Gaelic Psalms

Gaelic Psalm 100

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 20:04

1  Togadh gach tìr àrd-iolach glaoidh, 
do Dhia Iehobhah mòr.
2 Thigibh, is deanaibh seirbhis ait, 
'n làthair-san le ceòl.
3 Biodh agaibh fìos gur easan Dia, 
's e rinn sinn, 's cha sinn fein ; 
A phobull sinn, 's a chaoraich fòs 
dh'ionaltradh leis gu leir.

Gaelic Psalm 101

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 20:58

1 Breth cheart is tròcair canar leam ; 
Dhe, seinneam dhuit le ceòl.
2 Is iomchaiream mi féin gu glic
air slighe fhoirfe chòir. 
O c'uin do m'ionnsuidh-sa a thig
thu fein, a Dhia nam feart ? 
A steach a'm' fhàrdaich gluaisidh mi 
le cridhe fior-ghlan ceart.

Gaelic Psalm 102

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 20:59

1 Ri m' urnuigh eisd, Iehobhah Righ ; 
is ruigeadh ort mo ghlaodh.
2 Na foluich uam do ghnùis san là 
thig triobraid orm gach taobh:
'S an là an gairm mi ort gu geur, 
crom thugam fein do chluas ;
Is freagair mi gu deifireach, 
a' furtachd air mo chruas.

Gaelic Psalm 103

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 21:00

1 O m'anam, beannaich thusa nis
an Dia Iehobhah mòr: 
Moladh gach ni an taobh stigh dhiom 
'ainm naomha mar is còir.
2 O m'anam, beannaich fèin a nis
Iebobhah mòr do Dhia : 
Na dìchuimhnich na tiodhlacan 
a dheònuich dhuit an Triath.

Gaelic Psalm 104

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 21:01

1 O m'anam, beannaich thusa Dia :
mo Dhia, 's tu 'n Triath ro-mhòr; 
Tha thusa air do sgeadachadh 
le mòralachd is glòir.
2 Seadh chuir thu solus dealrach glan,
mar thrusgan umad fèin ; 
Is shìn thu mach, is sgàoileadh leat, 
mar chùirtein nèamh nan speur.

Gaelic Psalm 105

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 21:02

1  O thugaibh buidheachas do Dhia ;
air 'ainm-san gairìbh fèin; 
Is cuiribh fòs a ghnìomhara 
am measg nan sluagh an ceill.
2 Seinnibh do Dhia Iebobbah mòr,
sailm seinnibh dha gu binn; 
Is aithrisibh gu h-iomlan fòs 
na mìorbhuilean a rinn.

3 As 'ainm ro-naomhasan faraon
deanaibh deadh-uaill is glòir ; 
Biodh gairdeachas air cridh' an dream 
dh'iarras Iehobhah mòr.
4 Iarraibh Iehobhah mòr nam feart,
iarraibh a neart a ghnàth ; 
A ghnùis ta gràsmhior fàbharach, 
sìor-iarraibh i gu bràth.

Gaelic Psalm 106

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 21:03

O thugaibh moladh mòr do Dhia, 
is buidheachas faraon, 
Oir tha e maith, mairidh gu bràth 
a thròcair ghràsmhor chaoin.
2 Gnìomhara treun' Iehobhah mhòir,
cò dh'fheudas chur an ceill? 
Cò dh'fheudas fòs a chliu ro-mhòr 
a thaisbeanadh gu lèir ?

Gaelic Psalm 107

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 21:04

1 O thugaibh moladh mòr do Dhia,
is buidheachas faraon, 
Oir tha e maith, 's mairidh gu bràth 
a thròcair ghràsmhor chaoin.
2 Pobull Iehobhah shaoradh leis, 
labhradh mar so gun tàmh, 
A' mhuinntir ud a bhuin e saor 
a mach o làimh an nàmh:

3 Is as gach fearann is gach tìr 
do chruinnicheadh iad leis, 
O 'n àird an ear, 's o'n àird an iar, 
o'n àirde tuath, is deas.
4  'S an fhàsach iad air seachran chaidh
an ionad falamh fàs ; 
Is bail' air bith cha d'fhuaradh leo 
gu còmhnuidh ann no tàmh.

Gaelic Psalm 108

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 21:05

1 MO chrìdh' tha ann am fonn, a Dhè,
gu socair mar is còir ; 
Is seinnidh mi gu ceòlmhor dhuit, 
is molam thu le m' ghlòir.
2 Mosglaibh, is èiribh grad an àird, 
'shaltair 's a chlàrsach ghrinn : 
Mosglaidh mi fèin, is eiridh mi 
gu moch chum ceòl a sheinn,

Gaelic Psalm 109

Submitted by Cailean on Sun, 12/11/2016 - 21:06

1 O Dhia, ta t'aobhar molaidh dhoimh, 
gu balbh a'd' thosd na bi.
2 Oir beul nan daoi, 's nam fealltach tha
gnàth-fhosgailt' air mo thì: 
Le teangaidh bhreugaich labhair iad 
a'm' aghaidh-sa a ghnàth.
3 Chuairtich iad mìle briathraibh fuath': 
chuir cath orm gun chion-fàth.