1 Urnaigh teaghlaich airson madainn la an Tighearna

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:57

Family Prayer for Sunday Morning

O Dhia ghlòrmhoir agus ghràsmhoir, Athair ar Tighearn agus ar Slànuighir IOSA CRIOSD ! Tha sinne, do chreutairean, ag iarraidh teachd am fagus dhut, trìd an Eadar-mheadhonair, a chum aoradh agus urram a thoirt dhut, mar is cubhaidh do Ughdar ar bith, agus do stèidh ar sonais is ar dòchais. Cò nach tugadh glòir dhut-sa, O DHIA ; cò nach cliùthaicheadh d' ainm, O! a Righ nan naomh !

Tha sinne g aideachadh nach eil sinn air chor sam bith airidh no iomchuidh air teachd dlùth dhuit, no air comunn sam bith a bhi againn maille riut; ach tha sinn a teachd dod ionnsuidh ann an ainm aon Mhic do ghràidh, ar TIGHEARNA, s ag earbsadh à cuideachadh do Spioraid bheannaichte gu còmhnadh leinn.

Cliù dhuit gu bheil sinn air ar gleidheadh tearainte gu solus an là seo, 's gur e là an TIGHEARNA tha ann. Anns an là so ni sinne gàirdeachas, agus le mìltean dar co-chreutairean anns gach àite, coimhididh sinn an t-sàbaid naomh. Buidheachas dhut-sa gu bheil an t-sàbaid agus soisgeul air am buanachadh leinn fathasd, nach eil ar coinnleir air atharrachadh as àite, mar a thoill sinn, agus nach eil sinn gu dìomhain ag guidhe gu faigheamaid là de làithean Mhic an duine. O maith dhuinn cho mòr is a mhì-bhuilich sinn na làithean so san ùine chaidh seachad, agus cuidich leinn an t-sàbaid a choimhead nas fhearr, a chum is gum bi sinn nas iomchuidh air son sàbaid shiorruidh a ghleidheadh maille riutsa ann ad rìoghachd.Tha sinn ag cumail an là so naomh chùm onoir a chur ortsa, O DHIA, Athair uile-chumhachdaich, a chruthaich nèamh agus talamh, s a rinn gach ni o neo-ni le facal do chumhachd. Mar a ghabh thusa fois od shaothair air an là so, is amhuil a ni sinne, ga mheas mar an onoir as mò, is mar an obair as urramaiche, bhith toirt aoraidh dhuit-sa. Cruithfhear is Fear-riaghlaidh an domhain, dan dligheach aoradh agus urram agus glòir.

Tha sinn ag cumail an là so naomh mar onoir air an Fhear-shaoraidh bheannaichte, a dh èirich o na mairbh air a cheud là den t-seachduin, leis an do dhearbh e le cumhachd gum be Mac DHE. Cliù do Dhia, an dèidh dha a bheatha leigeil sìos air son ar peacaidh, gun d èirich e rìs a chùm ar fireannachadh mar cheud-thoradh na h-aiseirigh, s a chùm a bhith na aiseirigh agus na bheatha dhuinne. O gu mothaicheamaid-ne an diugh ann ar n-anamaibh cumhachd aiseirigh, a chùm is gun èireamaid o bhèis a pheacaidh gu beatha fireantachd, o dhìomhanas an t-saoghail so, gu beatha naomh, nèamhaidh agus spioradail!

Tha sinn ag cumail an là so naomh mar onoir air do Spiorad naomh, an Comhfhurtair, a thàinig air na h-Abstoil air a cheud là den t-seachdain, a chùm gun gabhadh e còmhnuidh leis na naoimh gu ath-theachd ar Tighearna. O gun gabhadh e còmhnuidh maille ruinne, s gun riaghladh e nar cridheachan, a chùm is gum biodh ar nàdur air a naomhachadh ! Thig, O a Spioraid bheannaichte nan gràs ! is beothaich na cridheachan marbha so ; is anns gach cùis thoir dhuinn seòladh, comhnadh, agus comhfhurtachd, a chùm is gum faicear, le ar giùlan, gur h-ann do Chriosd a bhuineas sinn san t-saoghal so, s nach tig aon againn goirid air glòir ann an saoghal eile.

Tha sinn a toirt buidheachais duit, O THIGHEARNA, air son d' fhocail naomh, a thug thu dhuinn gu bhith na sholus dar cois, is na lòchran dar ceumaibh. Tha sinn ag guidhe nach bi gràs DHE air a thoirt dhuinne an dìomhain. Cliù dhuit gu bheil ar sùilean a faicinn soluis, agus ar cluasan ag cluinntinn fuaim aoibhneach soisgeul na slàinte. Glòir do DHIA anns na h-ionadaibh as àirde, gu bheil a nis beatha 's neo-bhàsmhorachd air an toirt gu solus, trìd IOSA Criosd, gu bheil sìth air thalamh, agus deagh-thoil o Dhia do dhaoine !

Maith dhuinn, O DHIA, air sgàth CHRIOSD, ar n-uile pheacanna, lionmhor agus antromach mar a tà iad. Pheacaich sinn gu tric is gu dàna, nar cridhe nar cainnt is nar giùlan, is chunnaic do shùil-sa gach beud air bith a rinn sinn. Air sgàth CHRIOSD, O DHIA ! dean tròcair ; dean tròcair oirnne, peacaich. Saor sinn o chumhachd a pheacaidh san t-saoghal so, 's o dhìteadh san t-saoghal eile. Oibrich annainn aithreachas, creideamh, agus gràdh ; gus am bi sinn mar is àill leat sinn a bhith, air ar naomhachadh le do Spiorad, agus iomchuidh air son do rìoghachd. Tha sinn a deanamh gàirdeachais anns an dòchas, nuair tha sinne an seo ri urnuigh aig cathair nan gràs, gu bheil ar Slànuighear beannaichte na shuidhe aig deas-làimh cathair na glòire, a deanamh eadar-ghuidhe as ar leth. Air sgàth, fhulangais, ùmhlachd, agus eadar-ghuidhe, O DHIA, bi reidh ruinn, is na biodh ar cionta, mar neul, ag cumail uainn do thròcair is do chomhfhurtachd. An diugh, na falaich do ghnùis, na ceil do ghràs, na cùm uainn do Spiorad.

Cuidich leinn, tha sinn ag guidhe, ann an obair chràbhaidh an là naoimh so. Cuidich leinn dlùthachadh riutsa le cridhe ceart, le inntinn shuidhichte, le creideamh beò, s le gràdh laiste. Coinnich rinn ann ad thigh-aoraidh le beannachadh : maisich do theampull agus d' òrdugh fèin le do làthaireachd ; is thigeadh d' fhocal a steach dar n-anman le beatha agus le cumhachd. Biodh e mar shìol air a chur ann an deagh fhearann, a ghabhas freumh, s a bheir am mach pailteas toraidh. Biodh ar n-ùrnuigh agus ar moladh nan ìobairtean spioradail, taitneach ann ad làthair-sa, trìd IOSA CRIOSD ar Tighearna.

Biodh do làthaireachd anns na h-uile coimhthional Criosduidh air an là an diugh : biodh peacaich air an iompachdh gu aithreachas, agus naoimh air an daingneachadh nan creideamh, a sìor fhàs anns na h-uile gràs agus comhfhurtachd. Eisd, tha sinn ag guidhe, gach ùrnuigh a chuireas d' Eaglaisean suas air son rìoghachd an t-Slànuighir a mheudachadh. Eisd gach athchuinge air son ar ban-righ agus ar dùthcha. Amhairc air staid gach neach ann am bròn, ann am bochduinn, no ann an trioblaid air bith, a bhios an diugh air an earbsa riut, oir chan fhàilnich gu bràth do thròcair.

Cuidich le do sheirbhiseach tha ri labhairt ruinne an diugh, a theachdaireachd a chur an cèill le cumhachd is focal na firinn a roinn gu ceart, a chum is gu faigh gach aon a chuibhrionn fhèin ann an àm iomchuidh. Ullaich esan air son labhairt ; ullaich sinne air son eisdeachd, is deònaich dhuinn le chèile gach tiodhlac a chi thusa math dhuinn, a thaobh cuirp agus anama, aimsir agus siorruidheachd. So tha sinn ag guidhe ann an ainm agus as leth aon Mhic do ghràidh ar Tighearna, s na bhriathraibh beannaichte-san tha sinn ag co-dhùnadh ar n-ùrnuigh, s ag ràdh, Ar n-Athair a tà air nèamh, etc.