Gaelic Psalms

Gaelic Psalm 1

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:03

1 O BEANNAICHT’ an duine sin nach gluais
‘an comhairie nan daoi,
‘An slighe fhiair nan peacach baoth’,
‘n a sheasamh fòs nach bi;
‘An caithir fanoid luchd an spòrs
nach togair suidh’ gu bràth:
2 Ach ‘g am bheil toil do naomh-reachd Dhè,
‘g a smuaineach’ oidhch’ is là.

Gaelic Psalm 2

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:10

1 C’ARSON a ghabh na Cinnich boil’,
‘s na slòigh le chèile cruinn,
A’ smuaineachadh beairt dhìomhanaich,
nach feudar chur an suim ?
2 Rìghre na talmhainn dh’èirich suas,
‘s na h-uachdarain gu lèir;
‘N aghaidh lehobhah chruinnich iad;
‘s ‘n aghaidh aoin ungta Dè.

Gaelic Psalm 3

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:16

1 NACH lionmhor iad mo naimhde, Dhia
sìor-dhol am meud gach là ?
Is luchd mo thrioblaid iomadh iad,
ag èirigh rium a ghnàth.
2 Bi m’anam iomadh their nach ‘eil
aon fhurtachd aig an Dia:
3 Ach ‘s tu fear-togalach mo chinn,
mo ghlòir, is tu mo sgiath.

Gaelic Psalm 4

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:22

1 O THUSA Dhia ud m’ionracais,
èisd rium tràth èigheam riut;
‘S tu dh’fhuasgail orm ‘s mi ann an teinn;
fòir orm, is èisd mo scread.
2 Mo ghlòir cia fhad, a chlann nan daoin’,
gu nàire chaochl’eas sibh ?
A’ tabhairt gràìdh do dhìomhanas,
is leanas breugan ruibh ?

Gaelic Psalm 5

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:25

1 Do m’ bhriathraibh tabhair aire, Dhè,
is beachdaich air mo smuain.
2 Eisd guth mo ghlaoidh, mo Righ ‘s mo Dhia.
oir guidheam ort gu dian.
3 Mo ghuth do chluinnear leat, a Dhè,
air maduinn gach aoin là :
Gu moch do dheanam urnuigh riut,
is dearcam ort a ghnàth.

Gaelic Psalm 6

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:26

1 A THIGHEARN, ann ad chorruich mhòir
na cronuich mi gu garg;
Na dean mo smachdachadh gu geur,
an uair a lasas t’fhearg.
2 Dean tròcair orm, a Dhia nan gràs,
oir lag tha mi gun cheisd :
Dhia, slànuich mi a nis a’m’ fheum,
oir tha mo chnàmhan brist’.

Gaelic Psalm 7

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:32

1 O DHIA, mo Thighearn, earbam riut:
orm furtaich agus fòir,
Is saor mi fòs o shàruchadh
mo nàimh tha orm an tòir.
2 Air eagal, mar ni leòmhan treun,
gu’n reubar m’anam leis:
A’ deanamh liodairt air gu nùn,
gun neach ga m’ fhuasgladh as.

3 Iehobhah Dhè, ma rinn mi so;
ma tha lochd air mo làimh :
4 Ma dh’loc mi olc do’n fheaf a bha
an sìochant dhomh, ‘s an dàimh ;
(Ni h-amhluidh sin, ach rinn mi’n ti
a thèasairginn gu blàth,
A bha gun aobhar is gun chùis
‘n a nàmhaid dhomh gach là.)

Gaelic Psalm 8

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:37

1 IEHOBHAH Dhia, cia mòr tha t’ainm
air feadh gach uile thìr!
Do ghlòir do shocraich thu os ceann
nam flaitheas is nan speur.
2 A beul nannaoidh’s nan ciochran maoth’
bhrigh t’eascair dh’orduich neart,
An nàmhaid chum gu coisgeadh tu,
‘s an dioghaltach mi-cheart.

Gaelic Psalm 9

Submitted by Cailean on Fri, 12/09/2016 - 19:40

1 LE m’uile chridhe bheir mi dhuit,
àrd-mholadh binn, a Dhe ;
Is t’oibre mìorbhuileach air fad
sior chuiridh mi an ceill.
2 Fòs ni mi annad aoibhneas ait,
is gairdeachas gu mòr:
Do t’ainm-sa seinnidh mise cliu,
O Thi a’s àirde glòir.

3 A rìs tràth phillear air an ais,
mo naimhde, thèid gu làr;
Oir fuitidh iad is thèid doibh as,
a’d'fhianuis fèin gun dàil.
4 Mo chòir rinn thusa sheasamh dhomh,
gu daingean is gu treun:
A’d’ chaithir chothroim shuidh thu shuas,
mar bhreitheamh ceart am binn.