3 Urnuigh Fheasgair, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:13

Evening Family Prayer

O THIGHEARNA Dhia! is tusa Righ nan righrean agus Tighearna nan tighearnan ; tha do rioghachd os ceann na h-uile rioghachd, is tuachdranachd o linn gu linn. Tha thu neo-chrìochnach ann an gliocas, ann an cumhachd is ann an tròcair : is tù uime sin stèidh dòchais chloinn nan daoine. Co dhionnsuidh thèid sinn ach do t ionnsuidh-sa ; air is tù a mhàin on tig ar cobhair ?

Gu ma beannaichte gu robh t ainm ged tha thu air t àrdach-adh os ceann cliù agus smaointe nan aingeal, gidheadh gu bheil thu ag amharc oirnne, tha nas lugha na chuid as lugha de d thròcair, s a toirt misnich dhuinn teachd am fagus duit, trìd IOSA CRIOSD an t-Eadar-mheadhonair, a dhiarraidh tròcair agus gràis a rèir ar feum.

Air a sgàth-san, O Athair nèamhaidh ! tha sinn ag guidhe maitheanais ar n-uile pheacaidh, lionmhor agus antromach mar a thà iad. Tha sinn le bròn g an aideachadh ann ad làthair ; ag caoidh aingidheachd ar cridhe, s eu-ceartan ar coluadair agus ar giùlain. Ach co thuigeas a sheachrain ! Saor thusa sinn, a THIGHEARNA, or n-uile lochdan, agus tearuinn sinn or truaighe.Bitheadh, tha sinn ag guidhe, cumhachd a pheacaidh air a chlaoidh an taobh a stigh dhinn, agus còmhnadh air a thoirt duinn o d Spiorad gu cathachadh an aghaidh na h-uile peacadh agus buaireadh, gus am bi mothachadh sòlasach againn gu bheil sinn air dol as o bhàs gu beatha.

Deònaich gum bi ar creideamh gach là a dol am meud, s gum bi sinn a sìor-chur r ar creideamh cruadal, eòlas, measarrachd, faighidinn, diadhachd, gràdh bràthaireìl, agus seirc, air chor is nach bi aon neach againn mi-tharbhach ann an obair an TIGHEARNA.-Cuidich leinn a bhith dùrachdach agus eudmhor gus na h-uile deagh obair : a meas gur e ar beatha agus sòlas ar n-anman, a bhith cosmhail ri CRIOSD, ciuin, macanta, naomha, s a sìor dheanamh maith, a rèir ar cothrom agus ar comais : air chor is gu faod gach aon againn a ràdh gu bheil a bheatha tha aige san fheoil trè chreideamh ann am Mac DHE, a ghràdhaich sinn, s a thug e fèin seachad air ar son.

O gum biodh ar cridheachan air an lionadh do ghnàth fe cuimhne thaingeil air a ghràdh sin leis an do ghràdhaich Esan sinn, a thug e fèin air ar son mar iobairt, a chùm is gu faigheamaid sìth ri Dia agus slàinte bhith-bhuan. Nar leigeadh Dia gun dean peacadh no buaireadh, on t-saoghal, on fheoil, no on aibhisteir, ar sgaradh gu bràth o ghràdh ar TIGHEARNA. Nar leigeadh Dia gun reic sinn air neo-ni, a chòir a fhuair sinn air oighreachd shiorruidh ann an rìoghachd ar n-Athar.

Tha sinn earbsach, O Dhia, nach do chaomhain aon Mhac do ghràidh air ar son, gun toir thu dhuinn maille ris-san na h-uile ni eile bhios feumail, s nach trèig thu gu buileach no gu bràth sinn. O, dean ar dìon agus ar stiùradh troimh gach cunnart agus caochladh a tha sa bheatha so, air chor is nach caill sinn ar n-ionracas agus nach failnich ar dòchas, no gnn tig aon neach againn goirid air a ghlòir sin a dh ullaich thu air son do phobuill.

Bi tròcaireach, a Dhia, do n t-saoghal thruagh so, s beannaich gach sluagh air thalamh. Greas an là anns an èirich Grian na Fireantachd air na rìoghachdan dorcha sin a tha fathasd fo sgàile bàis agus aineolais, a chum is gum bi IOSA na sholus do na Cinnich uile, s na ghlòir do d sheana phobull, Israel.

Beannaich gu h-àraid na rioghachdan so dam buin sinne. Buanaich leinn ar sochairean lionmhor agus àghmhor, ged nach eil sinn airidh orra, s teagaisg dhuinn buil na s fearr a dheanamh dhiubh na rinn sinn, a chùm do ghlòire-sa. Tha sinn ag cur ar càirdean s ar luchd-dàimh gu sònraichte air do chùram ; s ag guidhe gu faigh iad do bheannachadh. Beannaich, a DHIA, an teaghlach so, s thoir do gach aon againn gràs a nis, agus glòir na dhèidh so.

Maille rir n-ùrnuigh, tha sinn, O DHIA nan uile ghràs, ag iocadh dhuit ar buidheachais, air son na h-uile ni ta againn, s air son na h-uile ni ta sùil againn ri fhaotainn. Tha sinn a toirt buidheachais duit air son ar cruthachaidh, gun d rinn thu sinn nar creutairean reasonta agus neo-bhàsmhor, comasach air do chliùthachadh san t-saoghal so, s air do mhealtuinn gu siorruidh ann an saoghal eile. Buidheachas duit air son a chùram a ghabh thu dhinn fad ar beatha, s gu h-àraid feadh an là chaidh seachad. Ghlèidh, thu sinn nar dol a mach is nar teachd a steach, is bha thu leinn on mhaduinn gu ruig an t-anmoch. Thearuinn thu sinn o gach cunnart agus gàbhadh, s thug thu slàinte, trusgan agus teachd-an-tìr dhuinn. Ach thar gach ni, tha sinn gad chliùthachadh air son saorsa an t-saoghail trìd do Mhic, air son meadhona nan gràs agus dùil ri slàinte bhithbhuan.

Làn de thaing air son a mhaitheis rahòir a dheònaich thu dhuinn, tha sinn a nis gar toirt fèin gu sòluimte suas duit, is gar cur trìd na h-oidhche so air do chùram. Dean a nochd faire os ar ceann, O THIGHEARNA, s dìon ar n-àite còmhnuidh o aimhleas. Laigheamaid a sìos ann an rèite riutsa, s biodh ar smaointe maille riut an uair a dhùisgeas sinn. Gach là is oidhche dar turus air thalamh, bi thusa maille ruinn, is gabh sinn fadheoidh a steach do t àros ghlòrmhor air Nèamh. So tha sinn ag guidhe air sgàth IOSA CRIOSD, ar n-aon Fhear-saoraidh agus ar n-àrd-shagart, dan robh, maille ris an Athair agus ris an Spiorad Naomh, gach cliù agus urram a nis is gu siorruidh. Amen.