7 Urnuigh Fheasgair, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:24

Evening Family Prayer

O DHIA ghlòrmhoir aig a bheil do chòmhnuidh ann an solus ! tha 'n oidhche 's an là cho-ionann duit-sa ; chan urrainn dorchadas no sgàile bàis luchd-deanamh na h-aingidheachd fhalach as do shealladh ; tha dìomhaireachd a' chridhe aithnichte dhuit, agus is lèir dhuit uile smaointe chloinn lan daoine. 'S ann le eagal naomh agus le urram a bhuineas luinne, air an aobhar sin, teachd gu t' fhianuis, O DHIA uile-àthairich, uile-lèirsnich, agus uil'-fhiosraich. Na bi ullamh, ba sinn ag guidhe, gu'r peacaidhean a chomharrachadh 'nar h-aghaidh, ach gabh ruinn gu tròcaireach, air sgàth do ghràis ann an IOSA CRIOSD.

Air crìch là eile tha sinn, a nis, O DHIA, ag iarraidh thoirt duit-sa thug tearuinnte d'a thrìd sinn. Chùm do làmh a suas sinn, ged nach robh sinn 'ga faicinn : ghabh do fhreasdal cùram dhinn 'nar dol a mach is 'nar teachd a steach, is bhuanaich thu leinn ar sìth, ar sochairean agus ar slàinte. Gu ma beannaichte gu robh DIA, a tà gach là 'gar cuartachadh le thiodhiacan, 's a' lionadh ar n-anman le mhaitheas !

Cia iongantach, O DHIA, do mhaitheas duinne, clann nan daoine ! Tha thu toirt duinn nan aingeal gu'r dìon, 's nan creutairean as ìsle gu frithealadh dhuinn: tha thu toirt duinn t' fhocail gu'r stiùradh, do Spioraid gu'r comhnadh, do Mhic gu'r saoradh, 's do rìoghachd gu'r deanamh sona. Gidheadh an dèidh so uile, cia beag taing, no gràdh, no ùmhlachd a fhuair thu uainne, air an do bhuilich thu cia lion sochair ? Tha aobhar againn, a DHIA, gach aon là sinn fèin irisleachadh ad' làthair, a dh' aideachadh ar fàillinn agus ar peacaidh. Cia dì-chuimhneach sinn air ar DIA; cia dearmadach air ar dleasanas; cia beag buil a thug sinn as ar n-ùine, 's cia beag cùram mo shlàinte ar n-anman ann an saoghal eile !

'Nuair a mhi-bhuilich sinn mar so do thròcair, bu cheart-bhreitheach dhuit-sa, O DHIA, chan e 'mhàin gach ni fhuair sinn cheana thoirt uainn, 's gach ni tha sùil againn ri fhaotainn a chumail air ais uainn, ach mar an ceudna ar cuibhrionn a thoirt duinn ann am prìosan truaighe, far a' bheil gul, bròn, agus gìosgan fhiacall-O cia mor a tha sinn an comainne DHE, nach do bhuin e ruinn mar a thoill sinn, ach gu bheil e fathasd 'gar gairm gu aithreachas, maitheanas, agus tròcair. Dean glic sinn, O DHIA, gus an cothrom àghmhor a tha thu toirt duinn a dheagh-bhuileachadh, is tarruing sinn do t' ionnsuidh fèin, trìd CHRIOSD, le còrdan gràidh, 's le oibreachadh do Spioraid.

'S mar bu mhaith leinn thar gach ni Thusa a thoileachadh, cuidich feinn a chùm na crìche so, t' àitheantan a choimhead le cridhe treibhdhireach, a rèir na riaghailt agus na h-eisimpleir a thug ar TIGHEARNA dhuinn 'san t-soisgeul. Thugadh mothachadh air ar n-anmhuinneachd fèin òirnn a bhith do ghnàth ri faire agus ri urnuigh is thugadh meud na duais a ta air a cor mu'r comhair òirnn a bhith dùrachdach 'nar spiorad, a' toirt seirbhis do'n TIGHEARNA. Deanadh an gràdh iongantach a thug DIA dhuinn, ar cridheachan a lionadh le teas-ghràdh dhàsan, 's le gràdh do na h-uile dhaoine, a' deanamh na h-uile maith a dh' fhaodas sinn d'an corp agus d'an anam. Mar dheisciobuil Phrionnsa na sìth, iarramaid sìth ris na h-uile dhaoine, sìth ri' r naimhdean, le faighidinn, fad-fhulangas agus sìor-mhaitheanas, sìth ri'r càirdean le acarachd agus le coibhneas, sìth ri' r coguis fein le caithe-beatha neo-choireach agus naomha ; 's thar gach ni, sìth ri DIA trìd CHRIOSD, le ùmhlachd thairis agus dhìleas a thoirt d'a uile àitheantan.

Tha fios againn, O DHIA, gu bheil sinn air ar cuartachadh le iomad nàmhaid, is buailteach do mhìle fàillinn agus buaireadh. Air an aobhar sin, O Athair nèamhaidh, na fàg thusa sinnuair air bith an earbsa ruinn fèin. Neartaich, naomhaich, agus stiùir sinn le d' Spiorad, gus an ruig sinn ann an tearuinnteachd crìoch ar dòchais, eadhon slàinte ar n-anman,-Gu ruige sin, tha sinn ag guidhe gu'm bi ar creideamh gach là a' fàs na 's làidire, ar n-aigne na 's nèamhaidh, ar dòchas na 's àirde, 's ar gràdh na 's laiste.

Saor sinn o ro-chùram an t-saoghail, o an-dòchas as do fhreasdal, 's o mhonmhur a dheanamh mu ni sam bith 'nar crannchur. Cuidich leinn a chuimhneachadh gur h-ann air son siorruidheachd a chaidh ar cruthachadh, 's gur h-ann mu shiorruidheachd a mhàin is cubhaidh d'ar n-anman a bhith fo chùram. Biodh ifrinn agus nèamh gu tric 'nar fradharc, a chùm is gu'n toir glòir nan naomh, is truaighe nan aingidh oirnn nèarnh iarraidh le tuille dùrachd, is ifrinn a sheachnadh le tuille faicill. Biodh fuaim na trompaid dheireannaich gu tric 'nar duais, a chùm is 'nuair a thig am breitheanas gun amharus, gu'm measar sinn iomchuidh air son seasamh ann an làthair a' Bhreitheimh.

Agus mar a tha sinn, oidhche 'n dèidh oidhche, a' teachd na 's dlùithe do na nithe sòlaimte so, O deònaich, a DHIA, gu'm bi ar n-ullachadh a rèir sin a' fàs na's pailte. Bitheamaid gach là 'gar ceasnachadh fèin ciod na mearachdan a leasaich sinn, ciod na peacaidh a thrèig sinn, ciod na buairidhean air an d' thug sinn buaidh, agus ciod a' bhuil a thug sinn as ar n-ùine 's as ar cothrom. 'Nuair a bhios sinn tosdach air ar leabaidh 's an oidhche, deònaich gu'm bi còmhradh againn r'ar cridhe fèin mu thimchioll lan nithe so. Gach uair a chuireas sinn dhinn ar n-èideadh, 's a aigheas sinn sìos air ar leabaidh, bitheamaid cuimhneach air in uair sin anns an cuir sinn dhinn a' cholunn thalmhaidh so, 's anns an laigh sinn an leaba na h-uaighe, a chùm is nach bi im bàs 'na uamhas duinn an uair a thig e.

O Athair nan uile ! bi tròcaireach do na h-uile dhaoine. Saor gach cearn de 'n t-saoghal o aineolas, o aingidheachd, o iodhal-aoradh, 's o shaobhchràbhadh. Cuir casg air ana-creideamh is aindiadhachd, is na leig le innleachd air bith siorbheachadh an aghaidh rìoghachd do Mhic. Biodh a rìoghad-san os ceann gach rìoghachd, is biodh 'ainm gu siorruidh beannaichte. Beannaich ar dùthaich, ar ban-righ, is ar luchd-riaghlaidh. Dean maith do neach air bith a rinn no dhùraichd maith dhuìnn, 's thoir maitheanas do neach air bith a rinn no dhùraichd dhuinn eucoir. Thoir dhoibh-san seirc, 's thoir dhuinne tearuinnteachd, 'nar cliù, 'nar maoin agus 'nar pearsa. Bi 'nad chul-taic do gach neach an teinn, agus bi dlùth do gach neach an an-shocair.

A nis, O DHIA, tha sinne 'gar n-earbsa fèin riut trìd na h-oidhche so, ag guidhe gu'n dean do fhreasdal faire tharaìnn, 's gu'n campaich t' aingil mu'r timchioll. Na leig le tinneas air bith briseadh air ar fois, no le uamhas air bith teachd dlùth dhuinn. Thoir dhuinn dùsgadh maidne ann an sìth, 's thoir dhuinn ann an siorruidheachd, air sgàth CHRIOSD, ar cuibhrionn anns a' bheatha mhaireannaich.-Gu robh gràdh DHE an Athar, gràs slàinteil ar Tighearn IOSA CRIOSD, is co-chomunn an SPIORAID Naoimh, leinne, 's le uile phobull DE a nis is gu siorruidh. Amen.