2 Urnuigh mhaidne, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:11

Morning Family Prayer

O DHE ghlòrmhoir agus naomha, bheannaichte agus mhaith, a chruthaich sinne, s a chùm gu ruige so beò sinn ! tha sinn a tairgse, air maduinn an là so, sleuchdadh aig stòl do choise, gu d mhaitheas aideachadh s gu d thròcair iarraidh. Is Tusa, O Fhir-faire Israeil air nach aom cadal no suain, a ghlèidh tearuinnte sinn air feadh na h-oidhche a chaidh seachad, s a thug air an là nuadh so deakadh òirnn. Bha do ghàirdean mu thimchioll ar fàrdaich agus ar leapa, s rinn thu ar coimhead an am ar cadail, o uile chunnartan agus uamhasan na h-oidhche. Ciod a dh ìocas sinn duit, O DHIA, air son meud do mhaithis do chreutairean peacach mar sinne, nach eil a toilltinn an aon is lugha de d thiodhlacan ? Ann an àite cùram air bith a ghabhaildinn air an oidhche chaidh seachad, s ann a thoill sinn gun deanadh tu ar cadal na bhàs agus ar leaba na h-uaigh dhuinn. O gun deanadh do mhaitheas agus t fhaighidinn, a choigil sinn gu là eile, ar stiùradh a nis gu aithreachas agus leasachadh beatha.

Tha sinn, O DHE, ag gabhail nàire s rugha-gruaidhe dhuinn fein, tra smaointicheas sinn air lionmhorachd ar lochdan. Cia tric a bha sinn eas-umhal do d lagh naomha-sa, gun suim againn do cheanglaichean no do chornainean ar Dia ! Cia tric a pheacaich sinn an aghaidh gràis do shoisgeil, s an aghaidh saibhreis do ghràidh ann an IOSA CRIOSD !

An so, O DHIA, aig cathair nan gràs, tha sinn ag aideachadh ann ad làthair-sa ar n-uile easaontais ; peacaidh ar smaointe, ar briathra, agus ar gnìomhara; peacaidh dearmaid, agus deanadais; na t aghaidh-sa, an aghaidh ar coimhearsnaich, s an aghaidh ar n-anama fèin ; agus tha sinn ler n-uile dhùrachd ag puidhe maitheanais annta air fad, air sgath aon Mhic do ghràidh, ar n-aon Fhear-saoraidh s fear-tagraidh ar cùise ris an Athair. As a leth-san tha sinn ag guidhe gun dean thu iochd oirnn, s nach cuimhnich thu ar n-aingidheachd nas mò nar n-aghaidh.

Tha sinn a tairgse bròn diadhaidh a dheanamh air son ar peacaidh, cùl a chur riu air fad, agus sinn fèin a thoirt suas duit-sa, chùm naomhachd beatha ann an CRIOSD. Is e ar guidhe gum bi ar corp, ar n-anam, agus ar spiorad, air am buileachadh do ghnath nad sheirbhis, s gum bi ar giùlan mar is cubhaidh do luchd ar n-aidmheil agus ar dòchais. Is e ar guidhe bhi cothromach agus diadhaidh, ciùin, iriosal agus iochd-mhor, gun chomunn sam bith a bhith againn ri peacadh no ri peacaich, ach ag caitheadh ar beatha do ghnàth a rèir focail ar DIA agus eisimpleir ar TIGHEARNA.

S a chùm gum bitheamaid comasach air gluasad maille rìutsa air an dòigh so, tha sinn ag guidhe, O Athair nèamhaidh gun toir thu dhuinn còmhnadh gus gràs do Spioraid. Gheall thu so do gach neach a dhiarradh e gu treibhdhireach ; biodh e dhuinne do rèir t fhocail, anns an do chuir sinn ar dòchas. Ged a mhùch sinn gu tric do Spiorad, s ged a thilg sinn air cùl a chomhairle, gidheadh na tilg thusa gu tur sinn as do làthair ; na ceil òirnn do ghràs, is na buin uainn do Spiorad. An àite sin, deònaich gun gabh e còmhnuidh shuidhichte nar cridh-eachan, mar ann an teampuill thaghta, gun cuidich e leinn ar n-anamianna chlaoidh s a chumail fo chois, is gun toir e dhuinn, seòladh, còmhnadh, agus comhfhurtachd, a chùm is gun ruith sinn le sòlas ann an slighe t àitheantan gus an ruig sinn crtodi ar dòchais, eadhon slàinte ar n-anama.

A nis, nuair tha sinn a tionnsgnadh air là eile, tha sinn ag guidhe, O DHIA, gum bi do thearnadh, do stiùradh, s do bheannachadh againn trìd an iomlain deth. Biodh ar smaointe, ar briathra, s ar gnìomhara gu lèir air an riaghladh leatsa. Biodh fuath againn do gach ni tha fuathach leatsa, agus tlachd do gach ni anns a bheil tlachd agadsa, a deanamh do thoil, no ga fulang, s a feitheamh ri d shlàinte trìd IOSA CRIOSD ar TlGHEARNA.

Nuair tha sinn a dol am mach feadh saoghail anns a bheil mìle cunnart agus buaireadh gar cuartachadh air gach taobh, tha sinn ag guidhe nach fàg thusa sinn gu ar stiùradh fèin, s nach leig thu dhuinn a bhith air ar glacadh ann an rib a pheacaidh. Gu robh DIA mar ghrian agus mar sgiath dhuinn an diugh, s gun deanadh a Spiorad ar coimhead o shlighe gach buairidh ! Gu robh sinn gu sònraichte air ar coimhead o gach peacadh leis an usa na chèile iadhadh mar timchioll, a chùm is nach faigh ar nàmhaid oirnn fàth no cothrom !

Soirbhich leinn, tha sinn ag guidhe, ann an gnothaichean an là so, agus na seachduine. Deònaich, ann ar n-uile dhreuchd agus obair, gun gluais sinn maille riutsa s nar n-uile ghnothaichean ri daoine, gun dean sinn riu-san mar bu mhaith leinn iadsan a dheanamh ruinne ; s mar is cubhaidh do luchd aidmheil a chreidimh sin a tha teagasg dhuinn gach uile mhi-dhiadhachd is ana-mianna saoghalta àicheadh, s a bhi measarra, cothromach agus diadhaidh. An sin gabhaidh sinn misneach gum beannaich thusa ar saothair, s gun dainghnich thu obair ar làmh.

Na leig dhuinn, tha sinn ag guidhe, bhi uair sam bith cho mor air ar buaireadh le gnothaichean is cùram na beatha so, s gu dean sinn dearmad air an aon ni fheumail, slàinte an anama neo-bhàsmhoir. A Dhia, cuidich leinn so a chuimhneachadh leis a chùram is leis an dùrachd as mò, a chùm is an uair a thig oidhche bhàis, gum bi misneach làidir againn gun dùisg sinn gu sonas bith-bhuan.

O Thusa ghabh cùram dhinn feadh na h-oidhche chaidh seachad, s a thug comas duinn cruinneachadh le chèile aig cathair nan gràs air maduinn an là so, tha sinn ag guidhe gun dean thu faire òirnn mar an ceudna fad oidhche bhàis agus cadal na h-uaighe, s gun taisbeanar sinn le gàirdeachas, gun aon againn air chall, aig cathair na glòire air maduinn na h-aiseirigh !

Seall, a DHIA, ann an iochd air an iomlan de d theaghlach mòr air thalamh ; is fiosraich cor gach neach, a rèir am feum fa leth. Bi ann ad charaid dar càirdean ; thoir maitheanas dar naimhdean ; agus meudaich gràs do na h-uile dhaoine. Faigheadh an soisgeul tuille buaidh, is thugadh e mach tuille toraidh. Faicear gu h-àraid a thoradh ann an giùlan gach aon againne. Na nithe so, s gach ni eile chi thusa iomchuidh air ar son, tha sinn ag guidhe ann an ainm aon Mhic do ghràidh, ar TIGHEARNA, a theagaisg duinn a ràdh, Ar n-Athair atà air nèamh, etc.