Gaelic Psalms

Gaelic Psalm 90

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 19:48

'S TU b'ionad còmhnuidh dhuinn gach linn,
a Thighearna na glòir' ;    
2 Cian mu'n do ghineadh fòs na cnuic,
's na sléibhte beag no mòr. 
Cian mu'n do dhealbh  thu'n talamh trom, 
no'n cruinne-ce le d' neart ;      
O bhith-bhuantachd gu bith-bbuantachd, 
is tusa Dia gu beachd.

Gaelic Psalm 91

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 19:50

1 An neach sin tha 'n a thàmh gach uair
an ionad uaigneach Dhè, 
Fo sgail an Uile-chumhachdaich 
buan-chòmhnuidh ni gach ré.
2 Their ni a nis mu thimchioll Dhe,
mo thearmunn e, 's mo neart ; 
Mo dhaingneach : cuiream dòchas ann : 
mo Dhia, 's e Dia nam feart.

Gaelic Psalm 92

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 19:51

1 BHI 'tabhairt buidheachais do Dhia,
's ni sàr-mhaith maiseach e ;
Bhi tabhairt cliu, O Thi a's àird',
do t'ainm-sa feadh gach rè :
2 Do chaoimhneas-gràidh 's a'mhaduinn mhoich, 
gach là bhi' cur an ceill;     
'S air t'fhirinn ta neo-mhearachdach, 
gach oidhch' bhi deanamh sgeil,

Gaelic Psalm 93

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 19:53

1 Is Righ Dia, air a sgeudachadh
le mòralachd gach àm ; 
Ta air a sgeudachadh le neart,
is criosluichte gu teann. 
Shocruicheadh leis an cruinne-cè, 
nach gluaisear e a chaoidh.
2 Do chaithir daingean ta o chian ; 
's tu fèin gun tùs gun chrìoch.

3 Do thog na tuiltean suas, a Dhe.
na tuiltean thog an guth ; 
Seadh thog na tuilte suas gu h-àrd 
an tonna mòr' gu tiugh.
4 Is treise Dia ta chòmhnuidh shuas
na fuaim nan uisge garbh'; 
Is treise Dia na sumainnean, 
is tonna cuain gu dearbh.

Gaelic Psalm 94

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 19:54

1  O Dhia, d'am buin ceart-dhioghaltas,
Iehobhah neartmhoir thrèin, 
D'am buin a mhàin ceart-dhioghaltas, 
gu dealrach nochd thu fèin.
2 O  Bhreitheimh  cheirt na talmhainn, dean
thu fèin a thogail suas ;    
Is ìoc do luchd an uaibhreachais
ceart-luigheachd agus duais.

Gaelic Psalm 95

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 19:56

1 O thigibh, seinneamaid do Dhia: 
thigeadh gach neach 'n a làth'r; 
Do charraig thrèin ar slàinte fòs, 
togamaid iolach àrd.
2 A steach 'n a fhianuis thigeamaid
le buidheachas gach là : 
Togamaid ceòl gu suilbhireach 
a' seinn le salmaibh dha :

Gaelic Psalm 96

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 19:58

Canaibh do'n Tighearn òran nuadh, 
gach aon tìr, canaibh dha.
2 Seinnibh do Dhia : 'ainm beannaichibh, 
nochdaibh a shlàint' gach là.
3 Am measg nam fìneachan gu lèir
sìor-thaisbeinibh a ghlòir: 
Am measg gach pobuill aithrisibh 
a mhìorbhuile ro-mhòr.

4 Oir 's mòr Iehobhah Dia nam feart,
's ion-mholta feadh gach rè ; 
Is aobhar eagail e faraon 
os ceann nan uile dhée:
5 Oir uile dhée nam fineachan
is ìodhoil iad gu leir : 
Ach 's e Iehobhah Cruithfhear àrd 
nam flaitheas is nan speur.

Gaelic Psalm 97

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 20:00

1 Iebhobhah mòr 's e tha 'n a Righ,
biòdh aiteas air gach tìr ; 
'S air eileanaibh tha lìonmhor ann, 
biodh gairdeachas gu lèir.
2 Tha neula tiugh' is dorchadas
m'a thimchioll air gach leth : 
'S e 's còmhnuidh fòs d'a chaithir-righ 
deadh chothrom is ceart-bhreth.

Gaelic Psalm 98

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 20:02

1 O seinnibh òran nuadh do Dhia,
rinn bearta mìorbhuileach : 
'S i 'dheas làmh fèin 's a ghairdean naomh 
thug dhasan buaidh a mach.
2 Feuch, thaisbein Dia gu follaiseach
'fhurtachd 's a shlàinte mhòr ; 
Am fianuis chinneach nochdadh leis 
'fhireantachd fèin gu leòr.

Gaelic Psalm 99

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 20:03

1 THA Dia 'n a Righ, is criothnaicheadh
gach uile shluagh air bith :
'S e shuidheas eadar cheruban,
biodh air an talamh crith.
2 An Sion tha Iehobhah mòr, 
is àrd os ceann gach sluaigh.
3 T'ainm mòr ro-uamhor molar leo, 
oir tha e naomh r'a luaidh.

4 Is toigh le neart an Righ ceart-bhreth
's tu shocruicheas a' cheart: 
An Iacob breitheanas is còir 
cuiridh tu 'n gnìomh gu beachd.
5 Ar Dia Iehobhah àrdaichibh,
is sleuchdaibh dha gu caomh, 
Aig stòl a'chos gu h-urramach; 
oir tha e féin ro-naomh.