7. AN DACHAIDH BHUAN

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:30

Air dhomh bhi sealltainn air saoghal truagh,
Chi mi caochladh tighinn air gach uair,
Chi mi daoine cur an cùil rium,
'S a' dol gu dlùth chum an Dachaidh Bhuain.

Tha sean is òg a' dol sios do'n uaigh,
Air lag 's air làidir tha'm bàs toirt buaidh ;
Nuair thig an t-àm dhaibh an saoghal fhàgail,
Ma's tinn no slàn iad, cha tàmh iad uair.

Ach 's rabhadh mòr sud do chàch de'n t-sluagh
'S is mithich dhomhs' gun chur fada uam ;
Tha rabhadh garbh ann bhi deas gu falbh as,
O'n tha'n tigh talmhaidh gu tighinn a nuas.

Ach nuair a chi sinn, le'r sealladh sùl,
An corp a' pilltinn a dh'ionnsuidh na h-ùir ;
Tha 'n t-anam priseil a' dol ris, gus
Am faigh e bhinne o Righ nan Dùl.

'N sin gheibh e duais aig a' chathair mhòir,
A rèir mar ghluais e an tir nam beò ;
Theid e air ball 's ann dh'ionnsaidh suaimhneis,
Air no theid fhuadach a dh'ionnsaidh bròin.

O ! dhuine, smuainich air so 'na thràth,
Ma's ann de'n t-sluagh thu a tha gun ghràs ;
Chan fhac, 's cha chuala tu ni co uamhasach,
Ris an t-sluagh sin a'tighinn 'na làthair.

An làthair an Dè bhios 'na bhreitheamh mòr,
Nuair a dh'fhoillsichear e 'na ghlòir ;
Bithidh an dream a roghnaich e deanamh èibhneis
'S ni uile threubha na talmhainn bròn.

O ! anam, rannsaich nach bi thu cli,
'S ann thig an call ort ma theid thu'n dith,
Caillidh tu an sòlas tha'n Righ na glòire,
Is air do dhòruinn chan fhaic thu crioch.

Ach rannsaich cùramach ann an tim,
Dh'fheuch am bheil thu air do bhreith a ris ;
'S ma tha, cha chùram nach dearbh do ghiùlan,
Gur creutair ùr thu th'air faotainn sith.

Ach na cuir dòchas am briathraibh faoin,
Ged fhaigh thu seòladh o chuid de dhaoin' ;
A labhras mòran mu thimchioll tròcair,
'S iad fèin gun eolas air nithibh naomh.

A dh'ionnsaidh Bhiobuill dean ruith gu luath,
Dh' fheuch am firinnich e do ghluas'd ;
'S ma their an fhirinn sin riut gur firean thu,
Bheir sin sith dhuit nach toirear uat.

Ach ma's ann cli tha thu, so an uair,
Gu tighinn direach a dh'ionnsaidh 'n Uain ;
Dh'ionnsaidh an Ti sin thug suas an iobairt,
Leis am bheil sith ak a toirt mu'n cuairt.

Na smuainich dàil a chur anns a' chùis,
Tha là na slàinte dol seachad dlùth;
'S mur bi thu tràth anns an daingneach làidir,
Nuair thig am bàs ort, bithidh an dorus dùint'.

'S bithidh tusa ris ann an doimhneachd thruaigh,
Ag caoidh gu siorruidh 's na piantaibh cruaidh ;
Slàn le sòlas ! tha bròn gun chrioch ann,
Is thusa ris aig an Dachaidh Bhuain.

Ach ma's firean thu thuig am fuaim,
'S do'n d' rinneadh priseil an Ti thug buaidh ;
Tha 'g iarraidh imeachd an ceum na firinn,
Is t'aghaidh direach air Sion shuas.

Cha chòir dhuit f èin a bhi deanamh uaill,
Ma tha thu 'g èisdeachd ri guth an Uain ;
'S ann thug e fèin ort gu'n chreid thu 'n sgeul air;
'S gach ni rinn feum dhuit 's ann uaithe fhuair.

Na h-uile cùis anns am bi ort feum,
'S e fantainn dlùth ris, fo sgàil a sgèith,
Bheir ort gu'n giulain thu h-uile cùis dhiubh,
Nuair bhios do shùil, ris na dh'fhuiling e.

Nuair bhios tu a' leughadh mu Righ na Glòir,
A dh' fhuiling deuchainnean air gach dòigh ;
Chan eil trioblaid, no bròn, no eigheachd ann,
Ris nach d'fheuch e an laithean fheoil.

'S a nis ge àrd e aig deas laimh Dhè,
Tha shùil a ghnàth air a chàirdibh fèin ;
'Nan uile theanndachd tha e fo àmhghar.
Is tha e teann orra an àm gach feum.

Tha sud da-rireadh 'na mhisnich mhòir,
Do'n dream tha dileas air taobh a ghlòir;
Gur e an Ti sin tha dhaibh 'na dhidean,
A' BHEATHA, an FHIRINN, agus an ROD.

Is ged tha chàirdean an so air chuairt,
Bheir e an àird iad, is gheibh iad duais ;
Nuair thig am bàs theid iad suas gu Pàrras,
'S bithidh iad gu bràth aig an DACHAIDH BHUAIN.