Gaelic Psalms

Gaelic Psalm 70

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:50

1 Iehobhah Dhia, gu m' theasairginn, 
's gu m' chòmhnadh, deifrich ort.
2 Biodh nàir' is amhluadh air an dream 
ta 'g iarraidh m'anam' bhochd :
Pillear an dream ud air an ais, 
le m' miann mo lochd a ghnàth,
Mòr amhluadh gu robh orra sud, 
is rughadh gruaidh gach là.

Gaelic Psalm 71

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:51

1 'S ann ruit a ta mi 'g earbsadh, Dhe ; 
nàir' orm am feasd na biodh,
2 A'd' cheartas fòir, thoir orm dol as : 
aom rium do chluas, saor mi.
3 A'd' charraig còmhnuidh bi-sa dhomh,
d'an tàthuichean do shìor: 
Mo chaisteal, is mo dhaingneach thu, 
thug àithne chum mo dhìon.

Gaelic Psalm 72

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:52

1 DHIA, thoir do bhreitheanas do'n righ, 
is t'fhìreantachd d'a mhac.
2 Bheir esan ceart bhreth air do shluagh, 
's do d' bhochdaibh còir 'n an airc.
3 Na sleibhtean àrda bheir a mach
siochaint do'n t-sluagh gu pailt ; 
Is bheir na tulaich bheaga sìth 
le fireantachd gun airc.

Gaelic Psalm 73

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 09:37

1 Gu firinneach tha Dia ro-mhaith
do phobull Israeil,
Do'n dreum 'g am bheil an cridhe glan, 
tha Dia dhoibh maith d'a reir.
2 Ach air mo shonsa, 's beag nach d'aom
mo chosa uam gu grad : 
Cha mhòr nach d'rinn mo cheuma fòs 
sleamhnachadh uam air fad.

Gaelic Psalm 74

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 09:39

1 Carson a thilg thu sinne uait ?
an ann gu bràth, a Dhè ? 
C'arson ri caoraich t'ionaltraidh, 
a las do chorruich gheur ?
2 Cuimhnich, a Dhè, do choimhthional
a cheannuich thu o chein; 
Slat t'oighreachd fòs a shaoradh leat, 
Sion do chòmhnuidh fein.

Gaelic Psalm 75

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 09:40

1 Dhuit bheir sinn buidheachas, a Dhe,
dhuit buidheachas a ghnàth : 
Oir foillsichidh do mhìorbhuile, 
gur fagus t'ainm gach là.
2 Tràth 'gheibh mi is a ghlacar leam
coimhthional mòr na tìr', 
Do ni mi dhoibh deadh bhreitheanas, 
gu cothromach 's gu fior.

3 Sgaoileadh an dùthaich, is an sluagh
'g a h-àiteachadh a ta : 
Ach mise cumaidh suas gu treun 
posta na tìr' a ghnàth.
4 Thubhairt mi ris gach amadan,
na gluais gu h-amaideach : 
'S ri luchd an uilc, Na togaibh suas 
bhur n-adharc àrdanach.

Gaelic Psalm 76

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 09:41

1 AN Iudah aithnichear ar Dia ; 
's mòr 'ainm an Isra'l naomh.
2 An Salem tha a phàilliun fòs, 
a thàmh an Sion caomh.
3 Saighdean a' bhogha bhris e 'n sin, 
an sgiath 's an claidheamh geur. 
An còmhrag is an cath faraon, 
bhriseadh iad leis gu treun.

4 Is mò do mhòralachd, a Dhè,
is mò gu mòr do ghlòir 
Na beannta thog an cinn gu h-àrd, 
le cobhartach ro-mhòr.
5 Làn-chreachadh luchd a' chridhe chailm,
is choidil iad le suain ; 
Na fir a bha 'n an curaidh mhòr', 
an làmha fòs cha d'fhuair.

Gaelic Psalm 77

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 09:42

DH'EIGH mi ri Dia gu h-àrd lem'ghuth, 
dh'èigh mi le m'ghuth gu h-àrd ; 
Is thug e, 'n uair a ghlaodh mi ris, 
sàr-éisdeachd dhomh gun dàil.
2 An là mo thrioblaid dh'iarr mi Dia :
is shruth mo leòn gun sgur, 
Rè fad na h-oidhch' : is m'anam truagh 
sòlas do dhiùlt gu tur.

Gaelic Psalm 78

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 09:43

1 Mo phobull èisdibh ri mo reachd: 
is cluinnibh guth mo bhèil.
2 Am briathraibh filidh cuiridh mi 
sean-fhocail dhorch' an cèill:
3 A chuala sinn o'r sinnsearaibh, 
is air am b'fhiosrach sinu,
4 Cha-n fholaich sinn o'n ginealach, 
'S cha cheil sinn iad o'n cloinn ;

Gaelic Psalm 79

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 09:46

1 Thainig, a Dhe, na fineachan
a steach do d' oighreachd féin,
Thruaill iad do  theampull naomh, is dh'fhàg
'n a tòrr Ierusalem.    
2 Is thug iad cuirp do sheirbhiseach 
mar bhiadh do eoin nan speur : 
Is feoil do naomh mar chobhartach, 
do bheathaichibh an t-sleibh.