Gaelic Psalm 1

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:03

1 O BEANNAICHT’ an duine sin nach gluais
‘an comhairie nan daoi,
‘An slighe fhiair nan peacach baoth’,
‘n a sheasamh fòs nach bi;
‘An caithir fanoid luchd an spòrs
nach togair suidh’ gu bràth:
2 Ach ‘g am bheil toil do naomh-reachd Dhè,
‘g a smuaineach’ oidhch’ is là.

3 Mar chraoibh is amhluidh bithidh e
‘n cois aimhne fàs a ta,
A bheir ‘n a h-aimsir toradh trom,
gun duilleach chall no blàth.
Soirbhichidh leis gach ni d’an dean:
4 ni h-amhluidh sin do bhi
Na daoine peacach; ach mar mholl
air fhuadachadh le gaoith.

5 Is uime sin cha seas a suas
na h-aingidh anns a’ bhreth,
No peacaich ann an comunn naomh
nam fireanach air leth.
6 Oir ‘s fiosrach Dia air slighe ghloin
nam fireanach air fad;
Ach slighe fhiar nam peacach baoth’,
Di-mhilltear i gu grad.

Commentary

He who collected the Psalms into one volume, whether Ezra or some other person, appears to have placed this Psalm at the beginning, by way of preface, in which he inculcates upon all the godly the duty of meditating upon the law of God. The sum and substance of the whole is, that they are blessed who apply their hearts to the pursuit of heavenly wisdom; whereas the profane despisers of God, although for a time they may reckon themselves happy, shall at length have a most miserable end.

Iain Calvin