9. EIFEACHD AM FUIL AN UAIN

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:34

O ! 'sann tha 'n èifeachd am fuil an Uain,
Chum ar n-eucearta ghlanadh uainn ;
Ach 's bochd an sgeul a ta nis ri leughadh,
Nach eil spèis dhi a rèir a luach.

Tha daoine gòrach air seòl na dhà,
Nach aill leo an dòchas a chur 'na bhàs ;
Thèid iad an dith le bhi dhiobhail eolais,
Air an fhuil chaidh dhòrtadh a chum ar slaint'.

‘S an dream thug spèis da cha dean iad uaill,
O’n 's e chaidh cheusadh an àit a shluaigh ;
ann diubh fèin a fhuair iad an rèite,
Ach leis an èifeachd bha 'm fuil an Uain.

‘S e fèin do'n èiginn an cumail suas,
Nuair thig deuchainnean iomadh uair ;
Tha mheud de thruailleachd ag iadh' mu'n cuairt doibh,
‘S nach fhaigh iad buaidh ach le fuil an Uain.

Tha daoine saoghalta an gaol gach uair,
‘S ann air na caoraich, a thaobh an Uain ;
‘S tha an leoghann beucach a ghnàth a' saoithreach,
Dh’ fheuch co dh'fhaodas e shlugadh suas.

O! fanaibh dlùth chum 's nach toir e buaidh,
Na tugaibh gèill dha is theid e uaibh,
‘S na shaighdean teinnteach ni sibhse a mhùchadh,
O 'n rinn sibh cùmhnant le fuil an Uain.

O! bithidh làidir fo armachd Dhè,
Le creidimh shlàinteil agaibh mar sgèith ;
‘S nuair bhios an nàmhaid ag iarraidh fàth oirbh,
Le cainnt an t-Slànuighear duinibh bheul.

Nuair bhios e feoraich am bheil sibh sgith,
fansibh dha gu'n do bhàsaich Criosd ;
‘S gu bheil gu leoir ann a fhuil chaidh dhòrtadh,
‘S gu'm bi bhur dhòchas ann thun na crich.

An sin thig e 'n càirdeas, is their e fèin,
Gur sibhse an àireamh tha 'm fàbhar Dhè,
‘S ged a ghluaiseadh sibh nis mar's àill leibh
Gu'm bith sibh tearuinnte feadh gach rè.

Ach innsibh dhà, gur iad càirdean Dhè,
Aig am bheil aitheanta, is ni d'an rèir,
An dream nach àicheadh an làthair an t-sluaigh e.
‘S a leanas an t-Uan ge b'e taobh a thèid.

'S e cuilbheairt Shàtain bhi làidir, treun,
Tha fàgail chàirdean gun ghràdh d'a chèile ;
Feuchaidh e failinnean dhaibh 's na bràithribh,
Dh'fheuchainn an tàr e an cur o chèil!

O ! 's ann tha 'm feum air bhi caithris buan ;
'S a ghnàth bhi 'g èigheach ri Righ nan sluagh,
Oir chan eil ni chumas dùint' ri chèil iad,
Mur dean an èifeachd tha 'm fuil an Uain.

Ach trid an Ti thug an t-sith mu'n cuairt,
Chan eil ni anns nach fhaigh iad buaidh ;
Co a dhiteas, no leigeas sios iad ?
'S fear coimhid Israel 'gan cumail suas.

Air feadh na fàsaich 's e fèin an cùl,
Oir tha iad dha mar tha clach a shùl;
'S tha ghealladh gràsmhor nach dean e'm fàgail,
Nuair thig am bàs gu 'n toirt thun na h-ùir.

Trid gleann a' bhàis bidh e ghnàth 'nan còir,
Gus an sàbhailear iad fa-dheoidh ;
'S am bi iad tearuinnte o gach nàmhaid,
Anns a' Chànaan tha làn de ghlòir.

'S nuair bhitheas iad thall o na h-uile truaigh,
'S ag cur an ceill co thug dhaibh a' bhuaidh ;
Cha bhi h-aon nach cuir ris a sheula,
Gur ann bha 'n eifeachd am fuil an UAIN.