Gaelic Prayers

11 Urnuigh Fheasgair, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:47

Evening Family Prayer

O Dhia ghlòrmhoir agus shiorruidh ! is tusa Cruithfhear nèimh agus talmhainn, an t-Athair uile-chumhachdach. Is tu cuideachd Athair ar Tighearna agus ar Slànuighir, Iosa CRIOSD, agus anns an dàimh shòlasaich so, tha sinne ag irraidh teachd am fagus duit, O DHIA nan uile ghràs agus nan uille chomhfhurtachd, a chruthaich, a bheathaich, a shaor, agus chùm gu ruig so beò sinn.

12 Urnuigh Mhaidne, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:50

Morning Family Prayer

O Dhia uile chumhachdaich agus uile-ghràsmhoir, a thà, a bhà, agus a bhitheas ! Is tusa Righ nan uile rìghrean, agus Tighearna nan uile thighearnan. Is ann duit a bhuineas do gach glùn lùbadh, is do gach anam aoradh agns urram a dhìoladh. Tha thu uile-làthaireach agus uile-fhiosrac, a lionadh nèimh agus talmhainn, s a faicinn an aingidh agus an fhìrein ; agus tha eadhon smaointe dìomhair a chridhe rùisgte ann a t fhianuis.

13 Urnuigh Fheasgair, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:52

Evening Family Prayer

O DhiA agus Athair uile-ghràsmhoir ! tha thusa làn-eòlach air ar laighe sìos agus air ar n-èirigh suas ; tha thu mun cuairt dar ceum agus dar leabaidh ; air an aobhar sin tha sinn le mothachadh air do làthaireachd a tairgse teachd am fagus duit san àm so, a chum an là agus an t-seachduin a chodhùnadh le aoradh agus le urnuigh. O gun cuidicheadh do SPIORAD leinn so a dheanamh mar ann an làthair an DIA sinn a rannsaicheas an cridhe, s a sgrùdas àirnean chlanna nan daoine.

14 Urnuigh air son Teaghlaich, nuair a bhios aon dhiubh tinn

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:56

Family Prayer, for when a family member is ill

O Dhia uile-ghlòrmhoir agus urramaich ! ann ad làimh-sa tha bàs agus beatha ; is tù a lotas agus a leighiseas, a bheir gu bruaich na h-uaighe agus a thogas suas a rìs. Air nèamh agus air talamh tha thusa deanamh mar is àill leat, is cò dh fhaodas a ràdh riut, Ciod a tha thu deanamh ?-Gidheadh tha thusa ceart ann ad uile shlighe, naomh ann ad uile ghnìomh, is maith ann ad uile fhreasdal do chloinn nan daoine.

17 Urnuigh air son Teaghlaich, aig toiseach no aig deireadh bliadhna

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 22:00

Family Prayer, at the beginning or the end of the year

O IEHOBHAH shiorruidh agus uile-chumachdaich! tha thusa làn-shona annad fèin, agus is ann uait a tha gach bith, gach buaidh, agus beannachd a sruthadh a nuas gu t uile chreutairean. Mun do ghineadh na slèibhtean, is mun do leagadh stèidh an domhain, bhà thusa ; o shiorruidheachd gu siorruidheachd is tù DIA !

18 Urnuigh roimh Shuipeir an Tighearna

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 22:02

Prayer for before the Lords Supper

Is naomha, naomha, naomha, Thusa O Thighearna DHIA nan sluagh ! agus is naomh a bhuineadh dhoibh-san a bhith leis am b àill teachd dlùth dhuit. Tha na h-aingil as àirde a falalch an gnùise le n sgiathan, agus a tilgeadh an crùin sìos aig stòl do choise nuair a thig iad am fagus dhit-sa, thoirt luaidh o t ainm. Cia mò gu mòr a bhuineas do dhuslach agus do luaithre mar tha sinne bhith air ar lìonadh le urram agus eagal naomh ann ad làthair.

19 Urnuigh an dèidh Suipeir an Tighearna

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 22:03

Prayer for after the Lords Supper

O DHIA ghlòrmhoir agus bheannaichte ! tha thusa air t àrdachadh os ceann cliù agus smaointe dhaoine agus aingeal; gidheadh tha thu g ad irisleachadh fèin a dh amharc òirnne, s ag ceadachadh dhuinn teachd am fagus duit le muinighin cloinne. Cliù dhuit air son t irisleachd agus do ghràidh dhuinn air na h-uile dòigh, ach gu h-àraid ann a t aon Mhac a thoirt seachad gu bàs a chùm ar saoradh. An so gun amharus tha gràdh, chan e gun do ghràdhaich sinne DIA, ach gun do ghràdhaich DIA sinne.