Gaelic Psalms

Gaelic Psalm 50

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:25

1 LABHAIR an Dia Iehobhah treun,
an talamh ghairm gu lèir, 
O'n àird an ear gu h-àird an iar, 
o èirigh gu luidh grein',
2 A Sion àrd, a's foirfe mais', 
do dhealruich Dia nam feart.
3 Oir thig ar Dia 's cha bhi 'n a thosd, 
ach labhraidh e le neart:

Gaelic Psalm 51

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:27

1 Dean tròcair orm, a Dhia nàn gràs,
gu h-ìochdmhor saorsa mis', 
Reirlìonmhoireachd do thròcair chaoimh,
glan as m'uil' eusaontas.  
2 Gu h-iomlan ionnail mi o ni' lochd, 
glan mi o m' chiont' a'd' ghràdh :
3 Oir tha mi 'g aidmheil m'eusaontais. 
's leir dhomh mo lochd a ghnàth.

Gaelic Psalm 52

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:30

1 CIOD uime 'n dean  thu, ghaisgich threin, 
uaill as an olc gu mòr?          
Mairidh am feasd gun cheann gun chrìch, 
deadh mhaitheas Righ na glòir'.
2 Do theang' a' dealbh an aimhleis chlaoin; 
chum ceilg' mar ealtuinn ghéir.
3 Is annsadh leat an t-olc na maith, 
is breug na briathra fior.

Gaelic Psalm 53

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:31

1 'Na chridhe deir an t-amadan,
cha-n 'eil ann Dia air bith : 
Taid truaillidh, 's gràineil fòs an lochd: 
cha-n 'eil ann neach ni maith.
2 Dh'amhairc an Tighearna o nèamh
air cloinn nan daoine nuas, 
A dh'fheuchainn an robh tuigs' aig neach, 
a dh'iarradh Dia nan gràs.

Gaelic Psalm 54

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:32

1  TRE t'ainm-sa teasairg mise, Dhé. 
cum cothrom rium le d' neart.
2 Eisd' m'urnuigh, thoir fa-near, a Dhe, 
briathra mo bhèil gu ceart.
3 Oir dh'éirich coigrich rium-sa suas, 
luchd-fòirneirt tha gu dian
An tòir air m'anam ; 's cha do chuir 
iad Dia fa'n comhair riamh. 

Gaelic Psalm 55

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:33

1 Ri m'urnuigh eisd : 's o m' ghuidhe, Dhe,
na foluich thus' thu féin.    
2 Thoir aire's freagradh dhomh, ta caoidh 
le bròn 's le bùireadh geur:
3 Air son guth m'eascairde gu leir,
is fòirneart fòs nan daoi: 
Oir euceart thilg iad orm, am feirg 
dhomh thug iad fuath gun dìth.

Gaelic Psalm 56

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:35

1 Ormsa dean iochd, a Dhe, oir b'àill,
le duin' mo shlugadh suas :
Esan a tha ga m' shàruchadh
gach là le cogadh cruaidh.
2 Seadh b'àill le m'eascairdibh gun iochd
mo shlugadh suas gach là : 
Oir 's lionmhor iad tha cogadh rium 
gun aobhar no cion-fàth.

Gaelic Psalm 57

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:36

1 Dean tròcair orm, a Dhia nan gràs,
dean tròcair orm gach rè, 
Oir annadsa tha m'anam truagh
a' cur a dhòigh gu lèir : 
Is gabhaidh mi fo sgàil do sgèith
mo thearmunn is mo neart, 
Gu ruig an uair sin anns an teid
na h-uilc ud uile thart'.

2 Eighidh mi ris an Dia a's àird';
ri Dia ta làidir treun, 
A chuireas leam gach cùis gu crìch, 
mar chi e ormsa feum.
3 Cuiridh e neart o nèamh, do m' dhìon
o bheum an fhir le'm b'àill 
Mo shlugadh ; cuiridh Dia a mach 
'fhìrinn 's a ghràs gun dàil.

Gaelic Psalm 58

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:37

1 AN labhair sibhs', a choimhthionail,
an fhìrinn cheart neo-chlaon ? 
'S an tabhair sibh gu cothromach, 
breth cheart, a chlann nan daoin'?
2 Is ann bhur cridh' tha sibh a' dealbh'
mòr aingidheachd gun tàmh : 
'S air talamh tha sibh tomhas fòs, 
fòireigin chruaidh 'ur làmh.

Gaelic Psalm 59

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:38

1  Teasairg, is saor mi, o mo Dhia, 
o m' naimhdibh dh'èireas rium.
2 O luchd an uilc ta fuileachdach, 
dion mis', is cuidich leam.
3 Feuch 'n aghaidh m'anam' luidh am fà
is chruinnich daoine treun : 
Cha-n ann, a Dhia, air son mo lochd, 
no cron a rinn mi fein.