Gaelic Psalms

Gaelic Psalm 120

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:22

1 A'm' éigin ghlaodh mi suas ri Dia, 
is dh' èisd e rium gach rè.
2 O'n teangaidh chealgaich,m'anam saor; 
's o bheul nam breug, a Dhè.
3 Ciod bheirear dhuit, no nithear ort, 
a theangadh làn do ghò ?
4 Mar shaighdibh laoich, 's iad geuraichte, 
mar eibhlibh aiteil beò.

Gaelic Psalm 121

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:23

1 Mo shùile togam suas a chum 
nam beann, o'n tig mo neart.
2 O'n Dia rinn talamh agus nèamh, 
tha m'fhiurtachd uile teachd.
3 Cha leig do d' chois air chòir air bith
gu'n sleamhnuich i gu bràth ; 
Tàmh-neul cha tig sin air an neach 
's fear-coimhid ort a ghnàth.

Gaelic Psalm 122

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:24

1 BHA aoibhneas orm tràth thubhairt iad, 
Gu tigh Dhé theid sinn suas.
2 A'd' dhorsaibh, O Ierusalem, 
ar cosa seasaidh fòs.
3 Ierusalem mar chaithir i, 
thogadh gu dìleas dlùth ;
4 D'an teid na treubhan suas gu leir, 
's iad treubhan Dhé nan dùl:

Gu teisteas Israeil, a chum 
ainm Dhé gu moladh iad. 
6 Oir caithrichean chum breth tha'n sin; 
's le teaghlach Dhaibhidh iad.
6 Sior-ghuidhibh do Ierusalem 
sìth-shàimh is soluis mòr : 
A' mhuinntir sin le'n ionmhuinn thu 
soirbhicbidh iad gu leòr.

Gaelic Psalm 123

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:25

1  Mo shùile togam riutsa ta
'n còmhnuidh air nèamh nan speur,
2 Feuch, mar tha sùil nan seirbhiseach
air làimh am maighstir fèin, 
'S mar shùile banoglaich air làimh 
a ban-tighearn faraon,
Feithidh ar sùil air Dia, gus 'n dean 
e tròcair oirnn gu caoin.

3 Dean tròcair oirnn, Iebobhah Dhia,
dean tròcair oirnn gu luath ; 
Oir tha sinn air ar lìonadh làn 
do tharcuis is do fhuath.
4 Le fanoid luchd na seasgaireachd,
lìonadh ar n-anam bochd ; 
'S le spìd na muinntir ud a ta 
làn àrdain is an-iochd.

Gaelic Psalm 124

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:26

1 Nis is abradh Israel gu fior, 
mur biodh Iehobhah leinn :
2 Mur biodh Iehobhah as ar leth, 
tràth dh'eirich daoine ruinn ;
3 'N sin dheantadh leo ar slugadh beò, 
'n tràth las an corruich ruinn.
4 Is ruitheadh tharuinn tuilte bras, 
sruth làidir thar ar ceann.

Gaelic Psalm 125

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:27

1 Tha'n dream ni dòchas ann an Dia
mar shliabh Shioin a ghnàth, 
Nach feudar fòs a charuchadh, 
ach mhaireas ann gu bràth.
2 Ceart mar a ta na beannta tric
timchioll Ierusaleim, 
Tha Dia mar sin, a nis 's gu sìor, 
timchioll a phobuill fein.

3 Oir slat luchd-uilc cha ghabh i tàmh
air chrann nan daoine còir; 
Eagal gu'n sìn na fireanaich 
an làmh gu peacadh mòr.
4 An aitim ud tha maith, a Dhé,
do mhaitheas pàirtich leò ; 
Is leis an dream tha trèibhdhireach 
's 'nan cridhe ta gun ghò.

Gaelic Psalm 126

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:27

1 'N trath thug Iehobhah air a h-ais 
bruid Shioin, b' ionnan sinn
Is daoine chunnaic aisling mhòr, 
's a mhosgail as an suain.
2 Lìonadh ar beul le gàir an sin,
's ar teangadh fòs le ceòl; 
Am measg nan cinneach thubhairt iad, 
Rinn Dia dhoibh bearta mòr'.

Gaelic Psalm 127

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:28

1 Mur tog Iehobhah fein an tigh,
lucbd-togail tha iad faoin : 
Mur gleidh Iehobhah 'm baile fòs, 
luchd-faire chaill an saoth'r.
2 Dhuibh 's dìomhain bhi ri moch-eirigh,
san oidhch' ri caithris bhuain, 
Bhi 'g itheadh arain bròin ; mar sin 
d'a sheirein bheir e suain.

Gaelic Psalm 128

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:29

1 'S beannaicht 'gach aon neach air am bheil
eagal Iehobhah mhòir;    
Is ann an slighibh fiorghlan Dé
stiùireas a cheum air chòir.
2 Oir toradh gnìomh do làmha fèin,
ithidh tu e gu h-ait: 
Beannaichear thu gu mòr mar sin, 
's bidh sonas ort gu pailt.

Gaelic Psalm 129

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:30

1 Bu tric a chràidh iad mi o m' oig', 
deir Israel gu truagh:
2 O m' òige chràidh iad mi gu tric, 
gidheadh cha d' thug iad buaidh.
3 'N luchd-treabhaidh threabh ad air mo dhruim; 
tharruing iad claisean fad. 
4 Ach 's ceart Iehobhah, 's bhriseadh leis 
cordan nan daoi gu grad.