5 Urnuigh Fheasgair, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:19

Evening Family Prayer

O DHIA ghlòrmhoir, bheannaichte, mhaith ! is tusa an Righ siorruidh, neo-bhàsmhor, agus neo-fhaicsmneach aig a bheil do chòmhnuidh ann an solus, nach faod suil bhasmhor fhaicinn s a bhith beò. Ann ad shealladh-sa chan eil nèamh agus talamh ach mar neo-ni s na slòigh a tha gan aiteachadh mi neo ni is mar dhìomhanas. Gidheadh, tha thu gad insleachadh fèin a dh amharc oirnne, s a toirt fa-near gach aon againn, mar nach biodh creutair sam bith an earbsa ruit ach sinn fèin. On aingeal as àirde gus a chnuimh as diblidh chan eil ni no neach nach eil air an toirt fa-near leatsa Tha thu gu sònraichte a toirt fa-near na muinntir sin aig a bheil spiorad iriosal agus umhal, s a tha g iarraidh teachd dlùth dhuit trìd an Eadar-mheadhonair.

Gu ma beannaichte gu robh t ainm a dh ullaich a leithid so de rathad air son chreutairean peacach mar sinne ; air chor is ged nach faodamaid seasamh ann a t fhianuis nar fireantachd fèin gidheadh trìd fireantachd neach eile, eadhon IOSA, gu bheil comas againn teachd am fagus duit le muinighin cloinne. O ! bi tròcaireach ruinne air a sgàth-san ; gabh ruinn, a nis, mar a luchd-muinntir, is labhair sìth ruinn.

Tha sinn a nis O DHIA, air crìch là eile a teachd a chuthachadh do mhaithis, a bha leinn on mhaduinn gu ruig an t-anmoch. Fiosrach air ar laigse fèin, is air an fheum tha againn do ghnàth air cùram is cuideachadh DHE, dh earb sinn fein riut anns a mhaduinn, gun fhios ciod a dh fhaodadh aon là a thoirt mu n cuairt : s a nis air dhuit-sa curam a ghabhail dinn nar dol a mach s nar teachd a steach s ar toirt an tearuinnteachd s an comhfhurtachad trid an la, tha sinn le cridheachan làn do thaing, gar strìochdadh fèin ann ad làthair a thairgse dhuit ar n-ìobairt bhuidheachais.O, gum biodh ar n-anman air an dùsgadh gu cliù thoirt duit-sa mar is còir, air son lionmhoireachd is saibhireachd do thiodhlaca ! Tha gach maduinn a toirt duinn dearbhaidh air do ghràdh, is tha gach oidhche toirt fios duinn air do dhìlseachd. Tha ar sochairean aimsireil agus spioradail os ceann àireimh, a thaobh na beatha tha làthair is na beatha tha ri teachd. Is mòr na nithe tha againn, agus is mò na sin na nithe ris a bheil ar dòchas.

Nuair tha do thròcair, O DHIA, cho mòr dhuinn, cò nach measadh gum biodh giùlan gach aon againn mar bu chubhaidh do chloinn DHE ? Ach an àite so, bha sinn cho failneach is cho ceannairceach, is gu bheil aobhar againn nàire bhith oirnn sinn fèin a thaisbeanadh ann a t fhianuis-O cia lionmhor peacadh is failinn tha fathasd ceangailte ruinn, leis a bheil sinn air ar tarruing air falbh uait-sa ! Cia dì-chuimhneach sinn air do ghràdh is air do mhaitheas ; cia neo-mhothachail sinn air do choibhneas! Cia faoin ar smaointe; cia fuar agus neo-dhiadhaidh ar n-aigne ; cia làidir agus neo-chlaoidhte ar n-ana-mianna, s cia beag buil a thug sinn riamh as ar n-ùine, as ar tàlanna agus as ar cothroman ! Tha sinn, O THIGHEARNA, gar n-irisleachadh fein aig stol do choise, s ag guidhe gum bi maitheanas air ùrachadh dhuinn, agus t iochd air a bhuanachadh leinn, air sgàth IOSA CRIOSD ar Tighearna.

An diugh, ma rinn sinn ni sam bith cosmhail ri daoine aig nach eil DIA anns an t-saoghal, ma bha ar giùlan ann an ni sam bith neo-iomchuidh no neo-fhaicilleach, ma thug sinn masladh d ar creideamh, oilbheum dar coimhearsnach, no lot dar n-anman fein, O ! deònaich dhuinn, tha sinn ag guidhe, maitheanas, trìd toillteanas fala CHRIOSD.

Tha sinn gu dùrachdach ag guidhe gun druid thu nis ar cridheachan riut fèin, s gun dainghnich thu sinn ann an ceumannan ar dleasanais. Is e ar rùn, le còmhnadh do ghràis, gum bi ar giùlan à so suas nas faicilliche, s gun caith sinn ar beatha a reir stiùraidh do Spioraid, riaghailt an t-soisgeil, is eisimpleir ar TIGHEARNA. O gum biodh an rùn so air a ghleidheadh beò do ghnàth nar n-anman, le oibreachadh treun do Spioraid !

Deùnaich, O DHIA, gun saothraich sinn nas mò s nas mò inns an obair sinn a dheanamh gus an deachaidh ar cur a dh ionnsuidh an t-saoghail; am feadh a bhios ar n-ùine, ar cothrom, gus ar comas air am buanachadh leinn. O, cuidich leinn giorrad agus neo-chinntichead ar n-aimsir a ghleidheadh do ghnàth nar n-aire, s na h-uile dìchioll a dheanamh gu deasachadh air son siorruidheachd, air eagal is mar tha oidhche n dèidh oidhche gar toirt nas dlùithe gur crìch, gun glac oidhche bàis sinn mu dheireadh mum bi sinn ullamh. Nar leigeadh DIA gun leig sinn mar so seachad ar n-ùine s ar cothrom, no gun dealraich a sholus òirnn an dìomhain.

An àite so, gu ma h-ann a bhios ar n-anman do ghnàth air an lionadh le gràdh do DHIA air son a thròcair ann an CRIOSD, an gràdh sin a bheir òirnn bhi toileach ni sam bith a dheanamh no fhulang, air a shon-san a rinn agus a dh fhuiling na h-uiread a chùm sinne shàbhaladh. Deanadh cuideachd an dòchas a ta againn ri glòir an t-saoghail eile, ar n-inntinn a thogail os ceann nithe suarach agus diombuan an t-saoghail so ; s deanadh earbsa làidir as do fhreasdal, O DHIA, ar cridhe chumail socrach anns gach staid, agus strìochdta dhuit fèin, làn-chinnteach gu bheil fios agadsa ciod is fearr dhuinn, s gu bheil thu ag cur air aghaidh ar leas, ged nach lèir dhuinn fèin cionnas. Deanadh smaointeachadh air t uil-fhiosrachadh is t uile-làthaireachd a thoirt oirnn faicill a chumail air ar cridhe, ar cainnt, is ar giùlan, fa chomhair sùl ar n-Athar, ar DIA, ar Fianuis, agus ar Breitheamh. Mar so gleidhidh sinn ar dòchas, agus bithidh ar dùil ri tròcair air là an TIGHEARNA.

Na sochairean sin a tha sinn ag guidhe dhuinn fèin, O Athair nèamhaidh ! deònaich iad mar an ceudna do dhaoine eile. Gu robh ar n-uile cho-chreutairean air am beannachadh le DIA ! Gu robh a shlighe aithnichte air thalamh, s gu robh soisgeul na slàinte air a chraobh-sgaoileadh !

Beannaich na h-uile Chriosduidhean, gu h-àraid nar tìr-dhùthchais. Deònaich gun giùlain gach neach e fèin gu h-iomchuidh, ciod ar bith inbhe no dreuchd anns an do shuidhicheadh e le d fhreasdal. Biodh eagal DE anns na h-uile luchd-riaghlaidh, is thugadh iad eisimpleir mhaith do n mhuinntir a tha fon ùghdarras. Biodh aodhairean cùramach gus an treud a bheathachadh, s an treud toileach gu bhith air an stiùradh.- Biodh iadsan a tha saibhir truacanta agus iochdmhor, a chùm is gum faigh iad beannachd nam bochd, s gum bi tlachd aig Dia nan soirbheachadh.

Gabh uainn, a nis, O DHIA, ar n-ìobairt fheasgair, is gabh cùram de gach aon againn trìd na h-oidhche. Bi ann ad bhalla teine mu thimchioll ar n-àite còmhnuidh, is cuir t aingil mun cuairt ar leapaichean. Dìon sinn o uamhasan na h-oidhche, s glèidh sinn o bhruadair eagalach. Thoir dhuinn cadal ann an sìth, agus dùsgadh ann an slàinte, a chùm is gun cuireamaid anceill do choibhneas gràidh sa mhaduinn. Anns an dòchas so O t ainm-sa, O Athair, a Mhic, agus a Spioraid Naoimh, an aon DIA, gu robh gach cliù agus urram, a nis agus gu siorruidh. Amen.