3. LA A' BHREITHEANAIS

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:24

Eisd anaim neo-bhàsmhor,
Tha ni àraidh ri chluinntinn ;
Ma 's e 's nach creid thu 'na thràth e,
Bheir am bàs ann do chuimhn' e.
'S e sin, gu'n coinnich thu 'n t-Ard Righ,
Ann a làthair toirt cùnntais ;
'S chan fhaod thu choinneamh sin àicheadh
Ged chuir thu'n tràth-s' am beag suim i.

Tha aon latha air òrduch',
Anns an còmhlaich clann-daonna ;
Anns an coinnich sliochd Adhaimh ;
'S gach neach a dh'àitich an saoghal;
'S an dream a chreid ann a shlàinte,
Bheir a ghràs aiseag saor dhaibh,
'S an dream is mò a rinn tàir air,
Teich' o làthair chan fhaod iad.

O anaim gun chùram,
Nis dùisg agus smuainich,
'Nuair thig Leoghann treubh ludah,
An tig thu dlùth dha gun uamhas ?
Am faod do chridhe bhi làidir,
No do làmh a bhi buadhach,
'Nuair a chi thu 'na ghlòir e,
'S na h-ainglean glòrmhor mu'n cuairt da !

Faic an Ti rinn thu thrèigsinn,
'S bha thu ceusadh gach latha,
Faic e tighinn 's na speuraibh,
Mar Righ treun air a chathair ;
Chi thu nise 'na ghlòir e,
Tighinn à seomar nam flaitheas,
Is miltean dh'aing'libh fo òrdugh,
'S iad air a mhòrachd a' feitheamh.

Cluinn an trompaid 'ga sèideadh,
'S fuaim nan speur a' dol thairis ;
Tha na mairbh nis toirt gèill da,
'S iad ag èirigh o'n talamh ;
Nis dh' fhosgail na h-uaighean,
'S bhrùchd an sluagh asd' gu h-ealamh,
'S thug e am follais an sluagh sin,
A bh'anns na cuantan am folach.

Chan fhac thu sealladh cho mòr ris,
O'n a thòisich a' chruitheachd ;
Tha'n sluagh cho tiugh ris na lòcuist,
Air bharr an fheoir 's iad a' cruinneach';
Chi thu bochdan an t-sluaigh ann,
'S daoine uailse na cruinne,
'S iad air measgadh le chèile
'S eallach fèin air gach duine.

Tha mile tàirn'each aig èigheach,
'S an sluagh gu lèir tha ri faire,
'S leis an fhuaim th'anns na speuraibh,
Chrith gach creutair air thalamh : -
Tha'n cuan 's na tonnan aig beucaich,
'S tha bonn nan sleibhtean air carach',
'S tha cridhe dhaoine 'gan trèigsinn, -
Ach c'àit an teid iad g'am folach ?

Chrath e cumhachd nan speuran,
Dhorch' a' ghrian, is a' ghealach ;
'S tha puist na talmhainn air géilleadh,
'S thuit na reultan gu h-ealamh ;
Tha obair nàduir gu lèir ann,
Dol as a chèile le cabhaig,
'S chan fhuirich ni ach an sluagh sin,
Nach fhaod gluasad no carach'.

Ach anaim, ma fhuair thu,
Fuil an Uain gu do shaoradh,
Na biodh do chridhe 'ga d'fhailinn,
Cluinntinn càramh an t-saoghail;
An Ti 's do chuir thu do dhòchas,
'S e sud a ghlòir tha 'ga taomadh,
'S e sud na tuiltean a chual thu,
Thig air an t-sluagh nach d'thug gaol da.

Ma tha thu creidsinn na firinn,
'S fuil na h-iobairt 'ga d' naomhach',
Ma tha thu 'g àicheadh mi-dhiadhachd,
'S ana-miannan an t-saoghail;
Ma ghabh thu tlachd ann a àitheantaibh,
'S cuing an t-Slànuighear aotrom ;
Slan leat tha thu tearuinnt',
'S an Ti is àirde 'ga d' shaoradh.

Cluinn guth an Fhir-shaoraidh,
Faic a ghàirdean gu h-ealamh,
Tional dhachaidh nan daoine,
Rinn e shaoradh o'n talamh :
O'n is creutairean naomh iad,
Thug an gaol da gun mhealladh,
Bheir e suas iad gu Pàrras,
'S chaoidh chan fhàilnich a ghealladh.

Thig e'n sin mar Fhear Pòsda,
'S theid na h-òighean 'na choinneamh ;
'S iad uile a' deasach' an lòchrain ;
Ach chan eil mòran diubh ullamh ;
Tha iomadh aon a chuir dòchas
Ann an lòchranaibh falamh,
Air son gu'n d'ith, is gu'n d'òl iad,
Aig a bhòrd air an talamh.

Ach bheir e suas leis na h-ailleagain,
Is bidh càch dhe'n sin falamh ;
Is their e rithis os àird riu,
So an àireamh rinn faire,
Lean iad mise gu dileas,
An staid iosal air thalamh,
'S tha mi nise dol 'gan àrdach',
'S mo dheas-làmh dhoibh mar ghealladh.

So an dream a thug buaidh,
Le fuil an Uain rinn an saoradh,
Thug iad ùmhlachd do m'àithneanta,
Dh'aindeoin càineadh an t-saoghail;
Ged chaidh cuid chur gu bàs diubh
Is tric an sàrach' le daoine,
Cha do smuainich iad m'àicheadh ; -
'S e sud an àireamh thug gaol domh.

Fhuair mi biadh agus aodach
O na daoine thug spèis domh ;
'S nuair a bha mi gun slàinte
Fhuair mi càirdeach gu lèir iad ;
Is nuair a bha mi 'sa phriosan,
Rinn iad gach ni dhomh bha feumail,
'S chan eil mi nis dol 'gan àicheadh,
'S gur ann 'nan àit chaidh mo cheusadh.

A shluagh beannaichte m'athar-sa !
Thigibh fathast is èisdibh,
Suidhibh sios air a' chathair,
Tha ni grathail ri rèiteach,
Eadar mise 's an sluagh sin,
Rinn mo bhualadh 's mo reubadh,
Rinn mo shaltairt fo'n casan,
'S a rinn gu maslach mo cheusadh.

An sin caochlaidh a ghnùis,
'S thig òrdugh dlùth chum an tionail;
'S theid luchd an uilc a thoirt dlùth dha,
As gach dùthaich is fine ;
.Theid gach cealgair a rùsgadh,
'S theid na cùiltean a shireadh,
'S theid gach cogais a dhùsgadh,
'S bidh iomadh sùil ann ri sileadh.

Theid na leabhraichean fhosgladh,
'S thig a' chogais thoirt fianuis ;
'S nuair dh'fhosglas e 'm Biobull
Ni sud an diteadh gu siorruidh ;
Sluagh mallaicht' rinn tàir orm,
Teich gu bràth iad o m' fhianuis,
Cha d'thug iad ùmhlachd do m'àithn'ta
'S cha do ghràdhaich iad riamh mi.

Chuir iad cùl ri mo shlàinte,
'S rinn iad tarcuis air m' fhirinn,
'S bha cuid diubh a' briseadh na Sàbaid,
'S cuid ag càineadh nam firean ;
Bha cuid ri mionnan 's ri breugan,
'S an tlachd gu lèir ann am mi-run,
'S ged bha cuid air 'n robh cleoc dhiubh.
Bha 'n t-olc an còmhnuidh os 'n iosal.

Sibhse nis tha gu freagairt,
Air son teagasg na firinn,
Fhuair tomhas de eòlas
Air nithibh mòra a' Bhiobuill;
Ach an slighe a' pheacaidh,
'S ann a chleachd sibh bhi 'g imeachd,
'S chuir sud mòran ak seachran
A' leantainn cleachdaidh nan sinnsear !

Tionailibh chum mo chlith iad,
Sud a' chrionach gun toradh,
Cha robh ach sgàil aig na daoine,
'S tha iad aotrom 'sa chothrom ;
Cumaidh ceartas an sàs iad
Gus am pàidh iad na th' orra,
'S tilgibh mach iad as m' fhianuis,
Gu teine-siorruidh mo chorruich.

'S cruaidh an cridh' air nach drùidh e,
Liuthad sùil bhios gun aighear,
'S iad a' rànaich 's a' bùraich -
'S ag cur an cùil ris na flaitheas;
'S iad 'gan tional aig Sàtan,
'S an dàra bàs orra feitheamh,
'S ged a dh'èigh iad air tròcair,
Chan eil dòchas ri faighil.

Slàn le Dia, slàn le dòchas,
Tha iad brònach aig èigheach ;
Slàn le rioghachd na glòire,
Dh'ionnsaidh sòlais cha tèid sinn ;
Slàn le càirdean 's luchd-eòlais,
A fhuair tròcair 's rinn feum dhe ;
Theid sinne sios le sruth Iordain,
Do shloc mòr na dubh-èiginn.

'S bochd an sealladh an sluagh ud,
Air am fuadach o làithreachd ;
Air an glacadh le uamhas,
'S aobhar truais mar a tha iad ;
Chan fhac thu sealladh cho brònach,
Cho fad 's bu bheo thu 'san fhàsach,
'S iad dol a chaitheadh na siorruidheachd,
Ann am piantaibh do-àireamh.

Ach nis shiubhail na daoin' ud,
'S chaidh an gaoir as ar cluasan ;
'S chaidh an sloc orra a dhùnadh ;
'S chan eil dùil ann e dh'fhuasgladh ;
Ach a' chuideachd a dh'fhàg iad,
Ann am fabhar an Uain sin,
Chuir iad an aghaidh air Pàrras,
Faic a' phàirtidh dol suas leo !

Faic an aighear 's an sòlas,
A' seinn nan òran tha taitneach ;
'S cluinn farum nan ainglean,
Le Bean-na-Bainnse dol dachaidh !
Bheir iad steach i do'n t-seomar,
'Sam bheil a ghlòir-san ri fhaicinn,
'S mairg nach bitheadh dhe 'n àireamh,
Gheabhadh gràs gu bhi 'n taice rithe !