Gaelic Psalm 2

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:10

1 C’ARSON a ghabh na Cinnich boil’,
‘s na slòigh le chèile cruinn,
A’ smuaineachadh beairt dhìomhanaich,
nach feudar chur an suim ?
2 Rìghre na talmhainn dh’èirich suas,
‘s na h-uachdarain gu lèir;
‘N aghaidh lehobhah chruinnich iad;
‘s ‘n aghaidh aoin ungta Dè.

3 Nis brisemaid an cuibhreach dhinn,
(sud thubhairt iad air fad.)
Na boinn a b’àill leo iadhadh oirnn,
dhinn tilgeamaid gu grad.
4 An Ti air nèamh ‘n a shuidhe ta,
ni esan gàire riu ;
Is mar chùis-mhagaidh bithidh iad
do Thighearn àrd nan dùl.

5 ‘N sin labhraidh e am briathraibh borb
‘n a chorruich riu gu garg;
Is cuiridh e gu cabhaig iad,
le lasan is le feirg.
6 Gidheadh do dh’ ungadh leam mo Righ
gu fior air Sion caomh;
Is chuir mi e ‘n a uachdaran
suas air mo thulaich naoimh.

7 Cuiridh mi ‘n cèill an t-ordugh ud;
thubhairt Iehobhah rium,
Is tu mo mhacsa; ‘s ann an diugh dhuit
a ghineadh thusa leam.
8 Iarr orm, ‘s mar oighreachd bheir mi
na fineacha gu lèir :
‘S mar sheilbh ro-dhìleas bheir mi dhuit,
fad iomail crich’ gach tìr’.

9 Nithear le slait do’n iarunn chruaidh,
gu luath am briseadh leat;
‘N am bloighdibh beaga pronnar iad,
mar phota crè le d’ neart.
10 O rìghrean, uime sin, a nis,
gabhaibh-sa ciall gu lèir;
A bhreitheamhna na talmhainn fòs,
grad-fhoghlumaibh deadh bheus.

11 Do’n Tighearna Iehobhah mòr
aoraibh-sa sìos gu ceart,
Le h-eagal deanaibh seirbhis mhaith
do Thighearna nam feart,
‘S le ball-chrith deanaibh gairdeachas.
12 Do’n mhac grad-thugaibh pòg,
Aìr eagal gu las ‘fheargsan ruibh,
g’ur milleadh anns an ròd.

An uair a bhitheas corruich air
a’ lasadh ach gu beag.
Is beannaicht’ iad, gach uile neach,
an dòchas air a leag.

Commentary

David boasts that his kingdom, though assailed by a vast multitude of powerful enemies, would, notwithstanding, be perpetual, because it was upheld by the hand and power of God. He adds, that in spite of his enemies, it would be extended even to the uttermost ends of the earth. And, therefore, he exhorts kings and other rulers to lay aside their pride, and receive, with submissive minds, the yoke laid upon them by God; as it would be vain for them to attempt to shake it off. All this was typical and contains a prophecy concerning the future kingdom of Christ. (Iain Calvin)