9 Urnuigh Fheasgair, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:43

Evening Family Prayer

O DHIA uile-mhaith agus uile thròcairich! tha sinne a' teachd do t' ionnsuidh mar chloinn a chùm an Athar, ag creidsinn gu bheil thu uile-chomasach, uile-ghlic, agus uile-ghràsmhor, 's gur ann duit a bhuineas na h-uile shaoghal agus na h-uile nithe. Tha sinn air an aobhar sin a' teachd do t' ionnsuidh air son gach ni tha feumail duinn a chùm beatha agus diadhachd.

Ach ciod sinne, no ciod e ar teaghlach, gu'n tugadh an DIA an a chruthaich nèamh agus talamh, 's a tha riaghladh nan uile shaoghal fa-near sinn ! Trà sheallas sinn air na speuran, obair do làmh ; air a' ghealaich is air na reultan a dh' òrduich thu, dh' fhaodadh eagal a bhith oirnn gu'm bitheamaid fèin air ar leigeadh air dì-chuimhn', mur biodh ar fiosrachadh air do mhaitheas, cho maith ri t' fhocal ag innseadh dhuinn gu bheil do fhreasdal cho faicilleach mu thimchioll gach aon againn is ged nach biodh an earbsa riut ach sinn fein a mhàin.

Cia iongantach, O DHIA, an cumhachd sin leis an do chruthaich thu air tùs is leis a bheil thu fathasd ag cumail suas an domhain is gach creutair a tha 'ga àiteachadh ! Cia iongantach an t-eòlas agus an gliocas a tha toirt fa-near cor gach aon de na h-uile gnè chreutairean a rinn thu ! 's cia saibhir am maitheas a tha frithealadh d'am feum air gach tràth, 's a' sàsachadh miann gach dùile bheò air bith ; Co rannsaicheas, O DHIA, do bhuaidhean, no thuigeas do mhòrachd ! tha do thròcair air a sgaoileadh thar t' uile oibre !

Is e saibhreas do mhaithis agus do thròcair, O DHIA, a chùm gu bheil peacaich mar sinne, air ar caomhnadh gu ruig an t-àm so, 's gu bheil sinn a nis ag cuartachadh cathair nan gràs, anàite bhith air bhall-chrith aig cathair a' bhreitheanais. Na'm buineadh tusa ruinn mar a thoill sinn, an àite gach comhfhurtachd agus dòchais a ta againn, bha sinn fada roimh an àm so, ag giùlan do chorruich ann an dòruinn shiorruidh.

Ach cliù do t' ainm nach ann mar DHIA dìoghaltais agus breitheanais a rinn thu thu fèin aithnichte dhuinne, ach mar DHIA iochdmhor agus tròcaireach, aig nach 'eil tlachd air bith 'nar bàs, ach leis an àill gu'm pilleamaid le aithreachas, agus gu'm bitheamaid beò. Mar so, cuideachd, tha thu air do leigeadh ris duinn ann a t' fhocal, mar DHIA a ghràdhaich an saoghal cho mòr is gu'n do chuir thu t' aon-ghin Mhic d'a ionnsuidh, a chùm is cò air bith a chreideadh ann nach rachadh iad am mugha, ach gu'm faigheadh iad a' bheatha mhaireannach.-Tha sinne, O DHIA, ag creidsinn ; neartaich thus' ar creideamh ; agus cuidich leinn gabhail ri IOSA CRIOSD mar Phrionnsa agus mar Shlànuighear, a thoirt duinn maitheanais peacaidh agus beatha. Tha sinn a' deanamh gàirdeachais gu'n d' thàinig e dh' ionnsuidh an t-saoghail a chùm na crìche so, gu'n d' thug e dhuinn eisimpleir cho naomha, teagasg cho oirdheirc, mìorbhuile cho glòrmhor is iobairt cho foghainteach. Tha sinn a' deanamh gàirdeachais 'na aiseirigh, 'na eadar-ghuidhe, 'na SPIORAD a chur e dh' ionnsuidh an t-saoghail, is 'na ghealladh fèin ri teachd a rìs air an là dheireannach. O, gu'm bitheamaid air ar firinneachadh tre chreidimh annsan, is sìth againn ri Dia air sgàth ìobairt-rèitich air a' chrann-cheusaidh !

Maith dhuinn, O DHIA, air a sgàth-san, ar n-uile pheacaidhean, 's gu sònraichte gach ni a chunnaic do shùil am mearachd an diugh 'nar cridhe no 'nar giùlan. An nochd gabh ruinn gu tròcaireach, agus beannaich sinn, oir tha sinn 'gar toirt fèin suas duit, ag guidhe gu'm bi thu ad' DHIA agus at' Athair dhuinn, gu'm bi do mhac 'na Phrionnsa is 'na Shlànuighear dhuinn, 's gu'm bi do Spiorad 'gar naomhachadh, 'gar teagasg, 'gar stiùradh, 'gar cuideachadh, is 'gar comhfhurtachadh.

Maille ri'r n-athchuinge, tha sinn ag cur suas ar molaidh do 'n DIA sin a bha leinn fad ar beatha, 's gu h-àraid air feadh an là an diugh. O'n mhaduinn gu ruig an oidhche, mheal sinn solus, sòlas, tearuinnteachd agus comhfhurtachd, agus so uile o'n Dia sin o'n tig gach aon tabhartas maith agus foirfe.

Ma shoirbhich sinn an diugh 'nar gnothuichean laghail, no ma bha saothair ar làmh an tomhas air bith air a beannachadh, do t' ainm-sa mhàin, O DHIA, gu robh an cliù. Ma thàinig sinn trìd là eile saor o dhochunn agus o chunnart, le slàinte cuirp is le subhachas inntinn, dhuit-sa O DHIA, 'na t' aonar buinidh am buidheachas. Gu h-àraid, ma sheachainn sìnn peacadh sam bith no buaireadh, no ma fhuair sinn buaidh air ana-miann air bith, ma bha sinn air ar gleidheadh gun tuiteam an cionta mhaslaich sam bith, 's air ar cumail o uabhar, o fheirg is o iomaguin ; do 'n aon DIA ghlic, an Slànuighear, gu robh an cliù agus am moladh !' Coigil sinn, tha sinn ag guidhe, O Thigearna, gu là eile. Dìon ànn o gach dosgaidh trìd na h-oidhche, 's naomhaich ar cadal agus ar fois duinn, a chum is 'nuair a dhùisgeas sinn sa' mhaduinn ann an slàinte, gu'n toir sinn an sin is gu bràth moladh dhuit.- O deònaich gu'm faighear sinn air crìch gach là d'ar beatha, ma's iomchuidh air son beatha 's fearr : 's gu'm bi sinn gach là i' bàsachadh do'n t-saoghal so, d'a sholas, d'a bhuannachd, agus d'a onoir, a chùm is 'nuair a thig an t-am, nach bi iomaguin no eagal òirnn fhàgail.

'S mu thimchioll ar n-atharrachaidh as an t-saoghal so, tha SINN ag guidhe, O DHIA, gu'n òrduich thu gu'n tachair sin ann an aìr 'sam bi sinn deas fa chomhair. Anns an uair shòlaimte sin biodh ar n-obair crìochnaichte, ar rèite deante, ar creideamh beo, 's ar gràdh laiste : 's ann an gleac ri righ nan uamhas, deònaich dhuinn còmhnadh treun do SPIORAD, a chùm ar saoradh o gach uamhas agus amharus mu thimchioll ar staid siorruidh, agus buaidh, agus tuille 's buaidh thoirt duinn trìd Iosa CRIOSD, a chùm is gu'm bi sinn gu siorruidh maille ri'r TigherARNA.

Dh' àithn thu dhuinn, O DHIA ar n-ùrnuigh, ar n-eadarghuidhe, 's ar buidheachas, a chur suas air son nan uile dhaoine. Thigeadh na h-uile dhaoine a dh' ionnsuidh na firinn mar a ta i an IOSA ! Craobhsgaoil do shoisgeul, sàbhail do phobull, agus beannaich t' oighreachd. Gabh cùram d'ar ban-righ agus d'ar dùthaich, is thoir stiùradh do luchd ar riaghlaidh. Pill uainn na breitheanais a tha 'n tòir oirnn, is dòirt air na h-uile dhaoine Spiorad ùrnuigh agus aithreachais. Gabh truas do gach aon ann an trioblaid, is naomhaich dhoibh an anshocair. Bi tròcaireach d'ar coimhearsnaich agus d'ar càirdean, is dean ' naimhdean rèidh ruinne agus riutsa. Dean tighean nan uile Chriosduidhean 'nan tighean-ùrnuigh, is tog dealradh do ghnùise air gach neach a tha gu dùrachdach ag iarraidh t' aghaidh.

Beannaich sinne leis gach rogha beannachaidh ann an CRIOSD, naomhaich dhuinn gach staid am bheil no sam bi sinn anns a' bheatha so. Tha ar n-uile athchuinge, ar n-uile anmhuinneachd, 's ar n-uile uireasbhuidh, O DHIA, aithnichte dhuit-sa : seall ann an iochd air do chreutairean truagh, a tha 'gar toir feìn suas duit, is 'gar fàgail air do chùram ; agus thoir freagradh d'ar n-ùrnuigh ann an sìth, o righ-chathair do thròcair, air sgàth IOSA CRIOSD ar Tighearna, d'an robh, maille riutsa, 's ris an SPIORAD Naomh, an t-aon DIA, agus ar Dia-ne, gach cliù agus urram, fad saoghal nan saoghal. Amen