimhe ris a bhàs ; O cia mòr an gràdh, an taing, agus an t-iongantas, leis am bùin e dhuinne cliù thoirt do ainm an DIA a chum beò sinn ! Cia mòr do chùram mur timchioll, O Thighearna ! Nar laighe agus nar n-èirigh tha thu ghnàth maille ruinn, is tha do choibhneas gràidh gach maduinn ùr dhuinn.

Cia taitneach air a mhaduinn so ar staidne, seach moran d ar co-chreutairean ! Cia lionmhor iadsan air an oidhche chaidh seachad a chaidil cadal a bhàis is nach faic gu bràth tuille solàs na grèine ! s cia lionmhor iadsan a bha air an cràdh le tinneas agus le pèin, a tionndadh air an leabaidh, gun fhois gu teachd an là, an trà fhuair sinne slàinte, tàmh, agus tearuinnteachd ! Air a shon so, gu ma beannaichte gu robh Dia ar slàinte, dam buin teasraiginn on bhàs, a nochd a chàirdeas duinne !

Tha ar n-anman, O DHIA, air an cràdh gu geur, an uair a smaointicheas sinn cia dì-chuimhneach a bha sinn ortsa, s cia olc a dhìol sinn gach comainne phrìseil a fhuair sinn. O, cia beag dar beatha ghoirid a bha air a buileachadh ann ad sheirbhis-sa, no chum do ghloir, ged bu dligheach dhuit an t-iomlan, agus siorruidheachd uile, bhi air a buileachadh ann ad mholadh ! Cia mòr dar beatha fhaoin, a rinn sinne mòran na b fhaoine, ler giùlan amaideach agus peacach ! Cia tric a rinn sinn dearmad ortsa s air ar dleasanas, agus a thug sinn easumhlachd do d lagh naomh ! Cia fuar a bha ar gràdh dhuit, cia fàilneach ar togradh ann ad dhèidh, cia neo-shuidhichte ar gluasad maille ruit, gun bhith fàs ann an gràs no ann an naomhachd mar bu chòir dhuinn !

Maith dhuinn, O DHIA air sgàth CHRIOSD, ar n-uile pheacaidhean, dearmad agus deanadais ; agus bi rèidh ruinn annsan a bhasaich air son ar sìth, agus a tha ri sìor eadar-ghuidhe air ar son. O, tog oirnn solus do ghnùis, is bi tròcaireach ; suidhich do shìth nar cridheachan is biodh comhfhurtachd ar Dis dhuinne na spionnadh agus an aoibhneas !

Buidheachas duit, O DHIA, ged dh fhaodadh tu fada roimh an am so ar gearradh a sìos, mar dhaoine bha cur dragh air an talamh, gidheadh gun do bhuanaich thu sinn fathasd ann anstaid deuchainn agus dòchais ; gu bheil cothrom againn fathast ichdan a leasachadh, agus aithreachas treibhdhireach a dheanamh air son ar n easùmhlachd, a chionn gu bheil CRIOSD fathast a tagradh ar cùise aig deas-làimh an ATHAR.

Ach cia fhad a mhaireas an cothrom àghmhor so, no bhios ar ceud-fàthan agus ar slàinte air am buanachadh leinn a chùm ar n-ùine a dheagh-bhuileachadh, chan eil fios againn. Seadh,chan eil fios againn ciod a dh fhaodas an là so fèin a thoirt mu n cuairt, no nach e an là ma dheireadh dhuinn air thalamh. O gum deanadh na smaointe so ar n-anman a dhùsgadh suas gu deasachadh le cùram air son na siorruidheachd sin a tha, la an dèidh là, a teachd nas faigse dhuinn ! O gum bitheamaid a nis glic ; gun deanamaid na h-uile dìchioll gu ar gairm taghadh a dheanamh cinnteach, is gum bitheamaid cuimhneach air ar crìch dheireannaich !

O DHIA nan uile ghràs, dean thusa, air sgàth CHRIOSD, cuideachadh do SPIORAID a thoirt duinn, a chum is gum bi sinn air ar beothachadh ann an slighe t àitheantan. Aom ar cridheachan a chùm do reachd, air chor is gun coimhead sinn e ju là ar crìche, le dìchioll agus le treibhdhireas. Cuidich leinn ir gràdh dhuit-sa dhearbhadh, le bhith gluasad a rèir do shoisgèil le bhi toirt gràidh do aon a chèile s le deagh rùn eadhon d ar naimhdean, a chùm is mar sin gum bi sinn nar cloinn dar n-Athair Nèamhaidh a tha toirt air a ghrèin èirigh air an olc is is air a mhaith, agus nar deisciobuil don Ti sin bha a sìor-dhol mun cuairt a deanamh maith, s a bhàsaich ag cur suas ùrnuigh air son a naimhdean.

Tha sinn ag iarraidh an deagh rùin so do na h-uile thaisbeanadh, ler n-athchuinge chur suas ri DIA, Athair nan uile, air son an sonais agus an slàinte. Is tusa, O Dhia ! Athair nan uile ; ach cia mòr a chuid de d theaghlach a tha aineolach ort, is aig a bheil an inntinn air a dalladh, air chor is gu bheil iad gun DIA, gun CHRIOSD, agus gun dòchas anns an t-saoghal. O Thusa a dh àithn don t-solus dealradh an toiseach a mach à dorchadas, dealraich nam measg le d shoisgeul, a thoirt doibh eòlais ort fèin ann an IOSA CRIOSD, an fhìrinn agus a bheatha. Cuir casg air na h-uile mearachd agus mealltaireachd a thog ceann an aghaidh an t-soisgeil, agus soirbhich le rìoghachd an TIGHEARNA.

Tog suas t Eaglais nar measg-ne, soirbhich ler lochd teagaisg, is beannaich ar ban-righ agus ar n-uachdarain. Beannaich gu h-àraid ar cairdean, ar luchd-daimh, is ar luchd-eolas. Biodh iad uile nan càirdean is nan cloinn do DHIA, trid Iosa CRIOSD. Soirbhich leo nan gnothaichean laghail, ach gu h-àraid ann an cùis an anman. Thoir dhoibh na ,chi thu maith dhoibh anns gach staid an so, agus na dhèidh so a beatha shiorruidh. Biodh do làmh an taice ri luchd na h-easlainte, s thoir crìoch shona dan uile àmhgharan. Thoir còmhnadh don mhuinntir a tha air am buaireadh, fuasgladh don mhuinntir tha air an sàrachadh, is gàirdeachas don mhuinntir a tha ri bròn, air son an lochdan fèin, is lochdan dhaoine eile.

Beannaich, a DHIA, an teaghlach so, s gach neach a ta ann, do gach aois agus inbhe. Dean faire tharuinn, O Athair throcairich, trìd an là, is glèidh sinn o gach olc, araon o aingidheachd agus o fhulangas. Cuidich leinn sinn fèin a ghiùlan gu faicilleach anns an t-saoghal, is anns na h-uile gnothach, cuideachd, agus coluadar, sinn fèin a choimhead le cùram diadhaidh. Cuartaich sinn le t fhàbhar mar le sgèith ; ullaich sinn air son do thoil a dheanamh le dùrachd, agus a ghiùlan le faighidinn. Neartaich sinn an aghaidh buairidh, is cùm suas sinn do ghnath nar n-ionracas, a chùm is fadheòidh gum meal sinn aoibhneas ar TIGHEARNA.-Air a sgàth-san, O DHIA, dean air ar son os ceann na s aithne dhuinn iarraidh no a smaointeachadh ; agus do t ainm àrd agus urramach, ATHAIR, A MHIC, agus a SPIORAID, gu robh gach cliù agus moladh, fad saoghail nan saoghal. Amen.