5. CALBHARI

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:27

'S tric mi smuaineach, 's mi m'aonar,
Gu bheil an saoghal so truagh ;
'S iomadh bròn tha ri fhaotainn,
Air an taobh so de'n uaigh ;
Feumaidh oighreachan nèimh,
A dhol trid dheuchainnean cruaidh ;
Mu'n ruig iad an oighreachd,
'S am bheil aoibhneas bith-bhuan.

Ach tha aon ni 'gan leònadh,
Gu bheil an còmhnuidh 's gach uair,
Mar bha Lot ann an Sòdom,
A' faicinn dò-bheairt an t-sluaigh ;
A' faicinn càirdean, 's luchd-eòlais,
Agus mòran cho truagh ;
'S gur e bhi toileach na feòla,
An ni sònraichte tha uath.

Ciod dh'itheas, ciod dh'òlas ?
Ciod bheir sòlas an tràths ?
Ciod ni sgiamhach an fheòil dhuinn ?
'S e tha mòran aig ràdh.
Cuid le aighear 's le sùgradh,
Caitheadh 'n ùine gun stà ;
Is iad a ghnàth cho beag cùraim
Ris na brùidean gheibh bàs.

Nuair a chuimhnicheas mi 'n càramh,
'S tric a dh'fhàg e mi sgith ;
'S tric a mhill e mo ghàirdeachas,
Nuair a b'fhearr bhitheadh mo shith,
Daoine truagh bhi 'nan tràillean,
Aig an nàmhaid fo chis ;
'S fearr leo striochdadh do Shàtan,
Na bhì 'nan càirdean do Chriosd.

Chan eil 'nan obair ach tràillealachd,
'S chan eil ach am bàs ann 'nan duais,
'S iad fo chorruich an Ard-Righ,
On 's ann dhà-sa thug iad fuath ;
Sliochd ceannairceach Adhaimh,
'S bochd an càramh ri luaidh;
Ach tha mheud 's a fhuair tearnadh,
Ann am fabhar an Uain.

Nuair a leughas mi 'm Biobull,
Gheibh mi sgriobht' anns gach àit',
Gu bheil iad sud, leis an fhirinn,
Air an diteadh mar thà:
Dh'fhàg na Sgriobtuirean shios iad,
Mar luchd di-meas air slàint';
Is mur beirear a rithis iad,
'S e sud is crioch dhaibh am bàs.

A dhuine thruaigh, tha'n staid nàduir
'S nach eil am fàbhar ri Dia ;
Tha thu leantainn na sgàil sin,
A chaoidh nach sàsaich do mhiann ;
'S cha toir lagh nan deich àitheantan,
Dhuit-sa tearnadh, no dion ;
As eugmhais ùmhlachd 's gach pàirt deth
Cha d'thug e slàint' do neach riamh.

Ach ma 's slàinte tha thu 'g iarraidh,
Ruig na briathran ta sgriobht';
Fàg Sinai tha fiadhaich,
'S teich gu Sliabh Chalbhari.
'N sin chi thu ceartas 'ga riarach',
Agus Dia a' deanamh sith ;
'S Mac a ghaoil toirt làn dioladh,
A chum ar dion o dhol sios.

Chi thu 'n sin air a cheusadh,
An t-aon eìrig a bh'ann,
Neach a ghiulain ar n-eu-ceartan,
E fèin air a' chrann ;
Feuchaibh a lotan, 's a chreuchdan,
Gu'n d'thug e spèis do'n a' chlann ;
'S feuchaibh cumhachd ais-eirigh,
Gur Esa e fèin a bha ann.

So am Prionnsa, so an Slànuighear,
So Imanuel fèin;
So carraig nan ailtean,
'S an daingneach làidir ri feum
So an Ti tha toirt slàinte,
Do shiol Abrahaim gu lèir ;
'S an dream a dh'òl as a lànachd,
Bithidh iad tearuinnt gach rè.

Sibhse tha caitheadh bhur stòrais,
A' ruith nan sòlasan faoin ;
Thigibh nis, agus òlaibh
Dè 'n uisge bheo tha gu saor;
" 'S biadh gu firinneach m'-fheoil-sa,\"
Deir Righ na glòir ri clann dhaoin',
'S is abhainn làn de gach sòlas,
An fhuil chaidh dhòrtadh a thaobh.

O ! sibhse tha ri saothair,
Thigibh, is aomaibh ur cluas ;
Chan eil ni tha o dhaoine.
Nach eil gu saor aig an Uan ;
Togaibh chuing-san tha aotrom,
Agus foghlumaibh uaith ;
'S e creidsinn ann mar Fhear-saoraidh,
Bheir air an t-saoghail so buaidh.

Bheir a buaidh air an fheoil daibh
'S togradh gòrach chlann'daoin ;
Air àrdan, 's air mòrchuis,
'S air na sòlasaibh faoin ;
'S ni e an inntinn a threorach'
Chum bhi beo air a ghaol;
Ann an dòchas a ghlòir-sa,
Air an d'thug e còir dhaibh gu saor.

Is e dòchas a ghlòir-san
Chumas beo iad 's gach càs ;
'S gus an teid iad thar Iordan,
Bithidh an dòchas a' fàs;
Nuair bhitheas dòchas an fhirean;
A' toirt sith aig a' bhàs ;
'S ann bhitheas dòchas a' chealgair,
A' dol air falbh uaith mar sgàil.

Nuair thig a' chùis gus an deuchainn,
'S mòr am feum bhitheas air gràs,
Mur bi na fior nithe fèin ann,
Cha bhi feum ann an sgàil;
Ged bhitheas cealg-fhearaibh mòr,
Ag cumail cleoc orra an tràth-s' ;
Cha teid a h-aon dh'ionnsaidh glòir dhiubh,
Tha Iehobhah ag ràdh.

Cha b'urra' an t-aingidh bhi beò,
'S an rioghachd ghlòrmhor tha shuas ;
O'n bhitheadh inntinn cho feòlmhor,
Làn mòrchuis, is uaill;
Cha b'e gràdh bhiodh 'ga threòrach,
'S cha b'urr' dha ghlòir thoirt do'n Uan ;
Cha mho thuigeadh e an t-òran,
Tha 'na cheòl dhaibh 's gach uair.