10. GRADH M' FHIR-SAORAIDH

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:35

‘Se gràdh m' Fhir-saoraidh a bhitheas 'na chèol dhomh,
‘Sann air bu chòir dhomh bhi deanamh sgeul;
O’n 's e thug còir dhomh, le 'fhuil a dhòrtadh,
Air saorsa ghlòir-mhor a chloinne fèin :
'S e sud an t-òran a bheir dhomh sòlas,
Co fhad 's is beo mi sa chruinne-chè ;
‘S nuair theid mi dhachaidh, a gleann nan deoir so,
‘S e sud mo cheol anns an t-saoghal chèin.

Ged tha mi tàireil am measg mo chàirdibh,
Thaobh 's gur ann dhàsan a thug mi spèis ;
thubhairt Iob, Tha m' Fhear-saoraidh beo,
Tha mis an dòchas, gu'm faic mi e ;
Tha mi an dòchas a dhol 'na chòmhdhail,
Anns na neoil nuair a thig e f èin ;
Is ni sealladh mòr sin, dhe aghaidh ghlòir-mhor,
Na h-uile bròn a chur 'uam is deur.

Tha doimhne 's àirde ann an gràdh an t-Slànuighear,
Nach gabh àireamh, na chur an ceill;
Ach chi sinn mòran 'na bhreith, 's 'na bhàs dhe,
Ach sinn pàirt dhe 's na h-uile ceum ;
Chi sinn e tighinn o staid cho àrda,
Is gur ann dàsan bha ainglean Dè
A’ deanamh aoraidh, le an anamaibh cràbhach, :
‘S an aghaidh 's sgàil air le'n sgiathaibh fèin.

Ach rinn e mhòrachd 'sa ghlòir sin fhàgail,
Is 's ann a dh' fhàs e 'na dhuine truagh ;
Bha 'n Ti a b'àirde air a bhreith 's an stàbull,
An t-ait' bu tàireal am measg an t-sluagh ;
Chan ann le mòrchuis a fhuair e àrach,
Chan ann le àilgheas chaidh thogail suas ;
Bu duine cràiteach o bhreith gu bhàs e,
Chan fhac iad àilleachd air bith 'na ghruaidh.


Bu duine brònach air iomadh dòigh e,
O 'n uair a thòiseach a thuras sgith ;
Air son a ghràidh thug iad fuath gu leoir dha,
'S bha iad 'ga fhògradh o thir gu tir ;
Bha na h-Iudhaich gu dlùth an tòir air,
Chum a leònadh, 's a chur fo chis ;
O 'n bha dorchadas air an còmhdach,
'S gu'rn b'e ghlòir-san an solus fior.

Cha d' rinn e tàir air an dream bha àrd dhiubh,
Ach thug e an àite dhaibh, 's phàidh e cis;
Is air na sràidibh cha chual iad àrd e,
'S nuair fhuair e chàineadh, cha d' chàin e ris ;
Le meud a ghàirdeachais ann ar slàinte,
Chuir e an nàire ann an neo-bhrigh ;
'S le meud a ghràidh dhuinn ghabh e ar nàdur,
Chum ar tearnadh o'n t-sloc a b'isle.

Anns a' cheart nàdur 's na pheacaich Adhamh,
'Nuair thug e 'm bàs air a shliochd gu lèir,
'S ann rinn an Slànuighear gach ni an àird deth,
'S an lagh rinn àrdach le ùmhlachd fèin ;
'S a chum ar tearnadh o chumhachd bàis,
Leig e bheatha bhàn, dheanamh an àird na rèit';
Is chum a bhràithrean a thoirt gu Pàrras
Dh' fhuilinn e am bàs air a' chranna-cheus'.

O sibhse a thainig a dh'ionnsuidh fhàbhair
O 'n 's e bhàs rinn ur tarruinn dlùth ;
Seallaibh an àirde ri sliabh Chalbhàri,
Is chi sibh a ghràdh ann an solus ùr ;
Chan e na sgàilean bh'aig Maois 's an fhàsach,
Tha an t-Uan-càisg air a chur air chùl;
Is tha an Ti a' bàsach rinn subhach Daibhidh,
Is bh'aig na fàidhean am beachd an sùl.


Chi sibh an càireadh tha air an t-Slànuighear,
Mar dh'innis Daibhidh gu'm bitheadh a' chùis ;
Tha tairbh Bhàsain air tional làmh ris,
Is iad 'ga shàbhadh 's na h-uile taobh ;
Gach neach a dh'èirich bha deanamh sgeul air,
Rinn iad an trèigsinn 's an cur air chùl;
Is tha Uan Dè aca nis 'ga reubadh,
'S e an dèidh a cheusadh 's 'ga chur 'san ùir.

Anns an ùir chuir iad Righ nan Dùl,
Gun aon dùil ri e thighinn beò ;
Ach an Leoghann de threubh Iudadh,
Is ann a dhùisg e le cumhachd mòr;
Dh'fhàg e a naimhdean is cinn bhrùite aca,
Air a chùl-thaobh 'nan laighe leoint';
Thog e an uachdaranachd air a ghuaillibh,
Is chaidh e suas, 's ann a dh'ionnsuidh glòir.