Gaelic Prayers

1 Urnaigh teaghlaich airson madainn la an Tighearna

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 20:57

Family Prayer for Sunday Morning

O Dhia ghlòrmhoir agus ghràsmhoir, Athair ar Tighearn agus ar Slànuighir IOSA CRIOSD ! Tha sinne, do chreutairean, ag iarraidh teachd am fagus dhut, trìd an Eadar-mheadhonair, a chum aoradh agus urram a thoirt dhut, mar is cubhaidh do Ughdar ar bith, agus do stèidh ar sonais is ar dòchais. Cò nach tugadh glòir dhut-sa, O DHIA ; cò nach cliùthaicheadh d' ainm, O! a Righ nan naomh !

2 Urnuigh mhaidne, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:11

Morning Family Prayer

O DHE ghlòrmhoir agus naomha, bheannaichte agus mhaith, a chruthaich sinne, s a chùm gu ruige so beò sinn ! tha sinn a tairgse, air maduinn an là so, sleuchdadh aig stòl do choise, gu d mhaitheas aideachadh s gu d thròcair iarraidh. Is Tusa, O Fhir-faire Israeil air nach aom cadal no suain, a ghlèidh tearuinnte sinn air feadh na h-oidhche a chaidh seachad, s a thug air an là nuadh so deakadh òirnn. Bha do ghàirdean mu thimchioll ar fàrdaich agus ar leapa, s rinn thu ar coimhead an am ar cadail, o uile chunnartan agus uamhasan na h-oidhche.

3 Urnuigh Fheasgair, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:13

Evening Family Prayer

O THIGHEARNA Dhia! is tusa Righ nan righrean agus Tighearna nan tighearnan ; tha do rioghachd os ceann na h-uile rioghachd, is tuachdranachd o linn gu linn. Tha thu neo-chrìochnach ann an gliocas, ann an cumhachd is ann an tròcair : is tù uime sin stèidh dòchais chloinn nan daoine. Co dhionnsuidh thèid sinn ach do t ionnsuidh-sa ; air is tù a mhàin on tig ar cobhair ?

4 Urnuigh Mhaidne, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:15

Morning Family Prayer

O DHE shiorruidh agus uile-chumhachdaich ! is tusa tobar gach bith, gach buaidh, agus gach beannachd. Tha t ainm àrd agus ionmholta, tha do mhorachd do-rannsachaidh s chan fhaodar le neach air bith do thiodhlacan àireamh no do mhaitheas innseadh. Cionnas, matà is urrainn sinne chur an cèill, creutairean aig am bheil ar stèidh anns an duslach ?

5 Urnuigh Fheasgair, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:19

Evening Family Prayer

O DHIA ghlòrmhoir, bheannaichte, mhaith ! is tusa an Righ siorruidh, neo-bhàsmhor, agus neo-fhaicsmneach aig a bheil do chòmhnuidh ann an solus, nach faod suil bhasmhor fhaicinn s a bhith beò. Ann ad shealladh-sa chan eil nèamh agus talamh ach mar neo-ni s na slòigh a tha gan aiteachadh mi neo ni is mar dhìomhanas. Gidheadh, tha thu gad insleachadh fèin a dh amharc oirnne, s a toirt fa-near gach aon againn, mar nach biodh creutair sam bith an earbsa ruit ach sinn fèin.

6 Urnuigh Mhaidne, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:21

Morning Family Prayer

O DHIA ghlòrmhoir agus naomha, a chruthaich an domhan s a tha do ghnàth ga riaghladh is ga chumail suas ! tha sinne le urram diadhaidh a tairgse teachd am fagus duit air maduinn an là so, chum do chliùthachadh mar ar Cruithfhear ar n-àrd fhear-comaine, ar fear-tearnaidh agus ar fear-saoraidh. Tha ar bith agus ar beatha, O Dhia ! ann ad làimh is tha do freasdal caomh ag gabhail cùram dhinn anns gach àm is anns gach ionad. Chan eil là no oidhche, moch no anmoch, nach eil a toirt mìle dearbhadh dhuinn air do thròcair is air do mhaitheas.

7 Urnuigh Fheasgair, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:24

Evening Family Prayer

O DHIA ghlòrmhoir aig a bheil do chòmhnuidh ann an solus ! tha 'n oidhche 's an là cho-ionann duit-sa ; chan urrainn dorchadas no sgàile bàis luchd-deanamh na h-aingidheachd fhalach as do shealladh ; tha dìomhaireachd a' chridhe aithnichte dhuit, agus is lèir dhuit uile smaointe chloinn lan daoine. 'S ann le eagal naomh agus le urram a bhuineas luinne, air an aobhar sin, teachd gu t' fhianuis, O DHIA uile-àthairich, uile-lèirsnich, agus uil'-fhiosraich.

8 Urnuigh Mhaidne, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:41

Morning Family Prayer

O THIGHEARNA DhiA, uile naomh ! tha sinne do chreutairean truagha, a' tairgse, air maduinn an là so, teachd am fagus duit ann an ainm aon Mhic do ghràidh, a dh' iarraidh do thròcair, agus a dh' aideachadh do mhaitheis. O deònaich, 'nuair a tha sinn a' teachd am fagus duit le'r beoil, nach bi ar cridheachan fuar no fada uait, ach gu'n toir sinn aoradh dhuit ann an Spiorad is ann am firinn, leis na h-uile urram diadhaìdh agus muinighin.

9 Urnuigh Fheasgair, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:43

Evening Family Prayer

O DHIA uile-mhaith agus uile thròcairich! tha sinne a' teachd do t' ionnsuidh mar chloinn a chùm an Athar, ag creidsinn gu bheil thu uile-chomasach, uile-ghlic, agus uile-ghràsmhor, 's gur ann duit a bhuineas na h-uile shaoghal agus na h-uile nithe. Tha sinn air an aobhar sin a' teachd do t' ionnsuidh air son gach ni tha feumail duinn a chùm beatha agus diadhachd.

10 Urnuigh Mhaidne, air son Teaghlaich

Submitted by Cailean on Sat, 12/10/2016 - 21:45

Morning Family Prayer

O Dhia ghlòrmhoir, shiorruidh agus bheannaichte ! o bheil na h-uile shonas agus bheannachd a sruthadh a nuas, tha sinne do chreutairean ag iarraidh sinn fèin a thaisbeanadh ann ad làthair, leis gach uile urram agus irisleachd, trìd Iosa CRIOSD ar n-Eadar-mheadhonar. O! seall òirnn ann an iochd, mar is gnàth leat a dheanamh air a mhuinntir sin aig a bheil gràdh do t ainm, is leis an àill do thoileachadh.