Grant Hymns

11. GAIRDEACHAS AN FHIREAN

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:36

'Sann a smuainich mi iomadh uair air,
Gur bochd an sluagh sud a tha gun ghràs,
Gun fhois gun suaimhneas, 's an fhàsach thruagh so,
'S iad dol 's an uaigh air na h-uile làimh ;
Tha iad a' smuaineach gu'm faigh iad suaimhneas,
Uair no uair mus an tig am bàs :
'S nuair bhios iad saoilsinn bhi faotainn buaidh air
Tha righ nan uamhas 'gan cur 'nan tàmh.

Bha mis' cho gòrach 's gu'n do shaoil leam mòran,
A thoirt o'n t-seòl ud gu sòlas Dhè ;
Chaith mi mo shaothair air fior naimhdean,

12. GEALLADH AN T-SLANUIGHEAR

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:38

Is iongantach cho gràsmhor,
Is tha Slànuighear nam buadh,
Chan eil ni ni stàth dhaibh,
Nach do phàirtich e ri shluagh ;
Ged nach do gheall e saoibhreas,
Thoirt dhaibh an taobh s' de'n uaigh ;
Gheall e sith is aoibhneas dhaibh,
'S an oighreachd a tha shuas.

13. AN GEATA CUMHANN

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:40

'S e naidheachd bhrònach a ta ri luaidh,
Is tha e sgriobhte le firinn bhuain,
Gur beag tha beo, 's gu bheil sligh' na dòruinn,
Dlùth air a dòsihlach' le mòran sluaigh.

'S e am peac' thug bàs oirnn 's a dh'fhàg sinn mall,
'S e mhill sliochd Adhaimh, 's a dh'fhàg iad dall;
B'e 'm mortair treun e, a mharbh gu lèir sinn,
Thug mallachd Dhè oirnn 's na h-uile call.

Ach Uan Dè rinn e 'n rèite a rithis ;
'S b'e 'n sgeul èibhinn gu'n dh'èigh e sith,
Le fliuil a dhòrtadh, is fheoil a reubadh,

14. GLAODH NAM MARTARACH

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:41

Tha sluagh aig an Ard Righ, a ghràdhaich e cinnt',
Ris an d'thubhairt e " a chàirdean, a bhràithrean, 's a chlann,"
'S tha naimhdeas aig càch dhaibh, gu bràth anns gach linn,
'S chaidh mòran chur gu bàs diubh, 's am fàgail gun chinn.

'S ged thug e deoch ri h-òl daibh, de dhòruinnean searbh,
Lean iad anns gach ceum e, tre dheuchainnean garbh;
'S tha aon ni is àill leam, ged tha iad air falbh,
Gu'n cluinn iad an càramh feadh Gaidhealtachd na h-Alb.'

'S e'n sealladh chunnaic Eoin diubh mo shòlas 'san àm,

15. GLOIR AN UAN

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:46

Tha Sion a' seinn cho binn 's is urrainn,
Toirt mile urram do'n Uan,
'S a' seinn air a ghaol nach caochail tuille ;
'S e shaor i buileach o'n truaigh ;
Haleluiah gu buan aig sluagh nam flaitheas,
Tha cuartach' cathair an Righ ;
'S na leanas an t-Uan de 'n t-sluagh air thalamh
So am fuaim ni tairis an crìdh'.

'S airidh Mac Dhè air gèill is urram,
'S e fèin a dh'fhuiling am bàs ;
'S e chunnaic ar feum 's ar n-èiginn uile,
'S leis fèin bu duilich ar càs :
'S ann ghiulain e fèin gu lèir na buillean

16. ORAN GAOIL

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:49

Togaibh, naomhaibh, luath-ghàire,
Deanaibh gàirdeachas ùr;
O fhuair sibh bhi 'm fàbhar,
Ri Ard-Righ nan dùl;
O'n shaor e o'n bhàs sibh,
'S o'n tràilleachd bu mho ;
'S gu'n d'rinn e sgiamhach le shlàint' sibh,
Thugaibh dhàsan an cliu.

Na'm b'e gu'm b' urrainn mi cainnt air,
Thug e gràdh dhuibh bha mòr ;
Chaidh e seachad air Ainglibh,
'Nuair a chaill iad an glòir ;
'S ghabh e grèim de shiol Abraim,
Chum 's gu'n tearuinnt' iad leis beo,
'S rinn e sgiamhach le shlàint' iad,

17. ORAN DO'N T-SAOGHAL

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:51

'S iongantach thu Shaoghail,
'S neo-chaomhail do ghnùis,
'S mairg a bheireadh gaol duit,
Is caochlaideach thù;
Mheall thu clann nan daoine
'Nan saothair is 'nan dùil,
'S tric a gheall thu sòlas,
'Nuair 's bròn bh'ann do rùn.

Mheall thu le stòras,
Le mòrchuis 's le cliu,
Is ana-mhiann na feola.
An òigridh co-dhiu;
'S an dream a fhuair gu leòir dhiot,
'S a dh' òl as 'd gu d' chùl,
Cha do mheudaich thu'n sòlas,
Cho mòr 's a bha'n dùil.

Ach sgaoil thu do thoilinntinn,

18. STAID NADUIR

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:52

'S e dh'innis Dia na firinn duinn,
Mur beirte ris an sluagh,
Nach fhaod iad dol d'a rioghachd-san,
'S tha sud 'na firinn bhuain ;
Mur bi iad air an naomhachadh,
Chan fhaod iad a dhol suas,
A dh'ionnsaidh an àrois shòlasaich,
Anns am bheil glòir an UAIN.

'S ma tha mi cur mo shenla ris,
Gur eiginn da bhi fior,
'S còir dhomh an cor a leughadh dhaibh,
O fhocal Dè ta sgriobht',
'S ged a dhiult iad èisdeachd ris,
No gèill a thoirt do'n Righ
Gu cinnteach 's comhar' brònach e,

19. AN DEAGH SHAIGHDEAR

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:54

Is tric a chunnaic, 's a chi,
Mi daoine an t-saoghail gun sith,
Le bhi cogadh, 's a' stri ri chèile ;
Ag iarraidh airgid is òir,
Ag iarraidh onair is glòir,
Ged theid iad seachad mar neoil nan speuran.

Ach 'sann tha'n saoibhreas gun dith,
Aig deagh shaighdearan Ios',
Gheibh iad neart anns gach ni mar bhios feum air ;
'S nuair a choisneas iad buaidh,
Is mor an sonas, 's an duais,
Gheibh iad oighreachd tha shuas 's na neimhibh.

Ma's ann de shaighdearan thù,
Feuch gu'm foillsich thu chliù,

20. TRUAIGH SHIORRUIDH

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 11:55

'S tric a smuainich mi chàirdean,
Na'n rachadh agam air dàn a chur sios,
Gur ann air uamhas an Ard Righ,
Agus saoibhreas a' ghràis th'ann an Criosd ;
Dh' fheuch an dùisgeadh e àireamh,
Dhe 'n dream tha'n codal aig Sàtan 'na lion ;
Tha 'g èigheach sith agus tearuinnteachd,
'S iad an cunnart gach là dhol an dith.

Ach tha mi faicinn mu thràth dheth,
Mur tig cumhachd o'n àird oirnn a nuas ;
Gu'm fuirich iad mar a thà iad,
'S nach bi h-aon diubh gu bràth air an gluas'd,
'Nuair tha neart agus slàint' ac',