Gaelic Psalms

Gaelic Psalm 130

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:30

1 O 'n doimhne, O Iehobhah Dhè, 
do ghlaodh mi riutsa suas.
2 Dhia, eisd ri m' ghuth gu furachar; 
's ri m'urnuigh crom do chluas.
3 Ma chomhraichear leat aingidheachd, 
a Dhè, cò sheasas riut ?
4 Ach agad-sa ta iochd : a chum 
gu'n striochdt' a'd' eagal dhuit.

5 Ri Dia tha mise feitheamh, fòs
tha m'anam feitheamh ris ; 
Is ann a bhriathar fìrinneach 
mo dhòchas cuiridh mis'
6 Tha m'anam bochd ni 's furachair'
a' feitheamh Dhè a ghnàth,
Na bhios luchd faire maidne fòs
ri sgarachdainn nan trath :

Gaelic Psalm 131

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:39

1 Mo chridhe cha-n 'eil àrdanach,
no fòs mo shùil, a Dhè ;
Nior ghluais mi ann an cùisibh mòr',
a's àirde na mi fèin.
2 Gu dearbh, mar naoidhean chaidh o'n chìch, 
chum mi mi fèin a'm' thosd:  
Mar naoidhean chaidh o chìch a mhàth'r, 
is amhluidh m'anam bochd.

3 Biodh dòchas maith aig Israel
an Dia Iehobhah treun, 
O'n aimsir so a nis a t'ann, 
's air feadh gach linn an cèin.

Gaelic Psalm 132

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:40

1 AIR Daibhidh deansa cuimhne, Dhe, 
's air uile àmhghar geur:
2 Mar thug e mionn' do Dhia, is bòid 
do Dhia ud Iacoib treun,
3 Do m'thigh cha tèid mi fein a steach, 
no air mo leabaidh suas:
4 Do m' shùilibh codal fòs cha leig, 
no do mo rosgaibh suain ;

5 Gu ruig an uair am faigh mi àit
do Dia Iehobhah treun, 
Is ionad-còmhnuidh bunaiteach 
do Dhia ud Iacoib fèin.
6 Feuch, ann an crìochaibh Ephrata,
do chuala sinn an sgeul; 
Air machaìribh nan coilltean dlùth, 
fhuair sinn e mar an ceudn'.

Gaelic Psalm 133

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:41

1 O feuch, cia meud am maith a nis,
cia meud an tlachd faraon, 
Bràithrean a bhi'n an còmhnuidh ghnàth 
an sìth 's an ceangal caoin.
2 Mar oladh phrìseil air a' cheann,
ruith air an fheusaig sìos, 
Air feusaig Aaroin, agus shruth 
gu iomall 'eudaich rìs.

3 Mar dhealt air Hermon,'s mar an drùchd
air slèiblitibh Shioin shuas ; 
'N sin dh'orduich Dia am beannachadh 
a' bheatha shiorruidh bhuan.

Gaelic Psalm 134

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:42

1 O oglacha Iehobhah mhòir,
beannaicbibh Dia a chaoidh ; 
Sibhse le 'n gnàth bhi 'n àros Dé 
'n 'ur seasamh feadh na h-oidhch'.
2 'Na theampull togaibh suas 'ur làmh, 
beannaichibh Dia nam feart.
3 Beannaicheadh Dia à Sion thu, 
rinn neàmh is làr le neart.

Gaelic Psalm 135

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:42

1 Molaibhse Dia, àrd-mholaibh fòs
deadh ainm Iehobhah threin, 
Is thugaibh cliù is moladh dha, 
òglacha Dhè gu lèir.
2 O sibhse ta 'n 'ur seasamh fòs
an tigh Iehobhah mhòir, 
An cùirtibh àluinn tigh' ar Dia, 
molaibh e mar is còir.

3 Molaibh an Tighearna, do bhrìgh
gu bheil e maith gach rè : 
D'a ainm-san seinnibh moladh ait, 
oir 's ni ro-thlachmhor e.
4 Oir Iacob fòs do ròghnaich Dia 
'n a thròcair mhòir dha fein : 
Dha fein mar ionmhas is mar sheilbh, 
do thagh e Israel.

Gaelic Psalm 136

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:43

1 O thugaibh buidheachas do Dhia,
do bhrìgh gur sàr-mhaith e ; 
Air son gu mair a thròcair chaomh, 
gu siorruidh feadh gach ré.
2 Thugaibh do Dhia nan uile dhia
mòr bhuidheachas le chèil'; 
Air son gu mair a thròcair chaomh, 
gu siorruidh feadh gach ré.

Gaelic Psalm 137

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:44

1 Aig sruthaibh coimheach Bhabiloin,
shuidh sinn gu brònach bochd ; 
An sin air Sion chuimhnich sinn, 
is ghuileadh leinn gu goirt.
2 Air gheugaibh seilich chrochadh leinn 
ar clàrsaichean an sin.
3 Oir iadsan a rinn braighde dhinn 
dh'iarr òran oirnn is gean :

Gaelic Psalm 138

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:48

1 LE m'uile chridh' àrd-mholam thu, 
àrd-mholam thu gu caomh
2 'N làthair nan dia. Is sleuchdam dhuit, 
m'aghuidh ri d'theampull naomh,
Is molam t'ainm, bhrìgh t'fhirinn cheirt 
's do chaoimhneis ghràdhaich fein :
Oir t'fhocal fiorghlan dh'àrdaich thu, 
os ceann t'uil' ainm' gu leir.

Gaelic Psalm 139

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:50

1 Do rannsuich thu 's is aithne dhuit 
mise, Iehobhah threin:
2 Mo shuidh', is m' èirigh 's aithne dhuit ; 
's lèir dhuit mo smuain an cèin.
3 Mo cheuma is mo luidhe sìos, 
do chuairtich thu gu dlùth ; 
Is air mo shlighibh fèin gu leir, 
's geur fhiosrach eòlach thu.