Gaelic Psalms

Gaelic Psalm 60

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:39

1  A DHE, do thilg thu sinne uait, 
dh' fhuadaich thu sinn air fad, 
Oir bha thu ruinn an corruich ghèir ; 
pill ruinn thu fein gu grad.
2 Chuir thus' an talamh trom air chrith;
is fòs do brris thu e ; 
Slànuich a bhriseadh, oir gu beachd 
air criothnachadh tha e.

Gaelic Psalm 61

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:40

1 RI glaodh mo ghearain èisd, a Dhè 
is m'urnuigh thoir fa'near.
2 O iomall talmhainn eigheam riut,
's mo chridhe trom fo smal: 
Dhia, treòraich chum na carraig mi 
a's àirde na mi féin.
3 Bu tearmunn thu, 's bu chaisteal dhomh 
o m'eascairdibh gu lèir.

Gaelic Psalm 62

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:41

1  Le foighidinn tha m'anam bochd 
'feitheamh air Dia gu beachd: 
'S ann uaith' tha furtachd agus fòir 
orm air gach taobh a' teachd.
2 'Se mhàin a's carraig dhìdein dhomh,
is m'f'hurtachd e ro-dheas :
Mo thearmunn dìleas e faraon,
gu mòr cha ghluaisear mis'.

Gaelic Psalm 63

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:42

1 O Dhia, is tu mo Dhia, gu moch
iarraidh mi thu gach là: 
Ro-thartmhor a ta m'anam bochd,
an geall ort fèin a ghnàth ; 
Tha miann, is ciocras mòr air m'fheoil,
an geall ort fèin gach àm. 
An tìr ro-thioraim, thartmhoir, theith,
gun uisg' air bith bhi ann.

Gaelic Psalm 64

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:44

1  Thath ni mi urnuigh riut, a Dhe, 
thoir èisdeachd dhomh gu luath ; 
O eagal nàmhaid coimhid fòs, 
gu tèaruint' m'anam truagh.
2 O chomhairl' dhìomhair dhaoine daoi,
o ionnsuidh ghairbh faraon, 
Luchd deanamh uilc is aingidheachd, 
cuir folach orm gu caoin.

Gaelic Psalm 65

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:44

1 THA ann an Sion feitheamh ort
moladh, a Dhé, gun dìth : 
'S ann duit a dhìolar fòs gu pailt 
a' bhoid mar gheallar i.
2 O thus' a dh'eisdeas urnuigh ghlan, 
's ann thugad thig gach aon.
3 Mo sheachrain tha an uachdar orm: 
Glan thus' ar peacaidh uainn.

Gaelic Psalm 66

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:47

1 Togaibh, gach uile thìr gu h-àrd, 
iolach do Dhia nan dul.
2 D'a ainm ro-uasal seinnibh glòir, 
a' tabhairt dhasan cliu.
3 Abraibh ri Dia, Cia h-uamhasach
gach beart do nithear leat ? 
Oir geillidh dhuit do naimhde borb, 
air son gur mòr do neart.

4 Sleuchdaidh gach uile thalamh dhuit,
ag iomradh ort gu binn : 
Do t'ainm ro-uasal iongantach 
Ni'd moladh mòr a sheinn.
5 Thigibh an so is amhaircibh 
air oibribh Dhè gu geur : 
Ta uamhasach 'n a ghnìomharaibh 
air chloinn nan daoin' gu lèir.

Gaelic Psalm 67

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:47

1 Gu'n deanadh Dia mòr thròcair oirnn,
's ar beannachadh a ghnàth :
Is togadh e gu gràsmhor oirnn
dealradh a ghnuis' gu bràth.
2 Chum fios do shlighe bhi gu fior
's gach uile thìr air bith : 
Is iomradh air do shlàinte chaoinnh 
measg fhineacha fa leth.

Gaelic Psalm 68

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:48

1 Eireadh ar Dia, is sgaoilear leis
an dream a's naimhde dha : 
'S an aitim sin thug dhasan fuath, 
teicheadh o 'ghnùis gu bràth.
2 Mar sgapar deatach, fuadaich iad :
mar leaghas teine cèir, 
Mar sin gu sgriosar droch dhaoin' as 
à fianuis Dhè gu leir.

Gaelic Psalm 69

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:49

1 O teasairg mise, Dhè mo neart, 
oir dhòirt na tuilte orm, 
Is thàinig fòs air m'anam bochd 
na h-uisgeacha le toinn.
2 An làthaich dhomhain tha mi'n sàs,
gun àit an seasainn ann ; 
Le h-uisgibh domhain ghlacadh mi, 
is sruth dol thar mo cheann.