Gaelic Psalms

Gaelic Psalm 30

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 21:55

1 DHIA, molam thu, oir thog thu mi,
gàir’ m’eascair cha d’rinn dhìom.
2 A Dhia mo Thighearn, ghlaodh mi riut,
is dh’fhurtaich orm a’m’ fheum.
3 Do thogadh m’ anam leatsa, Dhe
glan as an uaigh a nios ;
Is ghleidh thu mi gu tearuint’ beò,
do’n t-slochd nach rachain sios.

Gaelic Psalm 31

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 22:01

1 Asadsa, Dhe, ni mise bun ; 
nàir' orm na leig am feasd : 
Dean fuasgladh dhomh a't' ionracas, 
o thrioblaid is o cheisd.
2 Do chluas a m'ionnsuidh crom a nuas,
is furtaich orm gu dian :
A'd' charraig dhaingean bi-sa dhomh, 
tigh-tearmuiun chum mo dhion.

Gaelic Psalm 32

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 22:04

1    O beannaicht' an duine ain a fhuair
'n a pheacadh maitheanas; 
A fhuair le tròcair folach air 
a chiont' is eusaontas.
2 'S beannaicht' an ti nach agair Dia
'n a sheachranaibh ni's mò ; 
Is ann a spiorad fòs nach 'eil 
claon-chealgaireachd no gò.

Gaelic Psalm 33

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 22:06

1 O sibhse ta 'n 'ur fireanaibh, 
biodh aiteas oirbh an Dia:
Oìr s' cubhaidh do na daoinibh còir, 
bhi 'tabhairt cliu do'n Triath.
2 Air clàrsaich thugaibh moladh dha;
is air an t-saltair ghrinn, 
Air inneal-ciùil nan teuda deich 
seinnibh do Dhia gu binn.

Gaelic Psalm 34

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 22:07

1 Iehobhah beannaicheam gu h-àrd,
gach aimsir is gach tràth : 
A chliu 's a mholadh ann am bheul 
gu h-iomraiteach a ghnàth.
2 Is anns an Tighearna ro-threun
ni m'anam uaill is glòir : 
Na daoine sèimh', tràth chluinneas sud, 
ni gairdeachas gu mòr.

Gaelic Psalm 35

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 22:08

1 Tagair, a Dhia, ri luchd mo strì ; 
cuir cath ri luchd mo chath'.
2 Glac fèin do thargaid, is do sgiath, 
eirich, dean còmhnadh maith.
3 Glac fòs do shleagh, 's air luchd mo thòir
am bealach druid gu teann : 
Ri m'anam abair fein mar so, 
is mi do chòmhnadh ann.

Gaelic Psalm 36

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 22:09

1 Deir eusaontas an droch-dhuin' so,
'n a chridhe stigh 's 'n a chliabh 
Fior-eagal Dè am beachd a shùl 
cha-n 'eil, is cha robh riamh.
2 Oir ni e brionnal baoth ris fèin
a rèir mar thaitneas ris ; 
A chionta gus am foillsichear 
mar aobhar fuath d'a sgrios.

Gaelic Psalm 37

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 22:10

l Lasan no compar na biodh ort
mu dhaoinibh aingidh olc,
Is na gabh farmad ris an dream
a bhios a' deanamh lochd.
2 Oir amhluidh mar is dual do'n fheur, 
glan-sgathar iad gu grad, 
Is amhluidh mar na lusa maoth' 
crion-seargaidh iad air fad.

Gaelic Psalm 38

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 22:11

1 A THIGHEANA, ann ad chorruich mhòir
na cronuich mi gu garg ; 
Na dean mo smachdachadh gu geur, 
an uair a lasas t'fhearg.
2 Oir tha do shaighde guineach geur
sàitht' annam fèin gu teann: 
Is orm a ta do làmh gu trom, 
'g am chumail sios gach àm.

Gaelic Psalm 39

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 22:12

1  Thubhairt mi, bheir mi fein fa'near
mo shlighe; 's ni mi fòs 
Mo theangadh choimhead mar le srèin, 
air bhith do'n daoi a'm' chòir.
2 Dh'fhan  mi  gu  tosdach  balbh a'm' thàmh, 
o'n ni sin fèin bu mhaith ;     
Mhosgail mo thrioblaid is mo bhròn 
annam gu mòr a stigh.