Gaelic Psalms

Gaelic Psalm 150

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 07:04

1 Molaibhse  Dia. 'N a theampull naomh
molaibhse Dia gu mòr: 
'An speuraibh àrd' a chumhachd fòs 
molaibh e mar is còir.
2 Air son a ghnìomhara ro-threun,
molaibhse Dia 's gach àit ; 
A rèir a mhòrachd molaibh e, 
's a ghlòir a ta ro-àrd.

3 Le guth na trompaid mar an ceudn'
molaibhse Dia gu binn : 
Air clàrsaich seinnibh moladh dha, 
is air an t-saltair ghrinn.
4 Le tiompan thugaibh moladh dha, 
's an dannsadh mar an ceudn'; 
Le organ togaibh suas a chliu, 
's le inneal-ciùil nan teud.