1. AM BIOBULL

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:17

Eisdibh rium-s' ars' am Biobull,
'S gheibh sibh eolas air firinn bhios buan,
'San aig na naoimh bhios mi priseil,
Ach bheir mi comhairlean dileas do'n t-sluagh,
'S e 'n Spiorad Naomh rinn an fhirinn,
Air mo chridhe a sgriobhadh gach uair;
Is chan atharraich ni dhe,
Ged theicheadh muir, agus tir, agus cuan.

Tha na h-Abstoil 's na fàidhean,
'S na h-uile firean a ghràdhaich an t-Uan,
Ag cur an seula gu bràth ris,
'S a' dearbhadh uile gu'n d'thàinig mi nnas.
'S gur mi lòchran an t-saoghail,
'S mi bheir eolas do dhaoin' air an truaigh,
'S tha mi foillseach' Fear-saoraidh,
Do lia braighdean tha 'n daorsa ro chruaidh.

Ma's e 's nach dorch' iad mo chòmhradh,
Le briathran gun eòlas, gun fheum,
'S mise dh'innseas an dòruinn,
Do gach neach nach d'fhuair eolas Mhic Dhè ;
Tha iad uile thaobh nàduir
Fo an mhallachd, 's am bas tighinn 'na dhèidh ;
'S gu bheil corruich an Ard-Righ
Air gach neach tha gun ghràs fo an ghrèin.

'S mur beirear a rithisd iad,
'S mur toir eòlas air losa iad beò,
Bidh iad gu siorruidh fo'n diteadh,
'S theid an dùnadh à. Rioghachd na Glòir;
Ma's e 's nach creid iad an fhirinn,
'S mur bi an aithreachas fior air gach dòigh,
Cha bhàsaich iad mar am firean,
'S ann a laigheas iad sios ann am bròn.

Ach an dream a gheibh eòlas,
'S tha creidsinn gach dòruinn a t'ann,
'S tha nis ag èigheach, dean tròcair,
Air no bidh sinn an dòruinn gun cheann ;
Ni mi direach an seòladh,
Dh'ionnsaidh 'n iobairt is glòrmhor a th'ann,
'S chan fhailinn bunait an dòchais,
Ma's i 'n fhuil a chaidh dhòrt' air a' chrann.

Ann an gnùis an Fhir-shaoraidh,
Chi iad tròcair is gaol ann is gras,
'S bidh mise a' feuchainn a ghaoil dhaibh,
Gus am faic iad cho saor 's a tha slàint',
'S their mi, òlaibh gu saor dhe,
'S e 'n t-uisge beo th'ann bheir daoine o'n bhàs :
Sibhse tha tartmhor, na caomhnaibh ;
Tha cuan mòr ann 's cha traogh e gu bràth.

'S an dream a chuireas an dòchas,
Anns na geallanaibh mòr bheir mi dhà,
Gheibh e sith, agus tròcair,
Gheibh e sonas is sòlas, is gràs ;
Gheibh e bàs ann an dòchas
Ris an ais-eirigh ghlòrmhor is feàrr ;
'S gheibh e oighreachd 'sa ghlòir sin,
Far nach coinnich e bròn ann gu bràth.

Ach tha mi 'g innseadh gu saor dhoibh,
Chum 's nach meallar na daoine le sgàil,
Gu bheil comhar' ri fhaotainn,
Air gach neach air 'n do shaothraich mo ghràs,
O nach eil iad gun truailleachd,
Bidh iad dealaichte air uairibh am pàirt;
Ach bidh iad naomha 'nan gluasad
Bidh iad iriosal, stuama, thar chàich.

Tha iad 'g àicheadh mi-dhiadhachd,
'S thug iad fuath dha bhi riarach' na feoil,
'S tha 'n co-chomunn an uaigneas
Ris an Athair tha shuas ann an glòir.
'S iongantas fo'n ghrèin sud,
Mar tha iad gràdhach a chèile cho mòr,
'S chum anamana shaoradh.
Gu'n dean iad cosd agus saothair gu leòir.

'S iad geugan torrach an fhion-lis,
'S cha bhi iad mar chrianaich gun bhlàth,
'S o'n chaidh an suidheach 'san fhionan,
Bidh iad sultmhor 's gu siorruidh a' fàs;
Ni iad aoradh da-rireadh,
Ann an spiorad, 's am firinn tre ghràs,
'S bidh iad treibhdhireach dileas
Anns an aidmheil a ni iad 'na làth'r.

Ach luchd bhreug is cùl-chàinidh,
Misg, is mionnan, is àrdan, is strìth,
Sanntach, neo-ghlan, mi-nàrach,
Is luchd-aidich' gun ghràs a tha cli;
'S an dream tha bristeadh na Sàbaid,
'S iad le 'n aingidheachd a' fàsach' na tir,
Tha mis' ag innseadh dhoibh tràthail,
Nach eil cuid ac', no pàirt ann an Criosd.

Nis, gabhaibh fòghlum a chàirdean,
'S mis' fear-teagaisg is fearr tha fo'n ghrèin,
Chan eil duine gun fhàiling,
'S cha bhi 'n leabhar na 's feàrr na iad fèin ;
Ach 's mise leabhar an Ard-Righ,
Gun mhearachd, gun fàiling, no breug,
Soilleir mar chriostal tha m' fhirinn,
Ruith mar abhainn bho Righ-chathair Dhè.

'S mi tobar an eòlais,
'S an dream theid domhain 's a dh'òlas gun dith,
'S a bhios ag creidsinn 'san dòchas,
Gu'n dean an Spiorad an seòladh 's gach ni;
Ni mi na 's tuigsich ri 'm beò iad,
No 'nan seanairean mòr anns an tir,
Ma bhios iad 'g ùrnuigh 'sa leughadh,
Tric a' smuaineach 's gur lèir dhoibh mo bhrigh.

Rinn mi fianuis 'san t-saoghal,
O'n là thug Maois mi o'n uaigh;
Ach 's tric a chuir iad gu faoin mi,
'S tric a sheachain iad m' fhaobhair bha cruaidh,
'S tric a chuir iad gu bàs mi,
Ann an Sòdom 's am Babilon thruagh,
'S tric a laigh anns na sràidean,
Fo na casan bu tàireil de 'n t-sluagh.

Ach tha mi nis orra ag èirigh,
'S chi mo naimhdean gu lèir mi dol suas,
'S tha mo chàirdean fàs treubhach,
'S ag cur an guail'nibh ri chèile 'san uair-s',
Tha aon aingeal ro threun,
Ruith leam mar iolair nan speuran aig luathas,
'S tha aingeal eile ag èigheach,
Thuit Babilon bhreun anns an uaigh !

Is theid mi gu iomall an t-saoghail,
Deanamh sgeul air Fear-saoraidh nam buadh,
'S ni mi bhratach a sgaoileadh,
Chum 's gu'n tionail na daoine m'an cuairt ;
Labhraidh mis' anns gach cànain,
'S ann air slighe na slàint' bhios mi luaidh ;
'S theid na Cinnich a shlànach',
'S bheir iad cliù agus gràdh 's ann do'n Uan.

'S iomadh neach bha gun dòchas,
'S iad air seachran gun eòlas air sith,
Rinn mi shoillseach' 's a sheòladh,
Dh'ionnsaidh oighreachd is glòir ta gun chrich;
'S iomadh cridhe bha brònach,
Rinn mi subhach le eòlas air Criosd ;
'S rinn mi glic am fear gòrach,
'S rinn mi càirdean de mhòran bha strith.

'S iomadh duine bha aingidh,
Lan àrdain is gamhlais 's mi-rùin,
Rinn mi ghèilleadh 's a cheannsach',
'S dh'fhàs iad iriosal, gràdhach, is ciùin.
'S iomadh duine bha fiadhaich,
'S ag cur an aghaidh na diadh'achd gu chùl,
Dha 'n d'fheuch mise am Fear-saoraidh,
'S thug iad gèill da, is gaol agus cliù.

'S iomadh fear-aidich' is Pharasach,
Bha daonnan 'g an àrdachadh fèin ;
Dha 'n d'fheuch mi truailleachd an nàduir,
Gus am fac iad an gràinealachd fèin,
Gus an d'èigh iad, \" a bhràithrean,
Am bheil dòigh ann air tearnadh dhuinn fèin ? \"
'S an uair a dh'fheuch mi dhoibh Slànuighear
Thug iad urram is gradh dha is gèill.

'S an dream thug gràdh do Iehobhah,
'S mi bu sholus 's bu lòchran d'an cemn ;
'S e mo stàitean bu cheòl dhoibh,
Anns gach càs a' toirt sòlais dhoibh féin ;
Ni mi 'n stiuradh 's an treòrach',
Gus an ruig iad an glòir, 's nach bi feum
Airgrian, no coinneal, no lòchran,
'S cha dorch' an latha le neòil feadh gach rè.