8 Urnuigh Mhaidne, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:41

Morning Family Prayer

O THIGHEARNA DhiA, uile naomh ! tha sinne do chreutairean truagha, a' tairgse, air maduinn an là so, teachd am fagus duit ann an ainm aon Mhic do ghràidh, a dh' iarraidh do thròcair, agus a dh' aideachadh do mhaitheis. O deònaich, 'nuair a tha sinn a' teachd am fagus duit le'r beoil, nach bi ar cridheachan fuar no fada uait, ach gu'n toir sinn aoradh dhuit ann an Spiorad is ann am firinn, leis na h-uile urram diadhaìdh agus muinighin.

Gu ma beannaichte gu robh t' ainm gu'n d' thug thu tearuinnte sinn troimh dhorchadas agus troimh chunnartan na h-oidhche, 's gu bheil sinn beò air maduinn eile, air ar cuartachadh le d' choibhneas gràdhach. Laigh, chaidil, agus dhùisg sinn, a chionn gu'n do chùm Dia gu caomh a suas sinn. Air an aobhar sin ni sinn ar n-ùrnuigh riut gu moch, is thig sinn le'r n-ìobairt bhuidheachais 'na t' fhianuis.

Tha fios againn nach DIA thusa le 'm miann an t-olc, 's nach seas an t-amadan ad' làthair, agus air an aobhar sin tha sinn a' tairgse ar làmhan a nigheadh ann an neo-chiont, an uair a tha sinn ag gabhail os làimh t' altair naomh a chuartachadh. O, cruthaich fèin annainn cridheachan glana 's ath-nuadhaich spiorada ceart an taobh a stigh dhinn, a chùm is gu'm bitheamaid iomchuidh air teachd am fagus duitsa, O a Righ nan naomh !

Tha sinn ag aideachadh gu'n d' fhuair ar n-aingidheachd gu bitheanta buaidh oirnn, 's gun d' fhàs sinn buailteach do d' dhiombsa agus do d' chorruich. Ach tha sinn ag guidhe, agus ag gabhail dòchais, 'nuair a tha sinn a' pilleadh do t' ionnsuidh le bròn agus le aithreachas, gu'n dean thu iochd òirnn air sgàth IOSA CRIOSD, is gu'n deònaich thu dhuinn do thròcair is do mhaitheanas. Gabh, tha sinn ag guidhe, ri'r n-aithreachas, ri'r n-aoradh, agus ruinn fèin, air maduinn an là so, oir tha sinn a' tairgse sinn fein thoirt suas duit-sa, an DIA d'am buin sinn, a chruthaich, a cheannaich 's a chùm beò sinn, 's aig a bheil, air an aobhar sin, còir oirnn fcin agus air ar seirbhis.

Air an là so, tha sinn, O DHIA, 'gar cur fèin air do chùram, 's ag guidhe trìd an iomlain deth, gu'm faigheamaid stiùradh agus tearnadh do fhreasdail. Tha sinn a' tionnsgnadh air là elle d'ar gnothaichean saoghalta agus d' ar saothair ; bi thusa maille ruinn anns na h-uile obair laghail, agus cuidich leinn a bhith dìchiollach, ionraic, agus treibhdhireach anns gach dreuchd agus inbhe 's an d' rinn do fhreasdal ar suidheachadh. Tha sinn a' tairgse thusa chur romhainn anns gach ball, agus ag guidhe gu'n stiùir thu sinn le d' chomhairle, 's gun soirbhich thu leinn le d' bheannachadh.

Tha sinn a' tionnsgnadh air là eile de làithean ar deuchainn agus ar feumalachd sa' bheatha so ; O, cuidich leinn gach cothrom agus tàlann a chuir thusa 'nar làimh a dheagh-bhuileachadh, 's a bhith na 's dùrachdaiche chùm do ghlòir fèin is leas ar co-chreutairean a chur air aghaidh. Sruthadh ar n-uile ghnìomharan o ghràdh do DHIA 's o ghràdh do dhaoine, 's na bitheamaid ciontach ann an ni sam bith a thoilleadh achmhasan duinn o'r coguis air teachd na h-oidhche.-A chùm na crìche so, gleidh thusa sinn o shlighe gach buairidh, no thoir dhuinn gràs gu cathachadh 'nan aghaidh, no dorus gu teicheadh uapa. Chan 'eil earbsa air bith againn as ar neart fèin ; ach tha ar n-earbsa gu lèir, O DHIA, á còmhnadh agus gràs do Spioraid, trìd IOSA CRIOSD ar TIGHEARNA.

Tha sinn a' tionnsgnadh air là eile de làithean ar cùram, 's gun am fios as lugha againn ciod a dh' fhaodas tuiteam a mach no tachairt duinn d'a thrìd. Ach tha fios agadsa, O DHIA, air na h-uile nithe, oir tha iad uile fo d' stiùradh : agus air an aobhar sin tha sinne ag iarraidh gun bhith ro-chùramach no iomguineach mu ni sam bith, ach anns na h-uile nithe, le agus le athchuinge, bhi a' deanamh ar guidhe aithnichte dhuit-sa. O ! ma 's e do thoil e, thoir dhuinn dol troimh an là so ann an sìth agus ann an comhfhurtachd, le dealradh do ghnùis air a thogail air an n-anman. No, ma chi thu iomchuidh trioblaid no deuchainn sam bith a leigeadh 'nar rathad, deònaich gn'm bi gach ni thachras duinn air a naomhachadh dhuinn, gu'n sealbhaich sinn ar n-anman le faighidinn, 's gu'm bi comhfhurtachd an SPIORAID agus sìth DHE, trìd IOSA CRIOSD, a' sìor ghabhail còmhnuidh an taobh a stigh dhinn.

Tha sinn a' tionnsgnadh air là eile, a bheir sinn an uiread sin na 's dlùithe air an là dheireannach is air an t-siorruidheachd shòlaimte sin a thig 'na dhèidh : O teasgaisg dhuinn ar n-uile làithean àireamh, a chùm is gu'n socraicheamaid ar cridheachan air fior ghliocas ! Cuidich leinn dleasanas gach aon là a dheanamh 'na là fèin, is buanachadh mar sin gu treibhdhireach gus an tig ar n-atharrachadh. Cuidich leinn gu h-àraid a bhith fad an là so ann a t'eagal is ann a t' fhàbhar, 's ar n-uile smaointe, bhriathra, agus ghnìomhara bhith chum do ghlòire. O ! na ceil òirnn do thròcair, no mothachadh sòlasach air do làthaireachd. Deanadh do fhreasdal an diugh ar dìon, do SPIORAD ar stiùradh, agus do ghràs ar còmhnadh !

Maille ruinne, biodh uile theaghlaiche na talmhainn air an toirt gu eòlas an aon DE, 's aon Eadar-mheadhonair, IOSA CRIOSD. Maille ri sochairean cruthachaidh agus freasdail, thoir dhoibh, a DHIA, sochairean na saorsa, 's craobh-sgaoil 'nam measg solus agus slàinte do shoisgeil. Mar so, biodh IOSA CRIOSD 'na sholus a shoillseachadh nan uile chinneach, is 'na ghlòir do d' phobull Israel.

Deònaich gu'm bi sinne, anns na rìoghachdan so air an do dhealraich Grian na fireantachd, cùramach gu gluasad na 's mò 's na 's mò mar is cubhaidh do chloinn an t-soluis, agus ag cor cùl ri oibrean neo-tharbhach an dorchadais.-A chùm na crìche so, biodh ar ban-righ agus ar luchd-riaghlaidh air an riaghladh leatsa. Comhairlich luchd ar comhairle, teagaisg luchd ar teagaisg, is bitheamaid gu lèir air ar teagasg le DIA.

Tha sinn ag guidhe gu'm faigh ar coimhearsnaich agus ar càirdean cuid de na sochairean aimsireil agus spioradail a tha sinn ag guidhe air ar son fèin. Tha sinn ag guidhe gu'm fàs ar naimhde 'nan càirdean dhuit-sa agus dhuinne, 's gu'n oibrich thu anns gach aon againne deagh-thoil do na h-uile dhaoine, le dùrachd agus dìchioll, cho fada 's a d' fhaodas sinn, gu'n leas a chur air aghaidh. Comas air bith a bheir thusa dhuinn gu maith a dheanamh air cuirp no anman dhaoine, tha sinn 'ga mheas mar onoir, 's ag iarraidh a bhuileachdadh mar stiùbhartachd.-Gabh cùram do'n uireasbhach agus do'n easlainteach, is tagair cùis gach neach a tha fulang air sgàth na còrach. Bi ann ad' charaid do'n choigreach, ann ad' chul-taic do'n bhantraich agus do'n dilleachdan, is tròcaireach a rèir am feuma do gach neach ann ad' theaghlach mòr air thalamh.

A nis, O THIGHEARNA, èisd agus beannaich sinn, air sgàth IOSA CRIOSD, a theagaisg dhuinn a ràdh, Ar n-Athair a tà air nèamh, etc.