Gaelic Psalm 9

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:40

1 LE m’uile chridhe bheir mi dhuit,
àrd-mholadh binn, a Dhe ;
Is t’oibre mìorbhuileach air fad
sior chuiridh mi an ceill.
2 Fòs ni mi annad aoibhneas ait,
is gairdeachas gu mòr:
Do t’ainm-sa seinnidh mise cliu,
O Thi a’s àirde glòir.

3 A rìs tràth phillear air an ais,
mo naimhde, thèid gu làr;
Oir fuitidh iad is thèid doibh as,
a’d'fhianuis fèin gun dàil.
4 Mo chòir rinn thusa sheasamh dhomh,
gu daingean is gu treun:
A’d’ chaithir chothroim shuidh thu shuas,
mar bhreitheamh ceart am binn.

5 Is thug thu air na cinnich smachd,
sgrios thu na daoine daoi:
An ainm do chuir thu as gu glan,
o linn gu linn a chaoidh.
6 (Air sgrios an nàmh chaidh crioch am feasd:)
leag thu am bailte treun’;
An iomradhsan ‘s an cuimhne fòs
do theirig sin leo fèin.

7 Ach mairidh Dia gu bunaiteach:
chuir caithir suas chum breth.
8 Bheir air an domhan cothrom ceart,
le còir do’n t-sluagh fa leth.
9 Mar dhaingneach bithidh Dia nam feart
do’n ti a ta fo leòn :
An trioblaid, tearmunn dìleas e,
ri faicinn neach fo bhròn.

10 Gach neach ‘g am ‘bheil air t’ainm-sa fios
ni dòchas dhiot, is bun ;
Oir mheud ‘s a ta ga d’ iarraidh, Dhè,
cha trèig thu iad gu tur.
11 Do’n Triath d’an comhnuidh Sion naomh,
seinnibh-sa clìu gu binn;
Aithrisibh fos am measg an t-sluaigh
na gnìomharan a rinn.

12 Tràth ni e rannsachadh air fuil,
‘n sin cuimhneach orra ta ;
Cha leig airdearmad glaodh nam bochd,
a ghairmeas air a ghnàth.
13 Fòir orm, a Dhè, is amhairc air
mo thrioblaid o luchd m’fhuath’;
A Dhè, a ta ga m’ thogail suas
o dhorsaibh bàis gu luath.

14 An dorsaibh nighinn Shioin chaoimh
gu sgaoilinn t’uile chliu:
Is ni mi gairdèachas air sgàth
na slàinte dheonaich thu.
15 Thuit sios na cinnich anns an t-slochd
a chladhaich iad do chàch ;
Is anns an lion a dh’fholuich iad,
tha’n cosa fein an sàs.

16 Aithnichear Dia ‘s a’ bhreth a ni,
‘n uair thùiteas daoi ‘s an drip ;
Is ann an gniomh a làmha fèin
teann-ghlacar e ‘s an rib.
17 Pillear luchd-uilc is aingidheachd
gu h-ifrinn sìos gu lèir ;
‘S na fineachan nach cuimhnich Dia,
pillear iad sios le chèil’.

18 An t-ainnis truagh cha tèid am feasd,
air dearmad no air dith;
Air dòchas fòs an duine bhochd
gu bràth cha-n fhaicear claoidh.
19 A Thighearn, èirich, ‘s na leig buaidh
le neach d’an dual am bàs;
Breth thugar air na cinneachaibh
a’d'fhianuis anns gach cas.

20 Cuir eagal orrasan gu mòr,
Iehobhah Dhia nam feart;
Gu’n aithnicheadh na slòigh gu lèir
iad fèin nan daoine meat’.

Commentary

To the chief musician Almuth Laben. A Psalm of David.
David, after having recounted the former victories which he had gained, and exalted in lofty strains the grace and power of God in their happy issue, now again, when he sees new enemies and dangers rising up, implores the protection of the same God by whom he had before been delivered, and beseeches him to overthrow the pride of his enemies. (Iain Calvin)