Gaelic Psalms

Gaelic Psalm 110

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 21:07

THUBHAIRT Iehobhah ri mo Thriath,
Bi d' shuidhe air mo dheis, 
T 'uil' eascairde gu'n cuir mi dhuit
'n an stòl fo bhonn do chois'. 
2 A Sion cuiridh Dia a mach
slat-shuaicheantais do neirt. 
'S am builsgean t'eascairde gu lèir
bi fèin a'd' uachdran ceart.

Gaelic Psalm 111

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:12

1 Molaibhse Dia, sior-mholams' e
le m'uile chridh' gu h-àrd ; 
An coimhthional nam firean còir', 
's a' chuideachd mhòir 's gach àit.
2 Tha gnìomharan an Tighearna
iomarcach mòr gu leir; 
Is leis an dream le'n tlachdmhor iad, 
rannsaichear iad gu geur.

3 Tha 'obair-san ro,urramach,
ro-ghlòrmhor i gun cheisd : 
Tha fireantachd Iehobhah fòs 
buan mhaireannach am feasd.
4 A ghnìomhara ro-iongantach,
air chuimhne chuir gu beachd: 
A ta Iehobhah gràsmhor caoin, 
is làn do thruacantachd.

Gaelic Psalm 112

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:13

1 O Thugaibh moladh mòr do Dhia:
's beannaicht' an ti gu beachd
D' an eagal Dia, 's a ghabhas toil
gu mòr d'a lagh 's d'a reachd.
2 Bidh 'shliochdsan làidir anns an tìr, 
's ro-bheannaicht' sìol nan saoi.
3 Bidh maoin is saoibhreas mòr 'n a thigh: 
bidh 'cheartas buan a chaoidh.

Gaelic Psalm 113

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:14

1 MOLAIBHSE Dia, O molaibh e,
òglacha dìleas De : 
Ard-mholaibh fòs gu h-urramach 
deadh aimn Iehobhah thréin.
2 Ainm Dhè biodh beannaichte gu mòr, 
o'n àm so is gu bràth.
3 O èirigh gu ruig luidhe gréin', 
ainm Dhé ion-mholta ta.

4 'S àrd thar gach tir Iehobhah mòr, 
's n ghlòir thar nèamha fòs.
5 Co 's coimeas ris an Tighearna 
ar Dia, ta chòmhnuidh shuas ?
6 'S esan an neach a chromas sìos, 
's a dh'islicheas e fèin,
Dh'amharc gach ni 's an talamh ta, 
's an nèamhaibh àrd' nan speur.

Gaelic Psalm 114

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:15

1 AIR teachd do Isra'l as an Eiph't,
's do Iacob mach o'n dream 
'G an robh an cainnt ro-chruaidh is dhorch 
aig coimhicheas an teang'.  
2 Bha Iudah dha mar chòmhnuidh naomh, 
bu rioghachd Isra'l leis.
3 Air faicinn sud, ghrad-theich an cuan ; 
sruth Iordain phill air ais.

Gaelic Psalm 115

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:18

1 Dhuinne cha-n ann, a Thriath, cha-n ann,
ach do t'ainm uasal fein    
Tabhair an cliu 's a' ghlòir, air sgàth 
do ghràis is t'fhìrinn rèidh.
2 C' arson a theireadh fineacha,
c'àit bheil an Dia a nis ? 
Ar Dia a ta air nèamh, is rinn
gach gnìomh bu toileach leis.

Gaelic Psalm 116

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:19

1 Is toigh leam Dia, air son gu'n d'èisd 
ri m' ghuth, 's ri m'urnuigh fòs.
2 A chionn gu'n d'aom e rium a chluais 
sior-èigheam ris ri m' bheò.
3 Chaidh umam dòruinn geur a bhàis,
ghlac piantan ifrinn mi:    
Theann-ghlacadh mi le trioblaid thruaigh, 
is àmhghar cruaidh do m' chlaoidh.

Gaelic Psalm 117

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:19

1 O thugaibh moladh mòr do Dhia,
gach fine t'ann fa leth ; 
Seadh molaibh Dia gu fonnmhor àrd, 
gach uile shluagh air bith.
2 Oir 's mòr a chaoimhneas tròcaireach,
a dheònuich a dhuinn fèin ; 
Tha firinn De sior-mhaireannach. 
Molaibh Iehobhah treun.

Gaelic Psalm 118

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:20

1 O molaibh Dia, oir tha e maith, 
sìor-mhairidh tròcair Dhe :
2 Abradh clann Israeil a nis, 
gur buan a ghràs gach re.
3 Tigh Aaroin abradh iad a nis, 
sìor-mhairidh tròcair Dhe.
4 Abradh an dream d'an eagal Dia, 
gur buan a ghràs gach rè.

5 A'm' èigin ghair mi air an Triath :
fhreagair e mi gu deas, 
An ionad farsuinn agus reidh 
shocruich e mi le treis.
6 Tha Dia Iehobhah air mo chrann,
cha-n eagal leam a chaoidh, 
Aon ni a dh'fheudas clann nan daoin' 
a dheanamh orm ga m' chiaoidh.

Gaelic Psalm 119

Submitted by Cailean on Mon, 12/12/2016 - 06:21

ALEPH
1 'S BEANNAICHT 'an dream tha foirfe glan
's an t-slighe dhìrich cheirt; 
An dream a ghluaiseas ann an lagh 
àrd-Tighearna nam feart.
2 'S beannaicht' an aitim ud faraon
le 'n coimhdear teisteas Dè,
'S a dh'iarras e gu dìchiollach,   
le 'n uile chridhe fèin.