2. AONACHD AN SPIORAID

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:19

Tha m'inntinn tric a' smuaineach air,
'S chan fhaod mi a chur uam,
Gur tearc am measg chlann daoine iad,
Tha tabhairt gaoil do'n Uan ;
A Righ na Glòir dean caochladh oirnn,
'S ad naomhachd gabh dhinn truas,
Tha chuid is mò de'n t-saoghal so,
Mar chaoraich dol 'san uaigh.

'Se an teisteas bheir an fhirinn dhuinn,
'S a chi sinn anns gach àit',
Gur tearc an àireamh dhileas sin,
Chaidh fhirinneachadh le gràs ;
Tha iad gun Dia, gun dòchas,
Deanamh còrdaidh ris a' bhàs ;
'San t-slighe leathainn, dhòruinnich,
'Sam faigh an fheoil na's àill.

'S e an earail thug an Slànuighear,
D'a chàirdean is d'a chlann,
" Feuch nach dean sibh tarcuis air
"An àireamh bhig a th'ann ;
" 'Sann air an son a bhàsaich mi,
" 'S iad m' àilleagain 's gach àm,\"
'S bithidh ainglibh neamh mar gheàrrd orra
Bheir tearuinnte iad gu cheann.

'S e dh'fhàg an dream ud aithnichte,
Is beannaichte thar chaich,
Gu'n robh iad air an sònrachadh,
An cùmhnanta nan gràs ;
Is an Ti thug creideamh, 's dòchas dhaibh,
Is eolas air a shlàint',
Fhuair iad nis an rèite leis
An èifeachd bha 'na bhàs.

Fhuair iad sealladh uamhasach,
De thruaighe chlann nan daoin',
Am peacadh gin, 's an truailleachd sin,
A bhuadhaich air gach aon ;
Ach nise chan eil diteadh dhaibh,
Chaidh am fireanach gu saor,
'Sann tha iad 'g iarraidh fireantachd,
O'n Ti tha uile-naomh.

Bha'n oibre fèin neo-fhallain leo,
'S an aithreachas cha b'fhearr,
Fhuair iad mar luideig shalaich e,
Nach falaicheadh an nàir ;
Ach cliu do'n Uan, o'n 's airidh e,
'S e cheannaich iad o'n bhàs,
'S a nis fo dhion na fola sin,
'Sann dh'fhairich iad bhi tear'nnt'.

Thuig iad as eugmhais naomhachaidh,
Nach fhaodadh neach bhi beo,
'S dh'àichidh iad mi-dhiadhachd,
Is ana-miann na feol;
Is dh'ùrnuigh am Fear-saoraidh,
Air son gach aon de'n t-seorsa,
Gu'm faiceadh clann nan daoine,
Gu bheil an aonachd mòr.

Ach 's tric a ghabh mi cùram dhe,
Is chiurr e mi 's gach ceum,
Nach robh sinn tric ag ùrnuigh ris,
No dùrachdach d'a rèir ;
Air son roinneanan Reubin,
B'e 'n t-aobhar cùraim e ;
Bhi faìcinn cloinn a' chùmhnaint,
Nach giùlain iad le chèil'.

Tha cuid diubh lag 's cuid làidir dhiubh,
A reir a' ghràis a fhuair.
'S tha cuid le 'm buadhan nàdurra,
Na's fàilinnich 's gach uair ;
'S tha cuid diubh ceangailt' ri gnàthaichean,
'S an deach an àrach suas,
Tha suim de nithibh àraidh ac',
'S nach nrrainn càch bhi gluas'd.

Ach anns na nith' so còrdaidh iad,
Image removed.Tha eolas ac' air slàint',
Tha creideamh, gràdh, is dòchas ac',
'Gan cumail beo tre ghràs ;
Tha naomhachd air a seoladh dhaibh,
'S tha 'n ùmhlachd mòr gu bàs
D'a thoil, mar fhuair iad eolas air,
Mar òrdugh, no mar àithn'.

Ach so an ni a dh'òrdaich e,
Is sheol e dhaibh bhi gluas'd,
Gu'm biodh iad coibhneil, teo-chridheach,
'S ag cumail beo nan uan ;
'S na nithibh air an d' ràinig iad,
Bhi làmh air làimh dol suas,
'S gu 'm foillsicheadh an t-Ard Righ,
Gach pàirt de thoil d'a shluagh.

Ach 's truagh an spiorad-pàirtidh sin,
A fhuair 'san àl tighinn beo,
Tha fuarach gràdh nam bràithrean sin,
Bu chòir bhi'n càirdeas mòr,
B'e sud toil-inntinn Shàtain,
A chàirdean bhi 'sa cheò,
Mu thimchioll co an àireamh,
Thug gràdh do Righ na glòir.

Is luath a thòisich beagan de,
'S na deisciobluibh 's an Eoin,
Ach chronaich am Fear-saoraidh iad,
'S chan fhaodadh sud bhi beo ;
'S is tric chaidh sud a leughadh dhaibh,
O bheul an Abstoil Phòil,
" Gu'm biodh iad ag giulan coibhneil,
" Le oighreachan na glòir."

Is e so a deir an fhirinn,
'S tha e sgriobht' an iomadh àit,
" Na tugaibh breith 's na ditibh iad,
" 'S na tilgibh sios le tàir,
" 'S na bacaibh dhaibh bhi dileas,
" Anns an ni thuig iad mar àithn',
" Ma's ann dhe 'n àireamh phriseil iad,
" A cheannaich los' le bhàs."

Cha bhiadh is deoch an rioghachd sin
Dhe 'm bheil na naoimh an tràth-s',
Ach fireantachd, is naomhachd,
'S an gaol sin nach teid bàs;
Sith, agus aonachd,
'Se bheir air daoine fàs,
Is fearr sud na eolas,
Is gibhtean mòr gun ghràs.

Is peacadh dhaibh ma ghèilleas iad,
Do neach fo'n ghrèin 'sa chàs ;
'S ma shiubhlas iad 's na ceumnaibh sin
Nach tuig iad fèin mar àithn',
'S e Iosa neach chaidh cheusadh,
'S bidh feum air aig a' bhàs ;
'S e buachaille nan treud e,
Is gèillidh iadsan dha.

'S tha'n earail air a dùnadh dhuinn,
Le ùghdaras ro mhòr,
Is tha e tric ag innseadh dhuinn,
Cho chinnt' 's a tha e beò,
Gu'n tionail e 'na fhianuis,
Gach neach bha riamh 'san fheoil;
'S gu'm faigh gach neach d'a rèir,
Mar thug e gèill d' a ghlòir.

A chlanna bheag 's a chàirdean,
Ma ghràdhaicheas sibh chèil',
Tha nithibh anns an àl so,
Ni gàirdeachas air neamh ;
Ma bhitheas Ephraim 's Iudah,
Nis dlùthachadh ri chèil',
'S gu'n leum iad air guaillean,
Nan uaibhreach gu lèir.

'S iongantach am fàbhor,
Fhuair an t-àl 'sam bheil sinn fèin,
Tha mòran sgoilibh Sàbaid
Anns gach ait,' 's iad deanamh feum ;
'S ann nis tha sluagh an t-saoghail,
A' sgaoileadh focal Dhè,
'S iad dol 'ga eadar-theangachadh,
'S gach cainnt a tha fo'n ghrèin.

Tha 'n soisgeul air a sgaoileadh nis
Le daoine 'sam bheil fiamh,
Do pheacaich chruaidh, neo-aithreachail
Tabhairt fairich dhaibh mu'n gniomh ;
'S an dream tha caillte 's falamh dhiubh,
'Gan toirt gu baile-dion ;
Dol chuige 's uaith, tha mòran,
'S tha eòlas dol am meud.

Ach 's truagh gu'm faigh sìnn pàìrt,
A bhios co àrd 'nam barail fèin,
Nach creid gu'n tig o Nàsaret
Ni math, ach f àidhean brèig :
'S cuid eile dheth 'm bheil dòchas ac'
Gu'n d'fhuair iad eòlas Dè,
'S nach aidich gu'm bheil còir aca,
Air bòrd am Maighstir fèin.

O'n tha mi gu co-dhùnadh,
Nis tha mi 'n dùil tre ghràs,
Gu'm bi mise an siochaint riu,
Ge b'e ni a ni càch ;
Ma's urrainn dhomh bhi'n dòchas,
Gu'n còmhlaich sinn 'na làtha'r,
'S gu'n sealbhaich sinn a' ghlòir sin,
Air nach tig bròn gu bràth.

'S e gràdh agus giulan leo,
Is ùmhlachd thoirt 'nan làtha'r,
'Se sud is mò a dhrùidheas orra
Na bhi 'gan dùnadh 'n àird ;
Mar sud tha an t-Ard Bhuachaille,
'Gan cuartachadh le làimh,
'S tha truas ann a chom,
Ris an dream tha trom le àl.

Nis tha mi'n dùil nach tionndaidh sibh,
A' chainnt so gu mi-fheum, -
Gu'n rannsaich sibh gu cùramach,
'S gu'n ùrnuigh sibh d'a rèir :-
Gu'n iarr sibh thoil a sheoladh dhuibh,
'S gu'm fàs sibh 'n eolas Dè,
'S gu'n deanadh Righ nan dùl,
Nis ar dlùthachadh ri chèil'.

Nis tuigibh chlann nan daoine,
An aonachd tha mi luaidh ;
Chan e daoine an t-saoghail so,
Th'anns dream thug gaol do'n Uan -
Oir 's eiginn da phàirtidh bhi
Gu bràth am measg an t-sluaigh,
Am feadh bhios sluagh gun ghràs ann,
Is àireamh a thug buaidh.

Tha 'n inntinnean cho dealaichte,
'S tha 'n talamh o na nèimh,
Is còir do'n fhior luchd faire,
Bhi 'gan sgarachduin o chèil',
Is gun bhi tabhairt còir dhaibh,
Air òrduighean Mhic Dhè,
Is iad gun Dia, gun dòchas,
'S iad uile beo dhaibh fèin.

O ! anam thruaigh gun chùram, nis
Nach dùisg thu 's teich gu luath,
Mu'n teid na neamha dhùnadh ort,
'S an sin bithidh chùis ro thruagh ;
Ged bhitheadh tu an aonachd ris
An dream thug gaol do'n Uan,-
Ni 'm bàs ur cur o chèile,
Mur bi thu fèin dhe shluagh !

Air sgàth gach ni tha priseil, nis,
Na dibir t'anam fèin,
Creid 'san Tighearna Iosa,
'S esa am fionan, 's tusa gheug
'S ma shiubhlas tu 'na naomhachd,
'S gu'n toir thu gaol do'n treud,
Cha sgar beath' no bàs sibh,
Gu brath o aon a cheil'.