6. COIGRICH

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:29

O, is mithich dhuinn gluas'd,
Agus siubhal gu luath,
Cha bhi ar làithean ro bhuan fo'n ghrèin,
'S coigrich sinn is luchd cuairt,
'G iarraidh na dùthch' a tha shuas,
Tha ar dachaidh, 's ar duais air nèamh.

'S fàsach ulartach, truagh,
Anns am bheil sinn air chuairt,
Chan eil fois dhuinn no suaimhneas ann;
Ach tha ar sùilibh riut fèin,
Tha air neimhibh nan speur,
Thoir oirnn gu'n ruith sinn an rèis gu ceann.

'S ann air t-ainm bhitheas sinn luaidh,
'S ma bhitheas tu leinn bheir sinn buaidh,
Ged robh an saoghal 'gar ruag gu teann ;
Dh'aindeoin Pharaoh, 's a shluagh,
Theid sinn thair a' Mhuir Ruadh,
'S bheil sinn tuille is buaidh aig a' cheann.

Is ann a tha sinn 'san uair s',
Mar long air a' chuan,
Measg nan tonn a ta uaibhreach, àrd,
Ach 's treise an Ti sin tha shuas,
Na tuiltean droch shluaigh,
'S tu chaisgeas am fuaim nuair is àill.

'S tu bheir àrdan an gnùis,
Gu tàmh ghabhail 'san ùir,
'S thèid an àillteachd air chùl gu lèir ;
Ach do d' phobull bochd, brùit;
Bithidh tu fèin air an cùl,
'S le do ghràs ni thu'n stiùradh 's gach ceum.

O ! stiùir sinn le d' ghràs,
Gus an ruig sinn an t-àit,
Anns am bi sinn gu sàbhailt beo ;
Far nach bi sinn 'gar luasg,
A' dol chuige is uaith,
Mar long air na cuantaibh mòr.

Tha ar truailleachd fhìn,
A ghnàth ruinn a' strith,
'S toirt oirnn a bhi sgith de'n fheoil;
Is luchd àiteach ar tir,
Nach d'thug gràdh dha ar Righ,
'S ann tha 'n naimhdeas a' sior dhol am mòid.

Na'm b'ann 'sa bheatha so a mhàin,
Bhiodh ar sùil ri do shlàint,
'S sinn bu truaighe de chàch gu lèir;
Ach ma 's ann thall o'n a' bhàs,
Fhuair sinn dòchas na's fearr,
'S sinn is sona tha'n drasd fo'n ghrèin.

Is mòr ar sonas r'a luaidh,
Seach na tràillean bochd, truagh,
Tha 'gà d'àicheadh le gluas'd mi-naomh ;
'S e sud is cainnt dhaibh gach uair,
"A Righ na glòir imich uainn,
Chan àill leinn eolas air d'bhuadhaibh naomh."

Ach rinn thu ionmhas gu leòir,
Thasgaidh suas ann an stòr,
Do'n dream a ghluaiseas air chòir ad' dhèidh
Dhaibhs' is fearr sud gu mòr,
Na bhi toileach na feòl,'
'S laighe sios ann an bròn fa dheoidh.

B'fhearr an roghainn rinn Maois,
Air teachd dha-san gu aois,
Ghabh e àmhghar maraon ri d' shluagh ;
Dh'fhàg e 'n Eiphit 'sa maoin,
Ma' ri sòlasaibh faoin,
'S chum e shùil air luach-saoithreach buan.

Is ann trid àmhghara mòr,
Searbh do fhuil is do fheoil
Chaidh 'n dream tha nis ann an glòir a' seinn;
'S ma gheibh sinne dhe còir,
Thoir dhuinn faidhidinn loib,
'S an ùine ghoirid bithidh 'm bròn 'nar dèidh.

Nuair a dh'fhuilingeas sinn tàir',
Agus masladh 's cùl-chàin',
Is ged bhagair iad bàs bhitheas cruaidh ;
Ma bhitheas e uile air do sgàth-s',
Bitbidh ar n-aoibhneas a' fàs,
Air son gu'n d'fhuair sinn an gràs so uat.

'S fearr na'n saoghal-s' gu lèir,
Bhi ann an aonachd riut fèin ,
O nach fàg thu, 's nach trèig thu chaoidh,
'S tu a shaoras do threud,
Le do ghàirdeanaibh treun,
'S bheir gach aon diubh dhuit gèill mar Righ.

Is fearr aon latha ann do chùirt,
A' faighil sgeul air do chliu,
Na mile latha ri sùgradh baoth ;
Tha beatha, slàinte, agus iùl,
Ann an dealradh do ghnùis,
Nuair ni thu sealltainn le d' shùilibh blàth.

Deonaich dhuinne, anns gach cùis,
A bhi fantainn riut dlùth,
Is gheibh sinn neart uat as ùr gach lò :
'S an uair bhios peacaich gun iùl,
A' tilgeadh t-àitheanta air chùl,
Thoir dhuinn an coimhead le cùram mòr.

Le briathraibh do bheil,
Dean ar stiùradh 's gach ceum,
Chum air seachran nach teid sinn uat;
Ni e call air do threud,
'S bheir do naimhdean toi-bheum,
Ma's e 's gu'n sleamhnaich ar ceumaibh uainn.

Cum ar n-anamaibh beo,
'S ann do t'ainm bheir sinn glòir,
'S iad do stàitean ar ceol anns gach àm ;
Gus an ruig sinn a' ghlòir,
'S am bheil aoibhneas gu leòir,
'S cha bhi aon de luchd dò-bheairt ann.

Na cuimhnich mionaid do chàch,
Na rinn iad oirnn air do sgàth,
'S ann rinn am fòirneart aca stà do d' chlann ;
'S a rèir saoibhreas do ghràis,
Dean an dùsgadh an tràth ;
Tha iad 'nan codal air bharr nan crann.

Thoir dhaibh teicheadh gu luath,
'S na h-uile leisgeul chur uath,
Dh' ionnsaidh an Ti thug a' bhuaidh air a' bhàs ;
'S ged robh sinne anns an uaigh,
Far nach cluinn sinn orr' luaidh,
Thoir dhaibh eolas air fuaim na slàint'.