Gaelic Psalms

Gaelic Psalm 20

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 20:09

1 Gu freagradh Dia thu ann an là
do thrioblaid, is do phèin!
Gu deanadh ainm Dhè Iacoib fòs
sior-choimhead ort a’d’ fheum:
2 Gu’n cuireadh thugad cuideachadh,
tràth, as a theampull naomh:
Is deanadh e do neartachadh
à Sion fèin gu caomh.

3 Cuimhnicheadh e gu gràsmhor dhuit
t’uil’ ofraile gu grad,
Is gabhadh e gu taitneach uait
t’iobairte loisgt’ air fad.
4 A rèir deadh rùin do chridhe fèin,
tiùbhradh e dhuit gu maith;
Coimhlionadh e gach comhairle
tha ann ad chridhe stigh.

Gaelic Psalm 21

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 20:11

1 AM meud do neirt-sa, Dhè nan dùl,
bidh aoibhneas air an Righ:
Is ann ad shlàinte thròcairich
sòlas cia mòr do ni ?
2 Làn mhiann is rùn a chrìdhe fèin
thug thusa dha gu seth:
Aon athchuinge a dh’iarr a bheul
cha d’ rinn thu air a cleith.

3 Oir beannachadh do mhaitheis mhòir
sin thug thu dha gu moch:
Is chuir thu coron àrd m’a cheann,
do’n òr a’s deirge dreach.
4 Do dh’ iarr e ortsa beatha bhuan,
sin thug thu gu fior:
Is thug thu sineadh saoghail dha,
a chum bhi beò gu sior.

Gaelic Psalm 22

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 21:42

1 MO DHIA, mo Dhia c’uim’ thrèig thu mi ?
le d’fhurtachd uam an cèin;
O bhriathraibh goirt mo bhuiridh àird,
gun fhuasgladh orm a’m’ fheum ?
2 Mo Dhia, cha d’ thug thu fireagradh dhomh,
‘s an là ‘n do ghairm, mi ort:
An uair bu chòir dhomh tàmh san oidhch’,
cha-n ‘eil mi fèin a’m’ thosd.

Gaelic Psalm 23

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 21:44

1 Is e Dia fèin a’s buachaill dhomh,
cha bhi mi ann an dìth.
2 Bheir e fa’near gu’n luidhinn aios
air cluainibh glas’ le sith :
Is fòs ri taobh nan aimnichean
thèid seachad sios gu mall,
A ta e ga mo threòchrachadh,
gu min rèidh anns gach ball.

Gaelic Psalm 24

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 21:46

1 ‘S LE Dia an talamh, ‘s a làn;
an domhan, ‘s na bheil ann.
2 Oir shocraich e air cuantaibh e,
air sruthaibh leag gu teann.
3 Cò e am fear sin a thèid suas
gu tulaich naomha, Dhe?
Is fòs ‘n a ionad naomhasan.
cò sheasas ann gu rèidh ?

4 An ti g am bheil na làmhan glan’,
is cridhe neòchiontach;
‘Anam nior thog ri dìomhanas,
‘s nior lùgh mionn ìoganach.
5 An ti sin’beannachadh o Dhia
gheibh e gu saoibhir pailt,
Is ionracas faraon o’n Dia
‘s bun slàinte dha ‘n a airc.

Gaelic Psalm 25

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 21:47

1 DHIA, togam m’anam riutsa suas.
2 Mo Dhia, mo mhuinghinn dheas ;
A m’ ionnsuidh na leig aobhar nàir’;
do m’eascar gairdeachas.
3 Fo nàir’ is mhasladh na leig neach
d’an gnàth bhi feitheanih ort:
Ach nàire gu robh air an dream
a ni gun aobhar lochd.

Gaelic Psalm 26

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 21:48

1 THOIR ormsa breth, a Dhia nan dùl,
a’m’ neòchiont ghluais mi fèin,
Oir rinn mi dòchas maith à Dia,
cha sleamhnuìch uam mo cheum.
2 Dhia, fionn mo chridh’, is m’aime fus,
fidir is ceasnuich mi.
3 Oir dhearc mi air do chaoimhneas gràidh:
a’d’ fhirinn ghluais mi, Dhè.

Gaelic Psalm 27

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 21:50

1 SE Dia mo sholus, is mo shlàint’,
cò chuireas eagal orm ?
‘S e neart mo bheatha Dia nan dùl,
cò chuireas fait’cheas fo’m?
2 Mo naimhde, m’eascairde, luchd-uilc,
tràth thàinig orm gu bras,
Gu gionach dh’itheadh m’fheòla suas,
fhuair tuisleadh, thuit gu cas.

3 Ged champaicheadh a’m’ aghaidh feachd,
cha-n eagal le mo chridh’:
Ged èireadh cogadh m’ aghaidh fòs,
à so mo bhun do ni.
4 Aon ni a mhiannaich mi o Dhia,
gu minic iarram e;
A bhi a’m’ chòmhnuidh feadh mo là
an tigh ‘s an àros Dè;

Gaelic Psalm 28

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 21:51

1 A Dhia, mo charraig, èigheam riut,
a’d’ thosd na bi-sa uam :
Eagal le d’ thosd, gur cosmhuil mi
ri dream thèid sìos do’n uaigh
2 Guth m’ athchuinge, tràth eigheam riut,
eisd thus’ an sin, a Dhe:
‘N uair thogas mi mo làmhan suas
gu d’ theampull naomha fèin.

Gaelic Psalm 29

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 21:53

1 Thugaibh, a laochraidh làidir threun,
do Thighearna nam feart,
Thugaibh do’n Tighearn ud faraon
glòir, urram, agus neart.
2 A’ ghlòir a’s cubhaidh fòs d’a ainm,
thugaibh do’n Dia ro-threun :
Sleuchdaibh do’n Tighearna faraon
am mais’ a naomhachd fèin.

3 Tha guth Dhè air n-uisgeachaibh ;
is fòs ni Dia na glòir’
Ard-thairneanach, is suidhidh e
air uisgibh làidir mòr’.
4 Tha guth an Tighearna gu beachd
mòr-chumhachdach is treun:
Tha guth an Tighearna faraon
làn moralachd ann fein.