Gaelic Psalms

Gaelic Psalm 10

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:41

1 CIOD uime ‘n seas thu fad o làimh,
Iehobhah làìdir thrèin ?
An aimsir teinn is trioblaid mhòir
ad dean thu d’fholach fèin ?
2 An droch dhuin’ tha na àrdan borb
gu dian aìr tòir a’ bhochd:
Ach glacar iad sna h-innleachdaibh
a dhealbh iad fèin chum lochd.

Gaelic Psalm 11

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:47

1 Mo dhòchas chuir mi ann an Dia;
ciod uime ‘n abradh sibh
Ri m’anam, chum mo chur air gheìlt,
teich as mar eun gu d’ shliabh ?
2 Feuch chuir na h-aingidh’ bogh air lagh,
air sreing an saighead ghleus,
Thilgeadh san dòrch’ an ti ta ceart
‘n a chridhe fòs ‘s ‘n a bheus.

Gaelic Psalm 12

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:49

1 Nis fòir, is cuìdich leam, a Dhè,
‘s gun deadh dhuin’ idir ann :
Na treibhdhirich measg chloinn nan daoin’
ri ‘m faghail tha roghann.
2 Labhraidh gach neach r’a choimhearsnach
a’ bhreug le miodal bèil;
Le cridhe dùbailt’ làn do cheilg,
. sior-labhraidh iad ri chèir.

Gaelic Psalm 13

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:53

1 CIA fhad a dhearmadar mi leat,
a Dhia, an ann gu bràth ?
Cia fhad a cheileas tu do ghnùis
o m’anam truagh gach tràth ?
2 Cia fhad bhios imcheist ann am chom,
le cridhe trom gach là ?
Cia fhad a chuirear tharum suas
an ti bha dhomh ‘n a nàmh ?

3 Tabhair fa’near, is freagair mi,
a Thighearna mo Dhia ;
Soillsich mo sliùile, codal trom
chum bàis nach coidil mi.
4 Eagal gu’n abair rium mo nàmh,
chaidh agam air a nis ;
‘S gu’n dean mo naimhdè gairdeachas,
an uair a dh’ aomar mis’.

Gaelic Psalm 14

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:55

1 ‘NA chridhe deir an t-amadan,
cha-n ‘eil ann Dia air bith:
Taid truaillidh, ‘s oillteil, fòs an gnìomh;
cha-n ‘eil ann neach ni maith.
2 An Tighearn dh’amhaìrc e o nèamh,
air cloinn nan daoine nuas:
A dh’fheuchainn an robh tuigs’ aig neach
Ba dh’iarradh Dia nan gràs.

Gaelic Psalm 15

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:56

1 Cò dh’fhanas ann ad phàillmn shuas ?
a Thighearna, cò e ?
Air do chnoc naomh cò ‘n ti siu leat
a chòmhnuicheas gach rè ?
2 An ti a ghluais gu treibhdhireach,
is ionracas a chleachd,
Labhras an fhìrinn sin a mach
a ta ‘n a chridhe steach.

Gaelic Psalm 16

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:58

1 DHIA, coimhid mi, oir annad fèin
a ta mo dhòigh gu fior ;
2 O m’anam, thubhairt thu ri Dia,
is tu mo Thriath gu sior.
3 Mo mhaitheas ort gu dearbh cha ruig;
ach air na naoimh a ta
Air thalamh, ‘s air na flaithibh fior,
‘g am bheil mo ghean ‘s mo ghràdh.

Gaelic Psalm 17

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 20:05

1 EISD thus’, a Thighearn, ris a’ choir,
mo ghlaodh thoir aire dha;
Is cluinn an urnuigh thig a mach
o m’ bheul gun bhreug, gun ghò.
2 Mo bhreth o d’ fhianuis thigeadh i :
le d’ shùìlibh lèirsinneach,
Seall air na nithibh sin, a Dhe,
ta ceart is cothromach.

Gaelic Psalm 18

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 20:06

1 Mo chion ort fèm, a Dhia, mo threis.
2 Mo charraig Dia gu ceart,
Mo dhaingneach, is mo Shlànuighear :
mo Thighearn, is mo neart:
An ti ‘s an cuir mi dòchas fòs,
mo thargaid is mo sgiath,
Adharc mo shlàinte e gu beachd,
mo bhaideal àrd ‘s e Dia.’

3 Nis gaiream air an Tighearna,
d’an dlighear moladh sior:
Mar sin o m’eascairdibh gu lèir
coimhidear mi gu fior.
4 Chuir tuilte dhroch dhaoin’ eagal orm,
chaidh umam guin an èig.
5 Pian ifrinn agus liontan bàis,
romham ‘s gach àite feuch.

Gaelic Psalm 19

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 20:08

1 GLÒIR Dhè làn-fhoillsichidh na nèamh,
‘s na speura gnìomh a làmh.
2 Tha là a’ deanamh sgeil do là,
is oidhche dh’oidhch’ gun tàmh
A’ teagasg eòlais, anns gach àit.
3 Oir cha-n ‘eil ionad ann,
No càinnt, no uirghioll fòs air bith,
nach cual an guth gach àm.