Gaelic Psalms

Gaelic Psalm 140

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:50

1 O'n droch-dhuin' saor is teasairg mi,
O Dhia Iehobhah naoimh : 
O'n fhear a ta ri fòireigneadh 
dean dìdean dhonih gu caomh,
2 'N an cridh tha iad a' smuaineachadh
air aimhleas mòr gach là; 
Chum cath' is comhraig chruaidh tha iad 
air cruinneachadh a ghnàth.

Gaelic Psalm 141

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:51

1 O Dhia, a ta mi 'g eigheach riut,
dean deifir thugam fein; 
Is tabhair èisdeachd fòs do m' ghuth, 
tràth ghlaodham riut a'm' fheum.
2 Mar bholtrach tùis a'd' lathair suas,
mar sin biodh m'urnuigh riut; 
Is togail suas mo làmh, gu robh 
mar 'n ìobairt fheasgair dhuit.

Gaelic Psalm 142

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:52

1 Ghlaodh mi ri Dia le m' ghuth; is fos 
le m' ghuth rinn m'urnuigh ris.
2 Mo chaoidh 'n a fhianuis dhòirt mi mach, 
's mo thrioblaid dh'fhoillsich mis'.
3 Tràth bha mo spiorad bàite stigh,
'n sin b'aithne dhuit mo cheum ; 
'S a' bhealach san do shiubhail mi, 
gun fhios do leag iad lìon.

Gaelic Psalm 143

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:59

1 Ri m'urnuigh eisd, is aom do chluas
ri m'athchuinge, a Dhe ; 
A' d'fhìrinn, is a'd' cheartas àrd, 
gu gràsmhor freagair mi.
2 Na tionnsgain ann am breitheanas 
le t'òglach dìleas fèin :
Oir 's dearbh nach saorar duine beò 
a' d'fhianuis ann am binn.

3 Oir lean an nàmhaid eucòrach
le tòir gheir m'anam bochd, 
Mo bheatba thilg e sìos le tàir,
leag ris an làr gun iochd : 
Is chuir e mi an dorchadas
chum còmhnuidh ann gu truagh ; 
Is ionnan mi 's an dream gu dearbh
bhiodh fada marbh 's an uaigh.

Gaelic Psalm 144

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 07:00

1 Beannaicht' gu robh Iehobhah treun,
mo charraig e 's mo threòir ; 
Mo làmh a theagaisgeas gu cath, 
's gu comhrag mhaith mo mheòir :
2 Mo mhaith, mo dhìon,'s mo bhaideal àrd, 
mo shlànuighear, 's mo sgiath ;
'S e cheannsaicheas mo dhaoine fo'm 
mo mhuinghinn is e Dia.

Gaelic Psalm 145

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 07:00

1  Arduicheam thu,mo Dhia,'s mo Righ; 
t'ainm beannaicheam gu bràth.
2 Do t'ainm am feasd bheir mise cliu ; 
àrduicheam thu gach là.
3 Tha Dia Iehobhah mòr gu dearbh ;
ion-mholta Dia gu mòr : 
Cha-n fheudar meud a mhòrachdsan 
a rannsachadh gu leòr.

4 Molaidh gach àl do ghnìomhara
do'n àl a thig 'n an dèigh ; 
Is t'oibre cumhachdach ro mhòr 
sior-chuirear leò an cèill.
5 Urram do mhòrachd ghlòrmhoir fèin
cuiridh mi'n ceill gu beachd; 
Air t'oibribh iongantach gu lèir 
labhram, a Dhè nam feart.

Gaelic Psalm 146

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 07:01

1  DIA molaibh; mol, O m'anam, Dia.
2  Molaidh mi Dia ri m' bheò : 
Ard-seinnidh mise cliu do m' Dhia, 
ri fad mo rè s' mo lò.
3 Na earbaibh is na deanaibh bun
á prionnsaibh làidir treun'; 
No fòs á mac aoin duin' a t'ann, 
's gun fhurtachd ann ri feum.

Gaelic Psalm 147

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 07:02

1 MOLAIBHSE Dia; oir 's maith bhi seinn
àrd-mholadh binn d'ar Dia, 
Oir 's tlachdmhor e 's is maiseil sud 
bhi 'tabhairt cliu do'n Triath.
2 Suàs togaidh Dia Ierusalem; 
cruinnichidh e ri chèil',
An dream d'an d' rinneadh dìobaraich, 
do ghineal Israeil.

Gaelic Psalm 148

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 07:03

1 Molaibhse Dia. Ard-mholaibh fòs
Iehobhah mòr gu bràth, 
O nèamh nan speur ; molaibhse Dia, 
's na h-ionadaibh a's àird'.
2 Uil' aingle Dhè, mòr-mholaibh e : 
molaibh e, 'shluagh gu lèir.
3 O ghrian 's a ghealach, molaibh e. 
's a reulta glan nan speur.

4 O neamha àrd' nan uile nèamh,
is uisgeachan a ta
An còmhnuidh shuas os ceann nan speur, 
molaibhse Dia a ghnàth.
5 Thugadh iad cliu is moladh binn
do ainm Iehobhah threin ; 
Oir chuir e 'àithne mach le neart, 
is rinneadh iad d'a rèir.

Gaelic Psalm 149

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 07:04

1 Molaibhse Dia : is oran nuadh
seinnibh do Dhia gu caomh ;
Seinnibh a mholadhsan gu binn,
an coimhthional nan naomh.
2 Biodh Isra'l aoibhneach ann an Dia ;
an Ti a chruthaich e ; 
Deanadh clann Shioin gairdeachas 
'n an Righ air feadh gach re.

3 Is anns an dannsadh thugadh iad
d'a ainm-san moladh binn: 
A chliu le tiompan seinneadh iad, 
is leis a' chlàrsaich ghrinn.
4 Oir tha Iehobhah 'gàbhail tlachd
'n a phobull dìleas fein : 
Ro-sgiamhach fòs le 'shlàinte ni 
na daoine sèimh gu lèir.