Gaelic Psalms

Gaelic Psalm 40

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 22:13

1 DH'FHEITH mi le foighid mhaith ri Dia, 
chrom thugam, dh'èisd mo ghuth :
2 Is thug se à slochd uamhuinn mi,
a clàbar criadha tiugh : 
Air carraig chòmhnaird chuir mo chos; 
mo cheuman shocruich e.
3 Is òran nuadh chuir e a'm' bheul, 
gu b'e sud moladh Dhè :

Gaelic Psalm 41

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 22:14

1 'S beannaicht' am fear a bheir gu glic
fa'near an duine bochd : 
An uair a thrioblaid is a theinn, 
bheir Dia e saor o'n olc.
2 Ni Dia a dhìon, 's a chumail beò,
is beannaicht' e 's an tìr: 
Gu toil a naimhde mi-runach 
na tabhair e gu sìor.

3 Air leabadh 'thinneis iarganaich 
bheir Dia dha neart is treòir: 
A leabadh ni tliu dha air fad 
ri h-àm a thinneis mhòir.
4 Thubhairt mi, deansa tròcair orm,
a Thighearn is a Dhe ; 
Is leighis m'anam euslan bochd, 
oir t-aghaidh pheacaich mi.

Gaelic Psalm 42

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:12

1 MAR thogras fiadh na sruthan uisg'
le bùireadh àrd gu geur, 
Mar sin tha m'anam ploscartaich, 
ag èigheach riutsa, Dhè.
2 Tha tart air m'anam 'n geall air Dia,
'n geall air an Dia ta beò :
O c'uin a thig 's a nochdar mi
am fianuis Dhia na glòir' ?

Gaelic Psalm 43

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:14

1 Cum cothrom rium, is tagair fèin 
mo chùis, o'n fhineach olc, 
O'n eucorach, 's o fhear na ceilg', 
Dhè, saorsa mi o'n lochd.
2 C'ar son a thilg thu mise uait ?
's gur tu mo Dhia 's mo threòir ; 
C'ar son bhrìgh fòirneirt m'eascairde, 
an siubhlam fein fo bhròn ?

Gaelic Psalm 44

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:16

1 Le'r cluasaibh chuala sinn, a Dhe,
ar sinnsir chuir an cèill 
Na gnìomhara a rinneadh leat, 
'n an aimsir, fad o chèin.
2 Le  d' làimh mar thilg thu mach na slòigh,
is iadsan chuir 'n an àit :      
Mar rinn thu air na cinnich claoidh, 
ach dhoibhsan thug an sàth.

Gaelic Psalm 45

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:18

1 Deadh aobhar òrain naoimh is ciùil
a' deachdadh ta mo chridh' : 
Is labhram air na nithibh sin
a rinn mi fèin do'n Righ : 
Mar pheann an làimh tir-sgriobhaidh
a chuireas sìos gu luath,       
Is amhluidh sin, mo theangadh ta dheis,
air t-urram àrd a' luaidh.

Gaelic Psalm 46

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:19

1 S'E Dia a's tearmunn duinn gu beachd,
ar spionnadh e 's ar treis : 
Ar aimsir carraid agus teinn, 
ar cabhair e ro-dheas.
2 Mar sin ged ghluaist' an talamh trom,
cha-n aobhar eagail duinn: 
Ged thilgeadh fòs na slèibhte mòr' 
am builsgein fairg' is tuinn.

Gaelic Psalm 47

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:20

1 Buailibh 'ur basan, uile shlòigh,
ta chòmhnuidh anns gach àit; 
Le guth 's le gairdeachas do Dhia, 
suas togaibh iolach àrd :
2 Oir Dia ro-àrd is uamhunn e ; 
Righ mòr os creann gach tìr'.
3 Am pobull cuiridh e fo'r smachd, 
fo'r cois na slòigh gu leir.

Gaelic Psalm 48

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:22

1 Is mòr Iehobhab, Dia nam feart.
an cathair àird ar Dia
Is air sliabh àrd a naomhachd féin,
ion-mholta chaoidh an Triath. 
2 Beinn Shioin 's breagh' a suidheachadh, 
aoibhneas gach fearainn i;
Is dlùth dhi air an taobh mu thuath, 
tha caithir an Ard-Righ.

Gaelic Psalm 49

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:23

1 Eisdibhse so gach uile shluagh, 
na bheil 's a' chruinne-chè :
2 Is cluinnibh eadar mhòr is bheag, 
ma's bochd no beartach e.
3 Air tuigse smuainichidh mo chridh', 
air gliocas thig mo bheul.
4 Aomaidh mo chluas gu samhlachaibh : 
nochdam cainnt dhorch air teud.