6 Urnuigh Mhaidne, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:21

Morning Family Prayer

O DHIA ghlòrmhoir agus naomha, a chruthaich an domhan s a tha do ghnàth ga riaghladh is ga chumail suas ! tha sinne le urram diadhaidh a tairgse teachd am fagus duit air maduinn an là so, chum do chliùthachadh mar ar Cruithfhear ar n-àrd fhear-comaine, ar fear-tearnaidh agus ar fear-saoraidh. Tha ar bith agus ar beatha, O Dhia ! ann ad làimh is tha do freasdal caomh ag gabhail cùram dhinn anns gach àm is anns gach ionad. Chan eil là no oidhche, moch no anmoch, nach eil a toirt mìle dearbhadh dhuinn air do thròcair is air do mhaitheas.

Is e do fhreasdal, O Athair nèamhaidh, a chùm tearuinnte nis beò sinn trìd na h-oidhche chaidh seachad, air chor is gu bheil ar teaghlach aon uair eile cruinn ann an subhachas is ann an slàinte aig stòl do choise. Ghlèidh thu ar n-àite còmhnuidh o dhosgaidh agus o chunnart, ar cuirp o thinneas agus o phèin, s ar n-anman o uamhas agus o eagal. Nuair a bha mòran eile air an luasgadh a nunn s a nall gu teachd na maidne, s air am buaireadh le aislingean na h-oidhche, fhuair sinne tàmh ann an tearuinnteachd is dùsgadh ann an sìth, air ar cuartachadh le coibhneas ar DIA s le sochairean na beatha so.

O cia mòr, a DHIA, do mhaitheas duinne ; cia lionmhor buinn do thiodhlacan ! Tha sinn a tairgse do ghràdhachadh nis do chliùthachadh air son gach maith a dheònaich thu dhuinn cheana, s a deanamh bun as do thròcair air son gach ni air a bheil sinn fathasd feumail. Tha sinn a tairgse bhi umhail agus strìochdta do d thoil, s a bhith taingeil agus toilichte le ni sam bith a dh òrduicheas thusa nar crannchur.

Tha sinn ag iarraidh sinn fèin, is gach ni bhuineas duinn, a thoirt suas duit-sa, s a chur trìd an là so, s fad uile làithean ar eatha, air do chùram.-Ach ciod sinne gun tugadh DIA fa-near sinn ?-An uair a chuimhnicheas sinn gu bheil ar peacanna cho lionmhor agus ar cionta cho mòr, s ann a dh fhaodas eagal a bhi òirnn nach dean an Ti a rinn sinn iochd òirnn, is nach nochd an Ti a dhealbh sinn duinn a bheag de thròcair.

Ach gu ma beannaichte gu robh t ainm, O DHIA, nach d fhàg thu sinn gun dòchas, is gu bheil misneach againn fathasd dlùthachadh riut, trìd IOSA CRIOSD, aon Mhac do ghràidh. Air a sgàth-san, O dlùthaich thusa ruinne chùm ar beannachadh. Tog dealradh do ghnùis air ar n-anman : thoir dhuinn mothachadh gu bheil ar peacannan air am maitheadh dhuinn, is labhair sith ruinn. A rèir saibhreis do thròcair ann-san, ùraich dhuinn maitheanas ar peacaidh, is na cuimhnich nas mò ar n-aingìdheachd.

Tha sinn làn-mhothachail, O DHIA, gur h-e ar dleasanas agus ar leas, ar n-uile aimsir a bhuileachadh chùm thusa a ghlòrachadh, agus ar naomhachadh fèin a chur air aghaidh! agus air an aobhar sin, tha sinn ag cur romhainn a so suas uile làithean ar turuis air thalamh a chaitheadh ann a t eagal-sa, a rèir riaghailt agus teagasg an t-soisgeil. A chùm na crìche so, thoir dhuinn, tha sinn ag guidhe, gràs agus còmhnadh maith do Spioraid. Thusa nach do chùm uainn t Aon-Mhac, tha sinn earbsach, maille ris, gun toir thu dhuinn na h-uile ni eile bhios feumail. O stiùir sinn ann an slighe ar leas agus na firinn, is cuidich leinn buanachadh innte gu teachd ar crìche.

Buidheachas do Dhia air son na h-eisimpleir naomh a dh fhàg ar Slanuighear beannaichte againn, a chùm is gu leanamaid a cheumanna. Trìd docair agus socair tha sinn ag iarraidh leantainn ris-san : ag guidhe gum bitheamaid air ar riaghladh le a lagh, air ar stiùradh le a Spiorad, s air ar neartachadh le ghràs. Mar a tha sinn gar n-ainmeachadh fèin air-san, na biodh comunn air bith againn ri peacadh no ri peacaich : seachnamaid slighe nam misgeach agus nam macnusach, nan sanntach agus nan saoghaltach, nan dìoghaltach, nan carach, agus nan cealgach : is bitheamaid ciùin agus seirceil, iochdmhor agos iriosal, naomh agus neo choireach, cosmhail rar maighstir. Ionnsuicheamaid uaithe-san ar n-uile dhleasanas, a thaobh DHE agus dhaoine, chur air aghaidh le ceud agus le cùram, riaghailt a ghleidheadh os ceann ar spioraid fèin, s a bhith rèidh do ghnàth air son saoghail eile.

Tha sinn a nis gar fàgail fèin air do chùram, O DHIA, trid an là so, s a tairgse ar n-uile ghnothaichean, s ar n-uile ghìùlan a stiùradh, mar is cubhaidh dhoibhsan a tha fa chomhair do shùlsa. O, na leig dhuinn ni sam bith a dheanamh, a bhios ai aghaidh ar n-ùrnuigh agus ar n-aidmheil, no dh fhaodas ai sgaradh o choibhneas gràidh ar TIGHEARNA.

Soirbhich leinn, tha sinn ag guidhe, nar n-uile ghnothaichean laghail. Am feadh a tha gnothach againn ris an t-saoghal so tha sinn earbsach gun toir do fhreasdal duinn gach là na nithe sin a chi thu iomchuidh air ar staid : agus mar tha gnothach againn gu sònraichte ri saoghal eile, a mhaireas gu soirruidh, tha sinn earbsach gun dean do ghràs ar deasachadh gach là nas mò s na s mò fa chomhair.

Bi tròcaireach do luchd-aiteachaidh an t-saoghail, is sgaoil rìoghachdan do Mhic air feadh gach ionaid. Beannaich na rìoghachdan so dam buin sinne, s dainghnich ann am fireantachd righ-chathair ar n-uachdarain. Comhairlich luchd a comhairle, chùm is gun cuir iad air aghaidh leas aimsireil agus spioradail nan iochdaran. Biodh do mhinistirean air an sgeadachadh le naomhachd is le slàinte, chùm s gum bi aobhar ghàirdeachais aig do phobull.

Tha sinn ag earsba riut ar càirdean ; s ag guidhe nach dean beatha no bàs sinne no iadsan a sgaradh o ghràdh an Tighearna. Thoir maitheanas dar naimhdean: is cuidich leinne maitheanas a thoirt or cridhe, a beannachadh na muinntir a mhallaicheas sinn, s a deanamh maith air a mhuinntir a ni eucoir oirnn,-Taisbein do thròcair do gach neach ann am pèin, ann am bròn, ann am bochduinn, no ann am buaireadh. Iompaich am peacach, thoir maitheanas don aithreach, aoibhneas do n naomh, is comhfhurtachd do luchd a chridhe leònta.-Fiosraich, fuasgail agus cobhair air gach neach, a rèir am feum, aimsireil agus spioradail-So uile tha sinn ag guidhe trìd IOSA CRIOSD, a theagaisg dhuinn a ràdh ann ar n-ùrnuigh, Ar n-Athair a tà air etc.