Gaelic Psalms

Gaelic Psalm 80

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 09:47

1 Eisd, aodhair Israeil, a stiùir
Ioseph mar threud le d'làimh. 
Thusa ta d' thàmh measg cheruban, 
dealruich a mach mu thràth.
2 An làthair Ephraim 's Bheniamin,
agus Mhanaseh fòs,
Dùisg-sa do chumhachd: agus thig 
g'ar saoradh mar is nòs.

3 Pill sinn a rìs, a Dhè nam feart:
tog oirnnè suas gu h-àrd 
Deadh dhealradh glan do ghnùise nis, 
is saorar sinn le d' ghràs.
4 Cia fhad, a Thighearna nan sluagh,
a leanas corruich riut, 
Ri guidhe ghèir na muinntir sin 
a's pobull dìleas duit ?

Gaelic Psalm 81

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 09:48

Seinnibh gu h-ait do Dhia ar neart ; 
Dhia Iacoib fòs gu binn,
2 Is glacaibh salm is tiompan fòs ; 
saltair is clàrsach ghrinn.
3 An trompaid sèidibh 's an rè nuadh: 
air làithibh orduicht' feill'.
4 Bu lagh sud aig Dia Iacoib fòs ; 
's bu reachd do Israel.

Gaelic Psalm 82

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 09:53

1 An coimhthional nan treun a ta 
'n a sheasamh Dia nam feart : 
Am measg nan dèe bheir esan breth 
le cothrom is le ceart.
2 Cia fhad a bheir sibh breitheanas
gu h-eucorach 's gach cùis ; 
Toirt leth-bhreth air ua daoinibh daoi, 
'g am meas a reir an gnùis ?

Gaelic Psalm 83

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 09:53

1 NA bi a'd' thosd a nis, na bi
a'd' thàmh, O Dhia ar neart, 
Na bi-sa samhach nis 'n ar feum, 
Dhia chumhachdaich nam feart.
2 Oir feuch, a ta do naimhde treun
ri stri is buaireas àrd ; 
'S an dream ud leis am fuathach thu, 
an cinn thog suas an àird.

Gaelic Psalm 84

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 09:54

1 CIA mòr an airidh-ghràidh do theach,
Iehobhah mhòir nan sluagh! 
Cia taitneach dhomhsa t'àros naomh, 
O Thighearna nam buadh !
2 Tha m'anam fann, aig meud a mhiann
air cùirtibh Dhe gach lò : 
Mo chridh' is m'fheoil ri scairteachd chruaidh, 
'n geall air an Dia ta beò. 

Gaelic Psalm 85

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 09:56

1 Bha thusa gràsmhor fàbharach,
a Dhè, do d' dhùthaich féin ; 
Bruid Iacoib thug thu air a h-ais 
a rìs 'le d' ghairdean treun.
2 Cionta do phobuill mhaith thu fèin ; 
dh'fholuich thu 'n uile lochd.
3 Choisg thu do chorruich uile, 's phill 
o'n lasan a bha ort.

Gaelic Psalm 86

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 09:56

1 Aom rium do chluas is cluinn mi, Dhia, 
oir tha mi ainnis truagh :
2 Dean thusa, chionn gu'm buin mi dhuit,
m'anam a dhìon gu luath : 
Oir 's tu mo Dhia, saor t'òglach fèin 
tha 'g earbsadh riut a ghnàth,
3 Dean tròcair orm, a Dhia, le iochd : 
oir gaiream ort gach là.

Gaelic Psalm 87

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 09:57


1 Tha 'bhunaite 's na sleiblitibh naomh':
2 'S ro-ionmhuineach le Dia 
Geatacha Shioin, thar gach àit 
a bha aig Iacob riamh.
3 Nithe ro-ghlòrmhor innsear ort, 
n chaithir àluinn Dè.
4 Rabab, is Babel cuimhnicheam, 
do'n dream d'an aithne mi;

Gabh beachd air Tirus mar au ceudn',
is dùthaich Phalestin, 
Maille ri Etiopia:
am fear so rugadh 'n sin.
5 Mu thimchioll Shioin theirear so,
am fear so rugadh fòs, 
'S am fear ud innt'; an Ti a's àird 
socraichidh i air chòir.

Gaelic Psalm 88

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 19:45

1 Iehobhah Dhia mo Shlànuighir, 
ort ghair mi dh'oidhch' 's a là.
2 A'd' fhianuis thigeadh m'urnuigh fòs : 
is èisd mo ghlaodh a ghnàth.
3 Oir m'anam làn do thrioblaid ta; 
's do'n uaigh mo bheatha dlùth.
4 Seadh mheasadh mi mar neach theid sìos 
do'n t-slochd, is mi gun lùth.

Gaelic Psalm 89

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 19:46

1 Air tròcair De sior-sheinnidh mi
is ni mi oirre sgeul ; 
O àl gu h-àl gu maireannach 
air t'fhìrinn thig mo bheul.
2 Oir thubhairt mi, gu'n togar suas
do thròcair mhòr do shior : 
Is t'fhìrinn cheart 's na nèamhaibh àrd' 
socruichear leat gu fior.

3 Coimhcheangal rinn mi ri m'Aon naomh
a ròghnaich mi gu sìor : 
'S do Dhaibhidh tha 'na òglach dhomh,
mhionnaich mi fein gu fior. 
4 Socraichidh mi gu daingean buan
do ghinealach 's do shiol, 
Do chaithir rioghail togam suas 
o linn gu linn gu sìor.