4. BUACHAILLEAN ISRAEIL

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:25

‘S e thubhairt an t-Ard Bhuachaill, tha shuas an glòir
Dh’ fhàg mi mo chaoraich ann an saoghal nan deòir ;
Cheannaich mise gu daor iad, bha mo ghaol doibh cho mòr,
‘S mur bith' gu'n do rinn mi an saoradh cha d'fhaod iad bhi beo.

Nis gheibh iad an dùrachd mur diult iad dhomh gèill,
Gheibh iad buachaillean iùlmhor a stiuras an treud ;
Ni’m beathachadh an còmhnuidh le beo aran o neamh,
‘S dhoibh a theagaisgeas eòlas air òrduighean Dhè.

Aithnichidh sibhs' na buachaillean a fhuair dhe mo ghràs,
‘S e ‘n toil-inntinn gu buan bhi toirt luaidh air mo bhàs.
Cha chùnnt iad ach suarach gach cruadal is càs,
O’n tha'n sùil ris an duais o na Bhuachaill is àird'.

Chaidh mo chaoraich-s' air chall air na beanntaibh gu leìr.
‘S rinn luchd faire dall mòran call air mo threud ;
Ach na buachaillean seòlta fhuair eolas uam fèin,
Bheir iad dhachaidh do m' chrò iad, le seòladh mo bheil.

‘S gheibh iad 'sa chrò iad, 's e an sòlas gu lèir,
Bhi beathachadh le eòlas, gach seors' tha 's an treud;
Cuid le fior bhainne blàth, mar tha an nàdur am feum,
Is cuid le biadh làidir, nuair dh'fhàsas iad treun.

CHA bheathaich mo chaoraich-s' air plaosgan gun stà,
‘S ri teagasg mi-naomha cha taobh iad gu bràth ;
Chan urrainn iad bhi beo, mar bhitheas mòran de chàch.
Fo eisdeachd an t-seorsa tha gun eolas air gràs.

Chan iarr mo chuid bhuachaillean buannachd dhe 'n treud,
No bhi 'nan daoine saoibhir os cionn oighreachd Dhè ;
Ach le cridheachaibh deonach, dol romhpa anns gach ceum,
Is ag iarraidh Righ na glòir bhi 'gan seoladh 'nam feum.

'Nan cadal, is 'nan dùisg, 's e 'n cùram do ghnàth,
Bhi neartach nan glùinean tha lùbadh gu lar ;
'S na nithean tha brùite bhi 'gan dùnadh an àird,
Le leigheasaibh as ùr thig o ùghdair nan gràs.

Ach buachaillean gun chùram, leig dhiubh bhi ri feum,
'S a' sealltainn mu'n cuairt air son buannachd dhaibh fèin,
Chuir iad fèin agus Sàtan an àirde le chèil
'S ma fhuair iads' an tuarasdal, fhuair esan an treud.

Tha 'm fàidh Esaias dol dàn air an cliu,
Buachaillean dall, is coin bhalbh thubhairt e riu,
Caidlidh iad sàmhach, gun eolas gun iùl,
'S tabhannaich cha dean iad air beul no air cùl.

Tha 'm fàidh Ieremias a ris cur an cèill,
Nach eil buachaìllean Israeil dileas do'n treud ;
Leigheis iad gu h-aotrom gach aon bha fo chreuchd,
Le sith thoirt do dhaoine gun naomhachd d'a rèir.

Tha 'm fàidh Eseciel, d'a rèir 's mar bha càch,
A' dearbhadh am mi-bheusan, le reusan do dhà ;
Gheall iad, le'm breugan, do'n eucoireach slàint'
'S a h-aon cha robh pilltinn o ìnntinn a' bhàis,

'S nuair thainig an Slànuighear a bhan anns an fheoil,
Dh'innis e mu'n deibhinn, e fèin agus Pòl:
Thig iad an eideadh chaorach gu daoine thoirt leo,
Ach 's madaidh-alluidh gharg iad a mharbhas gu leoir.

Bu chòir do chinn-iùil bhi a' stiùradh an treud,
'S an teagasg bhi 'gan ùrach, mar dhriùchd air an fheur;
Ach tha'n dream ud gun chùram, neo-iulmhor iad fèin,
'S tha Peadar agus Iude toirt an cliu dhoibh d'a rèir.

Is tobraichean deothach, is neoil iad gun uisg',
Garbh thonnan beucaich nach gèill, 's nach gabh fois ;
Ruith iad an slighe Chàin, gun ghràdh mar bha es',
'S tha inntinn Bhalàim do ghnàth dol 'nan cois'.

Ach buachaillean mo ghaoil-sa, tha saoithreach gach la,
‘S tha beathachadh mo phobuill aig tobair na slaint';
Tha seoladh mo shluaigh air na cluaintibh is fearr :
‘S nach dean tàir aìr a h-aon air na shaoithrich mo ghràs.

Ged gheibh ioma sàrach o chàch anns an fheoil,
Bithidh iadsan am Pàrras, 's bitheadh càch ann am bràn;
Theid iad thun a' bhàis, deanamh gàirdeachas mor,
‘S nuair thogas iad an cinn, bithidh iad seinn ann an gloir.

Nuair thig latha mòr a' chuairtich, bithidh uamhas air càch;
Ach eìridh mo bhuachaillean-sa deanamh luathghàir.
Gheibh iad airson duais, mar chrùn uaill ann am là,
An dream a bha le'n seoladh air 'n treorach gu slàint'.

Ach eìridh na cinn-iùil a bha stiùradh nan dall,
Dh’ fheuch an aidich Righ nan Dùl iad 's nach cùnnt e an call
Ach ni dealradh a shùilean an sgiùrsadh air ball,
Gu teine nach gabh mùchadh, gun dùil tighinn an nall.

‘S nuair a thionndas iad, chi iad na firean gu lèir,
‘S chi iad mo chiobairean a' liobharadh an treud,
‘S iad air an deanamh sgiamhach le iomhaigh Mhìc Dhè,
CHUM dealradh gu siorruidh mar ghrian anns an speur.