4 Urnuigh Mhaidne, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:15

Morning Family Prayer

O DHE shiorruidh agus uile-chumhachdaich ! is tusa tobar gach bith, gach buaidh, agus gach beannachd. Tha t ainm àrd agus ionmholta, tha do mhorachd do-rannsachaidh s chan fhaodar le neach air bith do thiodhlacan àireamh no do mhaitheas innseadh. Cionnas, matà is urrainn sinne chur an cèill, creutairean aig am bheil ar stèidh anns an duslach ?

Gidheadh, mar a thug thu misneach dhuinn teachd am fagus duit le aoradh, tha sinn air maduinn an là so gar tais-beanadh fèin ann a t fhianuis, ag guidhe gum buanaicheadh tu leinn na tiodhlaca ta againn, s gun tugadh tu dhuinn na chi thu fathasd feumail. Ach cia leis a thig sinn am fianuis an TIGHEARNA, s cionnas a strìochdas sinn sinn-fèin air mhodh taitneach an làthair an De as àirde ? Chan fhaod sinn O DHIA, teachd am fagus duit-sa mar chreutairean neo-chiontach, no tròcair sam bith iarraidh air son ar fireantachd fèin, oir chaidh sinn gu lèir air seacharan, is thàinig sinn goirid air do ghlòir. Ach tha sinn a teachd do t ionnsuidh trìd IOSA CRIOSD an t-Eadar-mheadhonair, s ag guidhe tròcair air a sgàth-san.

Mar chreutairean reasonta agus neo-bhàsmhor, comasach air sonas siorruidh a mhealtuinn, tha sinn ag guidhe, os ceann na h-uile nithe, gum bi thu fèin ad chuibhrionn is ad DHIA dhuinn. Tha fios againn nach urrainn nithe faoine agus diom-buan an t-saoghail so ar n-anama neo-bhàsmhor a shàsachadh; s air an aobhar sin tha ar n-anam an geall air an DIA bheò, tha mhàin comasach air ar deanamh sona gu siorruidh. As eugais DHE, tha ar staid san t-saoghal so truagh, s ar dòchas a thaobh saoghail eile ro eagalach ; ach ma bhios DiA leinn, faodaidh sinn a bhith toilichte, ciod air bith ar staid san t-saoghal so, agus sealltainn romhainn le gàirdeachas gu saoghal eile.Agus mar bu mhaith leinn gum biodh tusa nad chuibhrionn is nad DHIA dhuinn, tha sinn ag guidhe gum bi sinn air ar deanamh iomchuidh air an t-sonas mhòr so, s gum bi ar n-uile pheacaidh air am maitheadh dhuinn air sgàth iobairt uile-fhoghainntich ar Fir-shaoraidh. Aìr a shon-san, tha sinn ag guidhe gun glan thu ar n-easaontais air falbh mar neul, agus ar n-aingidheachdan mar neul tiugh as t fhianuis, air chor is nach cùm iad uainn solus do ghnùise, is nach bac iad cùrsa do thròcair. Air dhuinn a bhith mar so rèidh ri DIA trìd IOSA CRIOSD, tha sinn ag guidhe gum bi sinn as a so suas air ar coimhead ann ad fhàbhar, agus air ar deanamh comasach air gluasad anns na h-uile nithe mar is cubhaidh do chloinn DHE. O ! neartaich thusa ar n-anmhuinneachd, is cuidich sinn le d dheagh Spiorad gu bhith faicilleach mur giùlan, is cùramach gu fuath a thoirt do na h-uile peacadh. Claoidh fèin le d Spiorad cumhachd a pheacaidh an taobh a stigh dhinn, glan ar cridhe, naomhaich ar nàdur, thoir sìth dar coguis, is meudaich ar n-aoibhneas agus ar comhfhurtachd ann an slighe t àitheantan.Tha sinn feumail air gràs g ar neartachadh, air misnich g ar toirt air ar n-aghaidh nar dleasanas, air creideamh a thoirt buaidh air an t-saoghal s air a bhuairidhean, air dòcbas daingeann agus faighidinn a chùm buanachadh ann an toil DHE a dheanamh agus a ghiùlan gu teachd ar crìche : s cò air am faod sinn na sochairean so iarraidh, O THIGHEARNA, ach ortsa. bheir do gach neach gu saibhir, s nach dean maoidheadh ? O ! dainghnich, neartaich, agus socraich sinn ann an naomhachd. Glèidh sinn o thuiteam ann am buaireadh ; meudaich ar creid-eamh, is lion sinn le aoibheas do-labhairt agus làn de ghlòir, ann am fradharc na glòir, onoir, agus neo-bhàsmhorachd sin a thaisg thusa fa chomhair do luchd-muinntir.

Agus an uair a tha sinn an tòir air na nithe glòrmhor so, deònaich gun gnàthaich sinn le cùram na meadhona sin a stìùras dan ionnsuidh. Deònaich gum bi nèamh agus siorruidh-eachd do ghnàth nar sùil, is DIA do ghnàth nar cridhe. Biodh ar smaointe, ar coluadar, agus ar giùlan, mar is cubhaidh don t-soisgeul, agus sinn-fèin mar sheirbhisich dhìleas, eudmhor mu dheagh oibre. Biodh ar caithe-beatha ann an gràdh, is iomh-aigh ghràdhach ar TIGHEARNA air a tarruing air ar cridheachan, a chùm is le bhith cosmhail ris-san air thalamh, gum meal sinn a rìoghachd air nèamh.Ach am feadh a tha ar còmhnuidh anns a choluinn, tha fios agadsa, O DHIA ! gu bheil ar cuirp, mar a tha ar n-anman, feumail air do fhreasdal is air do chùram. Thoir dhuinn air an aobhar sin, tha sinn ag guidhe, an tomhas a chi thu iomchuidh oirnn de shlàinte, de theachd-an-tir, is de shochairean na beatha so, oir is tusa Fear-deilbh ar cuirp, mar is tù Athair ar spioraid. Gu ma beannaichte gu robh t ainm air son gach tiodhlac a dheònaich thu dhuinn cheana. S tu ghlèidh ar cuirp bhàsmhor beò, s a shaor iad gu tric on easlaintean, air chor is ged bha sinn buailteach gu bhith ak ar bruthadh leis a chnuimh, gu bheil sinn, le cùram ar DIA, air ar coimhead beò gu ruig an uair so.Gu ma beannaichte gu robh t ainm gu sònraichte, air son tàmh agus tearuinnteachd na h-oidhche chaidh seachad, is air son na sìthe is an t-sòlais leis a bheil sinn a nis cruinn mar theagh-lach ann ad làthair. Tha sinn ag guidhe gum buanaich thu kinn do fhreasdal, s gun toir thu dhuinn slàinte cuirp agus sabhachas inntinn, a chùm is gum bitheamaid iomchuidh gach àm air son do sheirbhis. Deònaich gun glèidh sinn ar cukp do ghnàth ann an glaine, ann am measarrachd, ann an geanmnuidh-eachd, ann an naomhachd, is ann an onoir, mar theampuill do n Spiorad Naomh.Tha sinn ag guidhe, maille ruinn fèin, gum beannaich thu an cinne-daoine gu lèir, s gum meal iad anns gach àite soch-airean àghmhor an t-soisgeil. Beannaich gu sònraichte ar ban-righ, ar dùthaich, ar càirdean s ar luchd-gaoil. Gabh traas do staid nan uireasbhach agus nan easlainteach : thok comhfhurt-achd do n mhuinntir a tha ri bròn, is còmhnadh do n mhuinntir a tha fo bhuaireadh. Thigeadh osunn a phrìosanaich ann ad làthair, is cùm bàigh ris a bhantraich is ris an dilleachdan.O, Athair nan uile theaghlach, agus Ughdar nan uile bhean-nachd ! beannaich an teaghlach so, agus gabh air do chùram gach aon a ta ann, beag, is mòr, sean agus òg. Biodh ceannardan,lann, agus seirbhisich, air an comhairleachadh, air an stiùradh o- air an tearnadh leatsa, feadh an là so. Cuidich leinn obair gach là chur seachad na thrà fèin, s a bhith gach uair rèidh fa chomhair bàis, breitheanais agus bith-bhuantachd. S o nach eil fios againn ciod a dh fhaodas teachd gu crìch le aon là, tha sinn air an là so gar n-earbsa fèin riutsa, eadar chuirp agus anman, s gar cur fèin is gach ni bhuineas duinn fo stiùradh is fo chùram do fhreasdail, trìd IOSA CRIOSD, on d ionnsuich sinn a ràdh, Ar n-Athair a tà air nèamh, etc.