8. GARADH EDEIN

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:32

Nach truagh leibhse mar dh'èirich,
Image removed.An gàradh Edein do'n t-sluagh ;
Le cuilbheartan Shàtain,
Mheall Eubh' agus Adhamh,
Chum ùmlachd thoirt dhàsan,
An aghaidh Ard-Righ nan sluagh ;
'S thug sud dòruinn 's gach àit dhaibh,
'S fhuair am bàs orra buaidh.

Thug e'n naomhachd 's an glòir dhiubh,
Thug 's an eolas 's an iul;
'S ged bu mhòr an cuid sòlais,
Chaill iads' an sin còir air,
Bha cheartas an tòir orra,
'S chaidh a thròcair air cùl;
'S mur tigeadh Slànuighear glòrmhor
Bu ro bhrònach ar dùil.

Ach thainig sgeul aoibhinn,
A chum nam braighdean bha'n sàs :
Thainig IOSA, le sòlas,
Chum an saoradh o'n dòruinn,
'S bho'n a sheas e an còir dhaibh,
Chaidh Esa a leonadh 'nan àit-s',
'S tha firinn is tròcair
Air còmhlachadh 'na bhàs.

Nach aoibhinn an sgeul
Tha 'ga leughadh do'n t-sluagh !
Gu'n d'thug IOSA lan-dioladh,
A thug do cheartas sar-riarach,
Is le fireantachd shiorruidh
Gu'n d'thug e siochaint mu'n cuairt;
Is on phàidh e na fiachan
Co ris dh'iarras feich uainn ?

'S an dream a chreideas an fhirinn,
Bheir e ris iad o'n truaigh ;
Bheir e sòlas is sith dhaibh,
'S bheir e dòchas a ris dhaibh,
Ris a' ghlòir tha neo-chriochnach,
Anns an rioghachd thu shuas ;
'S bidh na creutairean naomh sin,
Do'n Fhear-shaoraidh mar dhuais.

Sibhse a chreid an sgeul aoibhinn,
'S a rinn e saoibhir le ghràs ;
Feuch gu'n gluais sibh gu dileas,
Anns gach ceum mar rinn IOSA,
Mar is cubhaidh do'n fhirinn,
Is do rioghachd a ghràis ;
Ann an eud, 's ann an naomhachd,
Ann an aonachd, 's an gràdh.

Na biodh mi-run, no farmad,
Na biodh seanachas gun bhrigh ;
Na biodh diteadh gun dearbhadh,
'S na biodh strith no eud searbh ann,
Am measg nam firean a ta 'g ainmeach,
Gu'n d'fhuair an anamanna sith ;
'S biodh an teo-chridheachd càirdeil
Le gràdh bràth'reil 's gach tim.

Ged a tha sibh 'san tràth-sa,
Ann am fàsaich bhochd, fhuair ;
Air bhur cuartach le trioblaid,
Is am peacadh a' strith ribh,
Ma 's e 's gu'n gleac sibh gu dileas
Trid Iosa bheir sibh buaidh ;
'S an uair thig e chum slàinte,
Ni sibh gàirdeachas buan.

Ni sibh gàirdeachas siorruidh,
'Nuair thig losa ann a ghlòir;
Bithidh a ghnùis mar a' ghrian dhuibh,
Mar mhadainn chiùin an dèidh sianntan,
Theid bhur dùsgadh 'na iomhaighs',
'S bidh sibh sgiamhach gu leor ;
As eugmhais peacaidh no truailleachd,
Theid sibh suas ann a chòmh'l.

'Nuair thig e ris bheir e a shluagh leis,
Dh'ionnsuidh suaimhneas is glòir ;
A' mheud 's a laigh anns an uaigh dhiubh,
'S an dream a choidil 'sa chuan diubh,
Bheir e o'n deas is o'n tuath iad,
'S theid iad suas air na neòil;
An sin slàn le truailleachd 's mi-naomhachd,
An sin slàn le saoghal nan deoir !

'Nuair a shuidheas an Ti ud,
Air a Righ-chathair mhòir,
'S thig gach creutair 'na fhianuis,
A dh'fhaighil rèir 's mar bha 'n gniomh'ra,
Thig talamh 's neamh a thoirt fianuis, .
Gur ceart a riaghlas e'n slògh ;
'Nuair ni e 'n t-aingidh a dhiteadh,
'S a bheir e'm firean chum glòir.

An sin gheibh na fireanaich fàbhar,
Ann an làthair an t-sluaigh ;
'Nuair their iads', so ar Slànuighear
Cha dean es' aon diubhs' àicheadh ;
Their e riu sibhse mo bhràithrean,
Sibhs' mo chàirdean 's mo shluagh ;
Siubhlaibh dh'ionnsaidh na h-oighreachd,
Anns bheil aoibhneas bith-bhuan.

An sin bidh iads' air an tearnadh,
O gach bàs, is bho'n uaigh ;
Siubhlaidh iad le luath-ghàire,
'S iad neo-thruaillidh, 's neo-bhàsmhor,
Theid gu luath dh'ionnsaidh 'n àrois,
Anns bheil làthaireachd an UAIN :
'S bidh iad a' seinn na sgeoil aoibhinn,
A shaor na braighdean o'n truaigh.